Scottish flag The Book of Common Prayer
United States England Scotland Ireland Wales Canada World

    The Book of Common Prayer in Scots Gaelic:
Holy Communion (Scottish Rite)

 

SEIRBHIS A' CHOMANACHAIDH


A REIR CLEACHDAIDH

EAGLAIS NA H-ALBA.

[1896.]

leaf

 

 

AR n-Athair a tha air nèamh, naomhaichear d' Ainm. Thigeadh do rìoghachd. Deanar do thoil air an talamh mar thatar a deanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith dhuinn ar cionta, mar a mhaitheas sinne dhoibh-san a tha 'ciontachadh 'n ar n-aghaidh. Agus na leig 'am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen.
 

Lord's Prayer

An Guidhe.

A Dhé Uile-chumhachdaich, d'am bheil gach cridhe fosgailte, gach miann aithnichte, agus o nach 'eil ni uaigneach air bith folaichte: glan smuaintean ar cridheachan le deachdadh do Spioraid naoimh, a chum gu'n toir sinn gràdh iomlan dhuit, agus gu'n àrdmhol sinn gu h-iomchuidh d'Ainm naomh, tre Chriosd ar Tighearn. Amen.

An sin their an Sagart, a' tionndadh ris an t-sluagh, le guth soilleir na DEICH AITHEANTAN uile; An sluagh ré na h-ùine air an glùinibh, agus ag iarraidh tròcair Dhé air son cionta gach dleasnais annta; aon chuid a réir na litreach, no 'réir seadh dìomhair na h-Aithne cheudna.
 

 

Collect for Purity

LAbhair Dia na briathra so agus thubhairt e, Is mise an Tighearn do Dhia: Na bitheadh dée sam bith eile agad a' m' làthair-sa.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an Lagha so.

Sagart.

    Na dean dhuit féin dealbh snaidhte, no coslas sam bith a dh' aon ni, a tha 's na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no 's na h-uis geachaibh fo 'n talamh. Na crom thu féin sìos doibh, agus na dean seirbhis doibh: oir mise an Tighearn do Dhia is Dia eudmhor mi, a' leantuinn aingidheachd nan aithrichean air a' chloinn air an treas agus air a' cheathramh ginealach dhiubh-san a dh' fhuathaicheas mi agus a' nochdadh tròcair do mhìltibh dhiubh-san a ghràdhaicheas mi, agus a choimhideas m' Aitheantan.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan, &c.

Sagart.

    Na tabhair Ainm an Tighearna do Dhé 'an dìomhanas: oir cha mheas an Tighearn neòchiontach esan a bheir 'Ainm 'an dìomhanas.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan, &c.

Sagart.

    Cuimhnich là na Sàbaid a naomhachadh. Sè làithean sáothraichidh tu, agus ni thu d' obair uile. Ach air an t-seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhé : air an là sin na dean obair sam bith, thu féin, no do mhac, no do nighean, d' òglach, no do bhanoglach, no d' ainmhidh, no do choigreach a tha 'n taobh a stigh de d' gheataibh. Oir ann an sè làithibh rinn an Tighearn na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach ni a tha annta, agus ghabh e fois air an t-seachdamh là: air an aobhar sin bheannaich an Tighearn là na Sàbaid, agus naomhaich se e.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan, &c.

Sagart.

    Tabhair onoir do d' athair agus do d' mhàthair: a chum gu'm bi do làithean buan air an fhearann a tha 'n Tighearn do Dhia a' toirt dhuit.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan, &c.

Sagart.

    Na dean mortadh.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan, &c.

Sagart.

    Na dean adhaltranas.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan, &c.

Sagart.

    Na dean gadachd.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan, &c.

Sagart.

    Na sanntaich tigh do choimhearsnaich, na sanntaich bean do choimhearsnaich, no 'òglach, no 'bhànoglach, no 'dhamh, no 'asal, no aon ni a's le do choimhearsnach.

Sluagh.

    A Thighearna dean tròcair oirnn, agus sgrìobh do laghan so uile 'n ar crìdheachaibh, tha sinn a' guidhe ort.

Air neo 'an àite nan Deich Aitheantan Suim an Lagha.

THubhairt Iosa, Gràdhaichidh tu an Tighearn do Dhia le d' uile chridhe, àgus le d' uile anam, agus le d' uile inntinn. Is i so a' cheud àithne agus an àithne mhòr. Agus is cosmhuil an dara rithe so, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu féin. Air an dà aithne so tha 'n lagh uile agus na fàidhean 'an crochadh.

    Sluagh. A Thighearna dean tròcair oirnn, agus sgrìobh do laghan so 'n ar cridheachaibh, tha sinn a' guidhe ort.

An sin leanaidh aon de na Guidhibh so, agus an Guidhe air son an là, an Sagart a' seasamh a suas agus ag ràdh,
 

Ten Commandments

Deanamaid urnuigh.

O 'Thighearna Uile-chumhachdaich, agus a Dhé mhaireannaich, deònaich, tha sinn a' guidhe ort, araon ar cridheachan agus ar cuirp a stiuradh, a naomhachadh agus a riaghladh, ann an slighibh do laghannan, agus ann an oibribh d' àitheantan, a chum tre do dhìdean ro chumhachdaich, araon an so agus gu sìorruidh, gu'm bi sinn air ar gleidheadh gu tèaruinte ann an corp agus ann an anam; trìd ar Tighearna agus ar Slànuidhir Iosa Criosd.   Amen.

Air neo,

A Dhé Uile-chumhachdaich, tha do rìoghachd sìor-mhaireannach, agus do chumhachd neo-chrìochnach; Dean tròcair air d' Eaglais naoimh choitchionn; agus anns an Eaglais àraidh so 's am bheil sinn a' càitheamh ar beatha stiuir mar sin cridhe do sheirbhisich thaghta BHICTORIA, ar Ban-righinn agus ar Riaghladair, a chum (air do eòlas a bhi aice cò d' am bheil i 'frithealadh) os ceann nan uile nithe gu'n iarr i d' onoir agus do ghlòir: agus gu'n toir sinne agus a h-ìochdarain uile (gu ceart a' toirt fainear cò uaith tha ùghdarras aice) seirbhis dhìleas, onoir, agus géill gu h-ùmhal dhi, annad-sa, agus air do shon-sa, a réir d' Fhocail agus d' orduigh bheannaichte; trìd Iosa Criosd ar Tighearna, a tha maille riut-sa agus ris an Spiorad Naomh, beò agus a' riaghladh, sìor aon Dia, saoghal gun chrìoch.   Amen.

Air neo,

A Dhé Uile-chumhachdaich agus shìormhaireannaich, tha sinn air ar teagasg le d' Fhocal naomh, gu bheil cridheachan Rìghrean fo d' riaghladh agus fo d' stiuradh, agus gu bheil thu 'g an aomadh agus 'g an tionndadh mar a tha thu 'faicinn iomchuidh ann ad ghliocas diadhaidh; Gu h-ùmhal tha sinn a' guidhe ort cridhe do Sheirbhisich BHICTORIA, ar Ban-righinn agus ar Riaghladair aomadh agus a stiuradh, a chum, 'n a h-uile smuaintibh, bhriathraibh, agus oibribh, gu'n sìor-iarr i d' onoir agus do ghlòir, agus gu'm bi i durachdach a ghleidheadh do shluaigh a chuir thu fo a curam, ann an soirbheachadh, sìth, agus diadhachd: Deònaich so, O Athair thròcairich, air sgàth do Mhic ionmhuinn, Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

Dìreach an déigh nan Guidhean, Leughaidh an Sagart an Litir, ag ràdh mar so; Tha 'n Litir sgrìobhta anns an —— Caibideil de aig an —— rann. Agus an uair a chrìochnaicheas e, their e: 'An so tha 'n Litir a' crìochnachadh. Agus air do 'n Litir crìochnachadh, leughar an Soisgeul, an Sagart ag ràdh: Tha 'n Soisgeul naomh sgrìobhta anns an —— Caibideil de —— aig an —— rann. Agus an sin their no seinnidh an Sluagh uile gu cràbhach, 'n an seasamh, Glòir gu'n robh dhuit-sa, O 'Thighearna. Aig deireadh an t-Soisgeil, their an Sagart: Mar so tha 'n Soisgeul naomh a' crìochnachadh, agus their no seinnidh an Sluagh anns an dòigh cheudha, Buidheachas gu'n robh dhuit-sa, O 'Thighearna, air son do Shoisgeil Ghlòrmhoir so. Agus air do'n t-Soisgeul crìochnachadh, theirear no seinnear a' Chreud so, na h-uile fathast a' seasarnh le urram.
 

 

Collects

THa mi 'creidsinn ann an aon Dia an t-Athair Uile-chumhachdach, Cruithfhear nèimh agus talmhainn, Agus nan uile nithe faicsinneach agus neo-fhaicsinneach.
    Agus ann an aon Tighearn Iosa Criosd, aonghin Mhic Dhé, A ghineadh o 'Athair roimh na saoghail uile, Dia de Dhia, Solus de Sholus, Fìor Dhia de dh' fhìor Dhia, Ginte, cha-n ann deanta, Air dha 'bhi de 'n aon nadur ris an Athair; Leis an d' rinneadh na h-uile nithe, A thàinig as ar leth-ne daoine, agus air son ar sàbhalaidh a nuas o nèamh, agus a ghabh feòil air féin leis an Spiorad Naomh de'n Oigh Muire, Agus a rinneadh 'n a dhuine, Agus a cheusadh mar an ceudna air ar son-ne fo Phontius Pilat. Dh' fhuiling e agus dh' adhlaiceadh e, Agus air an treas là dh' éirich e rìs a réir nan Sgriobtuirean, Agus chaidh e suas gu nèamh, Agus a tha e 'n a shuidhe air deas làimh an Athar. Agus thig e rìs le glòir a thoirt breth araon air na beòthaibh agus air na mairbh: Air a rìoghachd cha bhi crìoch.
    Agus tha mi 'creidsinn anns an Spiorad Naomh, An Tighearn agus Tabhartair beatha, A tha 'teachd o'n Athair agus o'n Mhac, A tha maille ris an Athair agus ris a' Mhac maraon air 'aoradh agus air a ghlòrachadh, A labhair leis na Fàidhibh. Agus tha mi 'creidsinn aon Eaglais Choitchionn agus Abstolaich. Tha mi 'g aideachadh aon Bhaistidh a chum maitheanais pheacaidhean, Agus tha dùil agam ri Aiseirigh nam marbh, Agus ri beatha an t-saoghail a tha ri teachd.   Amen.

An t-Searmoin.

Nicene Creed

An Earail.

A Mhuinntir ro ionmhuinn anns an Tighearn, sibhse leis an àill teachd a dh' ionnsuidh Comanachaidh naoimh cuirp agus fola ar Slànuidhir Criosd, feumaidh sibh a thoirt fainear ciod a tha N. Pòl a' sgrìobhadh chum nan Corintianach; cionnus a tha e ag earalachadh
air na h-uile neach iad féin a rannsachadh agus a cheasnachadh gu dùrachdach, mu'n gabh iad de dhànadas itheadh de'n aran sin, agus òl de'n chupan sin. Oir mar a tha an t-sochair mòr, ma ghabhas sinn an t-sàcramaid naomh sin le cridhe fìor aithreach agus le creidimh beòthail, (oir an sin tha sinn ag itheadh feòla Chriosd, agus ag òl 'fhola air mhodh spioradail; an sin tha sinn a' gabhail còmhnuidh ann an Criosd, agus Criosd annainne; is aon sinn maille ri Criosd agus Criosd maille ruinne) mar sin tha 'n cunnart mòr, ma ghabhas sinn i gu neo-iomchuidh; oir an sin tha sinn ciontach de chorp agus de dh' fhuil Chriosd ar Slànuidhir; tha sinn ag itheadh agus ag òl breitheanais dhuinn féin, gun a deanamh aithne air corp an Tighearna; tha sinn a' lasadh corruich Dhé 'n ar n-aghaidh; tha sinn 'g a bhrosnachadh chum ar pianadh le caochladh easlaintibh agus le iomadh gnè bàis. Air an aobhar sin, a bhràithrean, thugaibh breth oirbh féin a chum nach toir an Tighearn breth oirbh: deanaibh fìor aithreachas air son 'ur peacaidhean a rinn sibh; bitheadh creidimh beòthail agus daingean agaibh ann an Criosd ar Slànuidhear; ath-leasaichibh 'ur beatha, agus bithibh ann an gràdh foirfe ris na h-uile dhaoinibh: mar sin bithidh sibh 'n 'ur luchd-comhpairt iomchuidh de na dìomhaireachdaibh naomha sin. Agus, os ceann nan uile nithe, feumaidh sibh buidheachas ro ùmhal agus bho 'r n-uile chridhe a thoirt do Dhia an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh, air son saoradh an t-saoghail, le bàs agus ie fulangas ar Slànuidhir Criosd, araon Dia agus duine, a dh' irioslaich e féin eadhon do'n bhàs air a' chrann-cheusaidh air ar son-ne peacaich thruagh', a bha 'n ar luidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a' bhàis, a chum gu'n deanadh e sinn 'n ar cloinn do Dhia, agus gu'n àrdaicheadh e sinn gu beatha shìor-mhaireannaich. Agus a chum gu'n gnàth-chuimhnicheamaid gràdh anabarrach ar Maighistir agus ar n-aon Slànuidhir Iosa Criosd mar so a' bàsachadh air ar son, agus na sochairean gun àireamh a choisinn e dhuinn le dòrtadh 'fhola luachmhoir, shuidhich agus dh' orduich e dìomhaireachdan naomha, mar dhearbhaidhean air a ghràdh, agus mar ghnàth-chuimhneachan air a bhàs, a chum ar comhfhurtachd mhòir' agus neo-chrìochnaich. Uime sin dhà-san, maille ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, thugamaid (mar a tha gu ro shònraichte mar fhiachaibh oirnn) a ghnàth buidheachas, 'g ar strìochdadh féin gu h-iomlan d'a thoil agus d'a riar naomh, agus a' deanamh dìchill air seirbhis a thoirt dha ann am fìor naomhachd agus 'an ionracas uile iàithean ar beatha.   Amen.

An sin their an Sagart, no 'n Deacon,

    Tairgeamaid ar tabhartais do'n Tighearn le urram agus eagal diadhaidh.
 

 

Exhortation

An sin tòisichidh an Sagart air leughadh bhriathran an tabhartais, ag ràdh a h-aon no tuilleadh de na h-earranaibh so a leanas, rnar a chi e iomchuidh, a rèir fad no giorraid na h-ùine a tha 'n sluagh a' toirt a suas nan tabhartas.

THarladh 'an ceann làithean àraidh gu'n d' thug Cain de thoradh an fhearainn tabhartas do'n Tighearn. Agus thug Abel mar an ceudna de cheud-ghinibh a threuda, agus d'an saill. Àgus bha meas aig an Tighearn air Abel, agus air a thabhartas : ach air Cain agus air a thahhartas cha robh meas aige.   Gen. iv. 3. 4. 5.
    Labhair ri cloinn Israeil, gu'n toir iad do m' ionnsuidh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le 'chridhe, gabhaidh sibh mo thabhartas.   Ecsod. xxv. 2.
    Cha taisbeinear sibh 'an làthair an Tighearna falamh. Bheir gach duine seachad mar is urrainn e. a réir beannachaidh an Tighearna do Dhé, a thug e dhuit.   Deut. xvi. 16. 17.
    Thugaibh do an Tighearn a' ghlòir a's cubhaidh d'a ainm : thugaibh tabhartas leibh, agus thigihh a steach d'a chùirtibh.   Sal. xcvi. 8.
    Na taisgibh dhuibh féin ionmhais air an talamh, far am mill an leòmann agus a' mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a stigh agus. an goid iad: ach taisgibh ionmhais dhuibh féin air nèamh, far nach mill àn leòmann no a' mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich.   Mata vi. 19. 20.
    Cha-n e gach uile neach a their rium-sa, A Thighearn', a Thighearn', a théid a steach do rìoghachd nèimh: ach an ti a ni toil m' Athar-sa a tha air nèamh.   Mata vii. 21.
    Air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fainear cionnus a bha 'm pobull a' cur an airgid anns an ionmhas: agus. chuir mòran de dhaoinibh saoibhir mòran ann. Agus air teachd do bhantraich bhochd, thilg i dà bhonn bheag ann, a ni feoirling. Agus air dha a dheisciobuil a ghairm d'a ionnsuidh,. thubhairt e riu, Gu deimhin tha mi ag ràdh ruibh, gu'n do chuir a' bhantrach bhochd so tuilleadh 's an ionmhas, na iadsan uile a thilg ann. Oir thilg iadsan uile ann d'am mòrphailteas: ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h-iomlan.   Marc. xii. 41. 42. 43. 44.
    Cò théid chum cogaidh uair air bith air a chosdus féin? cò shuidhicheas fìon-lios, agus nach ith d'a thoradh? no cò bheathaicheas treud, agus nach blais de bhainne an treud'?   1 Cor. ix. 7.
    Ma chuir sinne nithe spioradail dhuibh-se, an ni mòr e ma bhuaineas sinn 'ur nithe feòlmhor-se?   1 Cor. ix. 11.
    Nach 'eil fhios agaibh, gu bheil iadsan a tha 'saothrachadh mu thimchioll nithe naomha, air am beathachadh o'n teampull? agus iadsan a tha 'frithealadh do'n altair, gu bheil comh-roinn aca ris an altair? Agus mar sin dh' orduich an Tighearn mar an ceudna, dhoibh-san a tha 'searmonachadh an t-soisgeil, an teachd-an-tìr fhaotainn o an t-soisgeul.   1 Cor. ix. 13. 14.
    An ti a chuireas gu gann, buainidh e gu gann mar an ceudna: agus an ti a chuireas gu pailt, buainidh e gu pailt mar an ceudna. Thugadh gach duine seachad a réir rùin a chridhe; na b'ann 'an doilgheas, no le éigin:
oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.   2 Cor. ix. 6. 7.
    Comh-roinneadh an neach a tha air a theagasg 's an fhocal, ris an neach a tha 'g a theagasg, anns na h-uile nithibh maithe. Na meallar sibh; cha deanar fanoid air Dia : oir ge b'e ni a shìol-chuireas duine, an ni ceudna buainidh e.   Gal. vi. 6. 7.
    Thoir àithne do na daoinibh a tha saoibhir 's an t-saoghal so; gun iad a bhi àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha 'toirt duinn nan uile nithe gu saoibhir r'am mealtuinn: Iad a dheanamh maith, iad a bhi saoibhir ann an deadh oibribh, ullamh gu roinn, comhpairteach ; a' tasgadh suas doibh féin deadh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, chum gu'n dean iad greim air a' bheatha mhaireannaich.   1 Tim. vi. 17. 18. 19.
    Cha-n'eil Dia mi-chothromach, gu'n dìchuimhnicheadh e obair agus saothair 'ur gràidh, a nochd sibh a thaobh 'ainme-san, am feadh 's gu'n d' rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu . bheil sibh a' frithealadh.   Eabh. vi. 10.
    Na dì-chuimhnichibh maith a dheanamh, agus comhroinn a thoirt uaibh; oir tha an leithidean sin a dh' ìobairtibh taitneach do Dhia.   Eabh. xiii. 16.

Am feadh a bhitheas an Sagart a' labhairt gu soilleir cuid no an t-iomlan de na h-earrannaibh so air son an tabhartais, gabhaidh an Deacon, no (mur bi a h-aon diubh a' làthair) neach iomchuidh eile, tiodhlacan an t-sluaigh a tha 'làthair, ann am méis a gheibhear chum an fheim sin. Agus air dhoibh uile an tabhartais a thoirt seachad, bheir e le urram a' mhias cheudna, agus na tabhartais innte, agus liùbhraidh e i do'n t-Sagart; a nochdas i gu h-ùmhal 'an làthair an Tighearna, agus cuiridh e i air a' bhòrd naomh, ag ràdh,
 

 

Offertory Sentences

GU ma beannaicht' thu, O 'Thighearna Dhé, gu saoghal nan saoghal. Is leat-sa, O 'Thighearn', a' mhòrachd, agus a' ghlòir, agus a' bhuaidh, agus a' mhòralachd: oir is leat na h-uile a tha air nèamh agus air talamh : is leat an rìoghachd, O 'Thighearn', agus tha thu air d'àrdachadh mar cheann thar nan uile: uait-sa tha 'teachd araon saoibhreas agus urram, agus is ann de d' chuid féin a tha sinne a' toirt duit.   Amen.

Agus an sin tairgidh an Sagart a suas, agus cuiridh e an t-aran agus am fìon a chaidh ullachadh air son na sàcramaid air bòrd an Tighearna; agus their e,

    Gu'n robh an Tighearn maille ruibh.
    Freagairt. Agus maille ri d' spiorad-sa.
    Sagart. Togaibh a suas 'ur cridheachan.
    Freagairt. Tha sinn 'g an togail a suas a dh' ionnsuidh an Tighearna.
    Sagart. Thugamaid buidheachas do'n Tighearn ar Dia.
    Freagairt. Tha e iomchuidh agus ceart sin a dheanamh.
    Sagart. Tha e ro iomchuidh, ceart, agus 'n a dhleasannas Cha n-abrar na focail so ...a tha mar fhiachaibh oirnn, gu'n tugamaid aig oach àm, agus anns gach uile àite, buidheachas dhuit-sa, O Thighearna, *[Athair naoimh], a na Trionaid. Dhé Uile-chumhachdaich, agus shìorruidh.

An so leanaidh am roimh-ràdh sònraichte, a réir an àma, ma bhitheas aon àraidh air bith orduichte; no mur a h-'eil leanaidh gun dàil,

    Uime sin maille ri ainglibh agus àrd-ainglibh, &c.
 

Offertory

Roimh-ràdhan sònraichte.

Air là Nodhlaic, agus seachd làithibh 'n a dhéigh.

* Ré sheachd làithean an déigh Nodhlaic, abair, mar aig an àm so.
DO bhrìgh gu'n d' thug thu Iosa Criosd, d'aon Mhac, gu 'bhi air a bhreith *[mar air an là so] air ar son-ne, a rinneadh 'n a fhìor dhuine, le oibreachadh an Spioraid Naoimh, de nadur na h-Oighe bheannaichte Muire a mhàthar, agus sin gun smal peacaidh, chum sinne a ghlanadh o gach uile pheacadh. Uime sin maille ri ainglibh, &c.

Air là ma Càisge, agus seachd làithibh 'n a dhéigh.

A Ch gu h-àraidh tha mar fhiachaibh oirnn thusa 'mholadh air son aiseirigh ghlòrmhoir do Mhìc Iosa Criosd ar Tighearna: Oir is esàn am fìor Uan Càisge a dh' ìobradh air ar son-ne, agus a thug air falbh peacadh an t-saoghail; a sgrios am bàs le 'bhàs féin, agus le 'éirigh a rìs gu beatha a dh' aisig dhuinne beatha shìorruidh. Uime sin maille ri ainglibh, &c.

Air là an Dol suas, agus seachd làithibh 'n a dhéigh.

TRìd do Mhic ro ionmhuinn, Iosa Criosd ar Tighearna; a dh' fhoillsich e féin gu follaiseach d'a abstolaibh uile an déigh 'aiseirigh ro ghlòrmhoir, agus a chaidh 'n an sealladh a suas gu nèamh, a dh' ullachadh àite dhuinne; a chum far am bheil esan, gu'n rachamaide a suas an sin mar an ceudna, agus gu'n riaghlamaid maille ris ann an glòir. Uime sin maille ri ainglibh agus àrd-ainglibh, &c.

Air Dòmhnach na Cuingeis, agus sia làithibh 'n a dhéigh.

* Ré shia laithean an déigh na Cuingeis, abair, mar aig an àm so.
TRìd Iosa Criosd ar Tighearna; a réir a gheallaidh ro fhìrinnich-san, thàinig an Spiorad Naomh gu h-obann a nuas o nèamh *[mar air an là so], le mòr fhuaim mar ghaoth ro threun, ann an coslas theangannan teine, a' teachd air na h-abstolaibh, a chum an teagasg, agus an treòrachadh a dh' ionnsuidh gach uile fhìrinn, a' toirt dhoibh araon tiodhlaic iomadh cainnt, agus mar an ceudna dànachd maille ri eud dùrachdach, a shearmonachadh an t-soisgeil gu bunailteach do na h-uile chinnich, leis am bheil sinn air ar toirt a mach á dorchadas agus á mearachd, a chum an t-soluis shoilleir agus a chum fìor eòlais ort-sa, agus air do Mhac Iosa Criosd. Uime sin maille ri ainglibh, &c.

Air féill na Trionaid a mhàin.

IS aon Dia thu, aon Tighearn; cha n-e aon phearsa a mhàin, ach tri pearsannan ann an aon nàdur. Oir an ni sin a tha sinn a' creidsinn mu ghlòir an Athar, an ni ceudna tha sinn a' creidsinn mu'n Mhac, agus mu'n Spiorad Naomh, gun mhuthadh sam bith no eadardhealachadh. Uime sinn maille ri ainglibh, &c.

An déigh nan. roirnh-ràdhan so, leanaidh gun dàil a' ghlòir-laoidh so.

UIme sin maille ri ainglibh agus ard-ainglibh, agus le cuideachd nèimh uile, tha sinn a' toirt àrd-mholaidh agus urraim do d' ainm glòrmhor, o so suas 'g ad chliùthachadh, agus ag ràdh, Naomh, naomh, naomh Tighearn Dia nan sluagh, tha nèamh agus talamh làn de d' ghlòir. Glòir gu'n robh dhuit-sa, O 'Thighearn', a Thi a's ro àirde.   Amen.

An sin an Sagart a' seasamh aig an àite sin de'n bhòrd naomh far am feud e anns an dòigh a's ro dheise agus a's ro iomchuidh a dhà làimh a ghnàthachadh, their e urnuigh a' choisrigidh, mar a leanas.
 

 
GAch uile ghlòir gu'n robh dhuit-sa, a Dhé Uile-chumhachdaich, arn-Athair nèamhaidh, do bhrìgh o d' chaomh-thròcair gu'n thug thu d' aon Mhac Iosa Criosd gu bàs fhulang air a' chrann-cheusaidh air son ar saorsa-ne; a rinn (le tabhartas dheth féin aon uair air a thairgse) ìobairt, tabhartas, agus éiric iomlan, foirfe, agus Priest's manual actsuile-éifeachdach, air son pheacaidhean an t-saoghail uile, agus a shuidhich, agus. 'n a shoisgeul naomh a dh' àithn dhuinn gnàthchuimhneachan a chumail a suas air a' sin a bhàs agus ìobairt luachmhor gus a theachd a rìs. Oir anns an oidhche anns an do bhrathadh e, (a) ghlac e aran; agus an uair a thug e buidheachas, (b) bhris se e, agus thug e d'a dheisciobluibh e, ag ràdh, Gabhaibh, ithibh, (c) IS E SO MO CHORP-SA, a tha air a thoirt air 'ur son-se; DEANAIBH so mar chuimhneachan orm-sa. Mar an ceudna an déigh na Suipeir (d) ghlac e an cupan; agus an uair a thug e buidheachas, thug e dhoibh-san e, ag ràdh, Olaibh uile dheth so, oir (e) IS I SO M' FHUIL-SA, an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear air 'ur sonse agus air son mhòran, chum maitheanais pheacaidhean: DEANAIBH so cia minic a's a dh' òlas sibh e mar chuimhneachan orm-sa.
 
Prayer of Consecration

 
An Tabhartas.
UIme sin, O 'Thighearn', agus Ath air nèamhiaidh, a réir orduigh do Mhic ro ionmthuinn Iosa Criosd ar Slànuidhir, tha sinne do sheirbhisich ùmhal 'an làthair do mhòrachd dhiadhaidh a' cumail gu sòlaimte agus a' deanamh an so a' chuimhneachain a dh' àithn do Mhac dhuinn a dheanamh, leo so do thiodhlacaibh naomh', A THA SINN A NIS A' TAIRGSE DHUIT-SA; a' gleidheadh cuimhne air 'fhulangas beannaichte, agus air a bhàs luachmhor, air 'aiseirigh chumhachdaich, agus air a dhol-suas glòrmhor; a' toirt buidheachais ro dhùrachdaich dhuit air son nan sochairean gun àireamh a chaidh a chosnadh dhuinne leo sin. Agus, An Athchuinge ag iarraidh ...O Athair thròcairich, tha sinn gu ro iriosal a' guidhe ort éisdeachd ruinn agus o d' mhaitheas uile-chumhachdach deònaich do thiodhlacan agus do chreutairean so de dh' aran agus a dh' fhìon a bheannachadh agus a naomhachadh le d' fhocal agus le d' Spiorad Naomh, a chum gu'n tig iad gu 'bhi 'n an corp agus 'n am fuil do Mhic ro ionmhuinn. Agus tha sinn gu dùrachdach ag iarraidh o d' mhaitheas athaireil, thu a ghabhail gu tròcaireach ri 'r n-ìobairt so de mholadh agus de bhreith-bhuidheachais, gu ro ùmhal a' guidhe ort thu a dheònachadh, le deadh-thoillteanais agus le bàs do Mhic Iosa Criosd, agus tre chreidimh 'n a fhuil, gu'm faigh sinne (agus d' Eaglais gu h-iomlan) maitheanas ar peacaidhean, agus uile shocairean eile 'fhulangais-san. Agus an so, O 'Thighearna, tha sinn gu h-iriosal a' tairgse agus a' toìrt a suas dhuit-sa sinn féin, ar n-anaman agus ar cuirp, gu 'bhi 'n am beò-. ìobairt reusanta agus naoimh dhuit-sa, a' guidhe ort, cò air bith a bhitheas 'n an luchd-comhpairt de 'n Chomanachadh naomh so. gu'n gabh iad gu h-iomchuidh corp agus fuil ro luachmhor do Mhic Iosa Criosd, agus gu'm bi iad air an lìonadh le d' ghràs agus le d' bheannachadh nèamhaidh, agus air an deanamh 'n an aon chorp rissan, chum gu'n gabh e còmhnuidh annta-san, agus iadsan ann-san. Agus ged tha sinn neoairidh, le lìonmhoireachd ar peacaidlìean, air ìobairt sam bith a thairgse dhuit ; gidheadh tha sinn a' guidhe ort thu a ghabhail ris an dleasannas so agus ris an t-seirbhis so a tha mar fhiachaibh oirnn a dheanamh, gun ar toillteanais a thomhas, ach ar ciontan a mhaitheadh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna: trìd-san, agus maille ris-san, anrì an aonachd an Spioraid Naoimh, gach uile urram agus ghlòir gu'n robh dhuit-sa, O Athair Uile-chumhachdaich, saoghal gun chrìoch.    Amen.
 

 

Deanamaid urnuigh air son staid Eaglais Chriosd uile.

A Dhé Uile-chumhachdaich agus shìormhaireannaich, a theagaisg dhuinri le d' Abstol naomh urnuighean agus athchuingean a dheanamh, agus buidheachas a thoirt air son nan uile dhaoine; Gu h-ùmhal tha sinn a' guidhe ort, gu ro thròcaireach thu a ghabhail ar déircean agus ar tabhartas, agus a dh' éisdeachd ar n-urnuighean so, a tha sinn a' tairgse do d' Mhòrachd dhiadhaidh; a' guidhe ort do ghnàth an eaglais choitchionn a bheothachadh le spiorad na fìrinn, na h-aonachd, agus na réite: agus deònaich dhoibh-san uile a tha 'g aideachadh d' ainme naoimh, comh-chòrdadh ann am fìrinn d' fhocail naoimh, agus am beatha 'chaitheamh ann an aonachd agus ann an gràdh diadhaidh. Tha sinn cuideachd a' guidhe ort na h-uile Rìghrean, Phrionnsan, agus Riaghladairean Criosdail a shàbhaladh agus a dhìon, agus gu h-àraidh do sheirbhiseach Bhictoria ar Ban-righinn, a chum fuidhpe gu'm bi sinn air ar riaghladh gu diadhaidh agus gu sàmhach: agus deònaich d'a comhairle uile, agus do na h-uile aig am bheil ùghdarras fuidhpe, gu'm fritheil iad ceartas gu fìrinneach agus gun leth-phairt, gu smachdachadh aingidheachd agus droch-bheairt, agus gu seasamh d' fhìor chreidimh féin agus deadh-bheus'. Thoir gràs, O Athair nèamhaidh, do na h-uile Easbuigibh, Shagartaibh, agus Dheaconaibh, chum gu'n nochd iad a mach araon le'n caithebeatha agus le'n teagasg d' fhocal fìor agus beòthail, agus gu ceart agus gu h-iomchuidh gu'm fritheil iad do shàcramaidean naomha : agus do d' shluagh uile thoir do ghràs nèamhaidh, a chum le cridhe sèimh, agus urram iomchuidh, gu'n éisd agus gu'n gabh iad d' fhocal naomh, gu fìrinneach a' deanamh seirbhis dhuit ann an naomhachd agus 'an ionracas uile làithean am beatha. Agus gu sònraichte tha sinn a' cur air curam do mhaitheis thròcairich an coimhthional a tha cruinnichte an so ann ad ainm, a ghleidheadh gu sòlaimte comh-chuimhneachain bàis ro luachmhoir agus ìobairt do Mhic agus ar Slànuidhir Iosa Criosd. Agus gu ro ùmhal tha sinn a' guidhe ort o d' mhaitheas, O 'Thighearna, comhfhurtachd agus cabhair a thoirt dhoibh-san uile a tha 's a' bheatha dhiomain so ann an trioblaid, bròn, uireasbhuidh, tinneas, no anshocair air bith eile. Agus tha sinn cuideachd a' beannachadh d' ainme naoimh air son do sheirbhiseach uile, a chrìochnaich an cùrsa ann an creidimh, agus a tha nis a' gahhail fois' o'n saothair. Agus tha sinn a' toirt molaidh ro àird agus buidheachais o'r cridhe dhuit, air son a' ghràis òirdheirc agus an deadh-bheus' a dh'fhoillsicheadh ann ad naoimh, a bha 'n an soithichibh taghta de d' ghràs-sa, agus mar lachrain sholuis an t-saoghail 'n an ginealachaibh fa leth: gu ro ùmhal a' guidhe ort gràs a thoirt dhuinne gu leantuinn eisimpleir am bunailteachd-san ann ad chreidimh, agus ann an ùmhlachd do d' àitheantaibh naomha, a chum air là na h-aiseirigh choitchionn, gu'n cuirear sinne, agus iadsan uile a tha de chorp dìomhair do Mhic, air a dheas-làimh, agus gu'n cluinnear leinn a ghuth ro aoibhneach-san ag ràdh, Thigibh, a dhaoine beannaichte m' Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain. Deònaich so, O Athair, air sgàth Iosa Criosd, ar n-aon Fhear-tagraidh agus Eadar-mheadhonair.   Amen.
 

 Prayer for the whole state of Christ's Church

An sin their an Sagart,

Mar a dh' àithn agus a theagaisg ar Slànuidhear Criosd dhuinn, tha misneach againn gu ràdh,

AR n-Athair a tha air nèamh, Naomhaichear d' ainm. Thigeadh do rìoghachd. Deanar do thoil air an talamh mar thatar a deanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith dhuinn ar cionta, mar a mhaitheas sinne dhoibh-san a tha 'ciontachadh 'n ar n-aghaidh. Agus na leig 'am buireadh sinn; ach saor sinn ò olc. Oir is leat-sa an rìoghachd, an cumhachd, agus a' ghlòir, gu sìorruidh agus gu sìorruidh.   Amen.


 
 Lord's Prayer

An sin bheir an Sagart an cuireadh so dhoibh-san. a tha 'teachd a ghabhail a' chomanachaidh naoimh.

SIbhse a tha gu fìrinneach agus gu dùrachdach a' deanamh aithreachais air son 'ur peacaidhean, agus a tha ann an gràdh agus ann an deadh-rùn do 'ur coimhearsnaich, agus a' cur romhaibh beatha nuadh a chaitheamh, àitheantan Dhé a leantuinn, agus imeachd o so suas 'n a shligibh naomha-san; Thigibh am fagus, agus gabhaibh an t-sàcramaid naomh so chum 'ur comhfhurtachd; agus deanaibh 'ur n-aidmheil iriosal do Dhia Uile-chumhachdach.
 

 Invitation

An sin theirear an aidhmheil choitchionn so, leis an t-sluagh, maille ris an t-Sagart; air dhà-san an toiseach dol air a ghlùinibh.

A Dhé Uile-chumhachdaich, Athair ar Tighearna Iosa Criosd, a chruithf hir nan uile nithe, a bhreitheimh nan uile dhaoine; Tha sinn ag aideachadh agus a' caoidh ar peacaidhean agus ar n-aingidheachd lìonmhoir, a chuir sinn bho àm gu àm gu mòr-chiontach 'an gnìomh, le smuain, le focal, agus le deanadas, an aghaidh do Mhòrachd dhiadhaidh ; gu ro cheart a' brosnachadh d' fheirg agus do chorruich 'n ar n-aghaidh. Tha sinn gn dùrachdach a' gabhail aithreachais, agus tha bròn o'r cridhe oirnn air son ar droch ghnìomharan so; tha 'bhi 'cuimhneachadh orra cràiteach dhuinn; tha 'n eallach dhiubh do-iomchair. Dean tròcair oirnn, dean tròcair oirnn, Athair ro thròcairich; air sgàth do Mhic ar Tighearna Iosa Criosd, maith dhuinn na h-uile a chaidh seachad; agus deànaich, gu bràth an déigh so gu'n toir sinn seirbhis dhuit agus gu'n toilich sinn thu, ann an nuadhachd beatha, chum onoir agus glòire d' ainme, trìd Iosa Criosd ar Tighearna. Amen.
 

Confession

An sin éiridh an Sagart a suas, no an t-Easbuig (ma bhitheas e 'làthair,) agus 'g a thionndadh féin ris an t-sluagh, cuiridh e 'an céill am fuasgladh, rnar a leanas.

DIa Uile-churnhachdach, an n-Athair nèamhaidh, o 'mhòr thròcair a gheall maitheanas pheacaidhean dhoibh-san uile a philleas d'a ionnsuidh le aithreachas dùrachdach agus le fìor chreidimh; Gu'n deanadh e tròcair oirbh; gu'm maitheadh agus gu'n saoradh e sibh bho 'ur n-uile pheacaidhibh ; gu'n daingnicheadh agus gu'n neartaicheadh e sibh anns gach uile mhaitheas; agus gu'n tugadh e sibh chum na beatha shiorruidh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.
 

Absolution

An sin their an Sagart mar an ceudna,

    Eisdibh ciod na briathran sòlasach a tha ar Slànuidhear Criosd a' labhairt riu-san uile a tha fìrinneach a' pilleadh d'a ionnsuidh.

THigibh a m' ionnsuidh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallach, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.   Mata xi. 28.
    Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu'n d'thug e 'aon-ghin Mhic féin, chum as ge b'e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu'm bi a' bheatha shìorruidh aige.   Eoin iii. 16.
    Eisdibh mar an ceudna ciod a tha N. Pòl ag ràdh.
    Is fìor an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu'n d' thainig Iosa Criosd do'n t-saoghal a thèarnadh pheacach.  1 Tim. i. 15.
    Eisdibh cuideachd ciod a tha N. Eoin ag ràdh.
    Ma pheacaicheas neach air bith, tha Feartagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am fìrean: agus is esan an ìobairtréitich air son ar peacaidhean.   1 Eoin ii. 1. 2.
 

 

An sin air do'n t-Sagart tionndadh ris an altair, agus a' lùbadh sìos air a ghlùinibh, their e, 'n an ainm-san uile a tha 'dol a ghabhail a' chomanachaidh, an guidhe so a leanas air son teachd am fagus gu h-iriosal a dh' ionnsuidh a' chomanachaidh naoimh.

CHa-n 'eil sinn a' gabhail de dhànadas oirnn teachd an so a dh' ionnsuidh do bhùird naoimh-sa, O Thighearna thròcairich, agearbsadh 'n ar fìreantachd féin, ach ann an lìonmhoireachd agus ann am meud do thròcairean-sa. Cha-n airidh sinn urrad 's an sbruileach fo d' bhòrd-sa a chruinneachadh a suas: Ach is tusa an Tighearn ceudna, aig am bheil a' bhuaidh a bhi do ghnàth tròcaireach. Deònaich dhuinn air an aobhar sin, a Thighearna ghràsail, mar so gu'n ith sinn. feòil do Mhic ionmhuinn Iosa Criosd, agus gu'n òl sinn 'fhuil, air chor 's gu'm bi ar cuirp pheacach air an deanamh glan le 'chorp ro naomh-san, agus ar n-anaman air an ionnlad tre 'fhuil ro luachmhoir, agus gu'n gabh sinn gu sìorruidh tuilleadh còmhnuidh ann-san, agus esan annainne.   Amen.

An sin gabhaidh an t-Easbuig e féin, ma bhitheas e 'làthair, am comanachadh an toiseach 's an dà sheòrsa, air neo an Sagart a tha 'frithealadh, agus an sin bheir se e do na h-Easbuigibh eile, do na Sagartaibh, agus do na Deaconaibh, (ma bhitheas aon diubh a làthair), agus an déigh sin do'n t-sluagh, ann an ordugh, iad uile gu h-iriosal air an glùinibh. Agus an uair a ghabhas e féin no 'bheir e sàcramaid cuirp Chriosd do neach sam bith eile, their e,
 

Prayer of Humble Access

COrp ar Tighearn' Iosa Criosd, a chaidh a thoirt air do shon, gu'n gleidheadh e d' anam agus do chorp gu beatha shìorruidh.

An so their an neach a tha 'gabhail na sàcramaid, Amen.

Agus an Sagart no am Ministeir a tha 'gabhail a' chupain e féin, no 'g a thoirt do neach sarn bith eile, their e am beannachadh so.

FUil ar Tighearn' Iosa Criosd, a dhòirteadh air do shon, gu'n gleidheadh i d' anam agus do chorp gu beatha shìorruidh,

An so their an neach a tha 'gabhail na sàcramaid Amen.

Mo theirgeas an t-aran nq am fìon coisrigte mu'n gabh iad uile an comanachadh, coisrigidh an Sagart tuilleadh, a réir na riaghailt a tha roimhe air a h-orduchadh, a' tòiseachadh aig na briathraibh, Gach uile ghlòir gu'n robh dhuit-sa &c. agus a' crìochnachadh leis na briathraibh, a chum gu'n tig iad gu 'bhi 'n an corp agus 'n am fuil do Mhic ro ionmhuinn.

An déigh do na h-uile an comanachadh a ghabhail, théid esan a tha 'frithealadh gu bòrd an Tighearna, agus còmhdaichidh e le lìon eudach maiseach na dh' fhàgar de'n aran agus de'n fhìon choisrigte, agus am sin their e,
 

Words of Administration

    Air dhuinn a nis corp agus fuil luachmhor Chriosd a ghabhail, thugamaid buidheachas d' ar Tighearn Dia, a dheònaich gu gràsmhor ar gabhail a dh'ionnsuidh comh-phairteachaidh a dhìomhaireachdan naomha; agus iarramaid uaith-san gràs a chum ar bòidean a choimhlionadh, agus gu sìor-bhuanachadh 'n ar deadh rùintibh; a chum air dhuinn a bhi air ar naomhachadh, gu'm faigh sinn a' bheatha mhaireannach, tre dheadh-thoillteanais ìobairt uile-éifeachdaich ar Tighearna agus ar Slànuidhir Iosa Criosd.

An sin their an Sagart an guidhe-buidheachais so mar a leanas.

A Dhé Uile-chumhachdaich agus shìor-mhair eannaich, tha sinne a ghabh, mar a tha iomchuidh, na dìomhaireachda naomha so, a' toirt buidheachais o'r n-uile chridhe dhuit, a chionn gu bheil thu a' deònachadh sinne a bheathachadh le lòn spioradail dè chorp agus de fhuil ro luachmhor do Mhic ar Slànuidhir Iosa Criosd; agus gu bheil thu leis a' so a' toirt cinnte dhuinn air do dheadh-ghean agus do mhaitheas d'ar taobh, agus gu bheil sinn 'n ar fìor bhuill air ar n-aonachadh ann an corp dìomhair, do Mhic, ni a's e cuideachd bheannaichte nan uile shluagh creideach, agus gu bheil sinn mar an ceudna 'n ar n-oighreachaibh tre dhòchas air do rìoghachd mhaireannaich, le deadh-thoillteanais a bhàis ro luachmhoir-san agus 'fhulangais. Tha sinn a nis gu ro ùmhal a' guidhe ort, O Athair nèamhaidh, mar so ar cuideachadh le d' ghràs agus le d' Spiorad Naomh, chum gu'm buanaich sinn anns a' chuideachd agus anns a' chomh-chomunn naomh sin, agus gu'n dean sinn na deadh oibre sin uile anns an d' thug thu àithne dhuinn gluasad, trìd Iosa Criosd ar Tighearna; dhà-san maille ris an Athair àgus ris an Spiorad Naomh, gu'n robh gach uile onoir agus ghlòir, saoghal gun chrìoch.   Amen.
 

Thanksgiving after Communion

An sin theirear no seinnear, Gloria in excelsis, mar a leanas.

GLòir gu'n robh do Dhia anns na h-àrdaibh, agus air talamh sìth, deadh-ghean do dhaoinibh. Tha sinn a' toirt molaidh dhuit, tha sinn 'g ad bheannachadh, tha sinn a' toirt aoraidh dhuit, tha sinn a' toirt glòire dhuit, tha sinn a' toirt buidheachais dhuit air son do mhòr ghlòire, O 'Thighearna Dhé, a Rìgh nèamhaidh, a Dhé. an t-Athair Uile-chumhachdach; agus dhuit-sa, O 'Dhé, an t-aon-ghin Mhic Iosa Criosd; agus dhuit-sa, O 'Dhé, an Spiorad Naomh.
    O 'Thighearna, an t-aon-ghin Mhic Iosa Criosd: O 'Thighearna Dhé, Uain Dhé, 'Mhic an Athar, a tha 'toirt air falbh pheacaidhean an t-saoghail, dean tròcair oirnn. Thusa a tha 'toirt air falbh pheacaidhean an t-saoghail, gabh ri 'r n-urnuigh. Thusa a tha a' d' shuidhe air deas làimh Dhé an Athar, dean tròcair oirnn.
    Oir is tusa a mhàin a tha naomh, is tusa a mhàin an Tighearn, is tusa a mhàin, O 'Chriosd, maille ris an Spiorad Naomh, a tha ro àrd ann an glòir Dhé an Athar. Amen.
 

Gloria in excelsis

An sin leigidh an Sagart, no an t-Easbuig, ma bhitheas e 'làthair, air falbh iad, leis a' bheannachadh so.

GU'n gleidheadh sìth Dhé a tha os ceann gach uile thuigse, 'ur cridheachan agus 'ur n-inntinnean ann an eòlas agus ann an gràdh Dhé, agus a Mhic Iosa Criosd ar Tighearna; agus gu'n robh beannachadh Dhé Uilechumhachdaich, an Athar, a' Mhic, agus an Spioraid Naoimh, 'n 'ur measg, agus gu'n gabhadh e còmhnuidh maille ruibh do ghnàth.   Amen.

A' CHRIOCH.

Blessing

Return to the Scots Gaelic Book of Common Prayer

Web author: Charles Wohlers U. S. EnglandScotlandIrelandWalesCanadaWorld