Scottish flag The Book of Common Prayer
United States England Scotland Ireland Wales Canada World

    The Book of Common Prayer in Scots Gaelic:
Prayers and Thanksgivings

 

URNUIGHEAN AGUS BREITH-BUIDHEACHAIS

AIR SON

CAOCHLADH AOBHAIREAN,

Ri 'n gnàthachadh roimh an dà Urnuigh dheireannaich de 'n Laoidh-Dhiann, no de dh' Urnuigh Mhaidne agus de dh' Urnuigh Fheasgair.


URNUIGHEAN.

 

 

Air son Uisge.

O 'Dhé Athair nèambaidh, a gheall le d' Mhac Iosa Criosd dhoibhsan uile a tha 'g iarraidh do Rìoghachd agus a fìreantachd, na h-uile nithean a tha feumail gu 'n lòn corporra; Cuir d' ar n-ionnsuidh, tha sinn a' guidhe ort, anns an éigin so 's am bheil sinn, uisge agus frasan measarra, air chor a's gu faigh sinn toradh na talmhainn gu 'r comhfhurtachd, agus gu d' onoir féin, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

 

 

For Rain

Air son turaidh.

O 'Thighearna Dhé Uile-chumhachdaich, a bhàth aon uair an saoghal uile, ach ochd pearsannan, air son peacaidh an duine, agus an déigh sin a gheall o d' mhòr thròcair nach sgriosadh tu mar so e rìs gu sìorruidh; Ge do thoill sinn gu fìrinneach air son ar n-euceartan plàigh de dh' uisge agus de thuiltibh, gidheadh tha sinn gu h-ùmhal a' guidhe ort, air dhuinn fìor aithreachas a dheanamh gu'n cuireadh tu a leithid de dh' aimsir d' ar n-ionnsuidh, a's gu'm faigh sinn toradh na talmhainn ann an àm iomchuidh, agus gu'm fòghlum sinn araon le d' pheanas ar caithe-beatha 'leasachadh, agus air son d' iochd moladh agus glòir a thoirt dhuit, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

 

 

For fair Weather

'An àm daorsainn agus gorta.

O 'Dhé Athair nèamhaidh, is e do thiodhlac-sa, gu'm bheil an t-uisge a' sileadh, an talamh torrach, spréidh a' meudachadh, agus iasg a' fàs lìonmhor: Amhairc, tha sinne a' guidhe ort, air àmhghairibh do shluaigh, agus deònaich gu'm bi a' ghoinne agus an daorsainn (a tha sinn a nis gu ro cheart a' fulang air son ar n-aingidheachd) tre do mhaitheas-sa gu tròcaireach air an tionndadh gu saorsainn agus pailteas, air son gràidh Iosa Criosd ar Tighearna; dhàsan maille riutsa, agus ris an Spiorad naomh gu'n robh gach uile onoir agus ghlòir, a nis agus gu sìorruidh.   Amen.

No i so.

O 'Dhé Athair thròcairich, a thionndaidh gu h-ealamh ann an Samaria ri lìnn an fhàidh Elisa goinne agus daorsainn mhòr gu pailteas agus saorsainn; Dean tròcair oirnn, a chum gu'm faigh sinne a tha a nis air ar smachdachadh air son ar peacaidhean leis an àmhghar cheudna, fuasgladh tràthail: Meudaich toradh na talmhainn le d' bheannachadh nèamhaidh; agus deònaich, air dhuinn do phailteas fialaidh fhaotainn, gu'n gnàthaich sinn e chum do ghlòire, gu fuasgladh orrasan a tha 'an uireasbhuidh, agus chum ar comhfhurtachd féin, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

 

In time of Dearth & Famine

'An àm cogaidh agus iorghuillean.

O 'Dhé Uile-chumhachdaich, a Rìgh nan uile rìghrean, agus 'Fhir-riaghladh nan uile nithe, cha n-urrainn creutair air bith cur 'an aghaidh do chumhachd-sa, d' am buin ann an ceartas peacaich a smachdachadh, agus a bhi tròcaireach dhoibhsan a ni fior aithreachas; Sàbhail agus saor sinn, tha sinn a' guidhe gu h-ùmhal ort, o làmhan ar naimhdean; lughdaìch an àrdan, ceannsaich am mi-run, agus cuir an innleachdan 'an neo-bhrigh, chum air dhuinn a bhi armaichte le d' dhìdean, gu'm bi sinn air ar teasairginn gu sìorruidh tuilleadh o gach uile ghàbhadh, gu glòir a thoirt dhuitsa, aon tabhartair na h-uìle bhuaidhe, tre dheadh-thoillteanais d' aon Mhic Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

 

 

In time of War & Tumult

'An àm plàigh no tinneis choitchionn air bith.

O 'Dhé Uile-chumhachdaich, a chuir ann ad chorruich plàigh air do shluagh féin anns an fhàsach air son an ceannairc rag-mhuinealaich 'an aghaidh Mhaois agus Aaroin, agus mar an ceudna a mharbh tri fichead agus deich mìle ri lìnn Rìgh Daibhidh le plàigh galair, agus gidheadh a' cuimhneachadh do thròcair a shàbhail càch; Gabh truas dhinne peacaich thruagha, a tha air ar fiosrachadh a nis le mòr thinneas agus bhàsmhoireachd, ionnas mar a ghabh thu anns an àm sin tabhartas-réite, agus mar a thug thu àithne do Aingeal an sgrios e 'sgur o smachdachadh; mar sin gu ma deònach leat a nis a' phlàigh agus an tinneas cràiteach so a thoirt air falbh uainn, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

 

 

In time of any common Plague or Sickness

Ri 'ràdh gach là ann an seachduinibh traisg ann an ceithir aimsiribh na bliadhna, air an son-san a tha ri 'n gabhail a steach gu Orduighibh naomha.

A Dhé Uile-chumhachdaich ar n-Athair nèamhaidh, a cheannaich dhuit féin Eaglais choitchionn, le fuil phrìseil do Mhic ionmhuinn; gu tròcaireach amhairc oirre, agus anns an àm so stiuir agus riaghlaich inntinnean do sheirbhiseach Easbuigean agus Buachaillean do threuda, chum nach leag iad an làmhan gu h-obann air duine air bith, ach gu dìleas agus gu glic gu'n dean iad roghainn de dhaoinibh iomchuidh a dheanamh seirbhis ann am ministreileachd naoimh d' Eaglais Agus dhoibhsan a bhitheas air an Orduchadh gu dreuchd naomh air bith, thoir do ghràs agus do bheannachadh nèamhaidh, chum araon le 'n caithe-beatha agus le 'n teagasg gu'n nochd iad do ghlòir, agus gu'n cuir iad air adhart sàbhaladh nan uile dhaoine, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

No i s0.

A Dhé Uile-chumhachdaich, a thabhartair nan uile dheadh thiodhlacan, a shocraich o d' fhreasdal diadhaidh caochladh orduighean ann ad Eaglais; Thoir do ghràs, tha sinn gu h-ùmhal a' guidhe ort, dhoibhsan uile a tha ri 'bhi air an gairm gu dreuchd agus frìthealadh sam bith innte; agus mar so lìon iad le fìrinn do theagaisg, agus sgeadaich iad le neò-chiontachd caithe-beatha, a chum gu'n dean iad seirbhis dhìleas ann ad làthair chum glòire d' Ainme mhòir, agus tairbhe d' Eaglais naoimhe, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

 

 

In Ember Weeks, to be said every day, for those who are to be admitted into Holy Orders

Urnuigh a dh' fheudar a ràdh an déigh aon air bith de na h-urnuighibh a tha roimpe so.

O 'Dhé aig a bheile mar chleachdadh agus mar bhuaidh bhi do ghnàth tròcaireach agus a' toirt maith-eanais, gabh ar n-athchuinge ùmhal; agus ged tha sinn air ar ceangal agus air ar cuibhreachadh le slabhruidh ar peacaidhean, gidheadh deanadh truacantachd do thròcair mhòir' ar fuasgladh, air son onoir Iosa Criosd ar n-Eadarmheadhonair agus ar Fir-tagraidh.   Amen.

 

 

Prayer that may be said after any of the former.

Urnuigh air son Ard Chùirt na Pàrlarnaid ri 'bhi air a leughadh rè a Suidhe.

A Dhé ro ghràsail, tha sinn gu h-ùmhai a' guidhe ort air son na Rìoghachd so gu léir, ach gu h-àraid air son Ard Chùirt na Pàrlamaid, a tha cruinnichte aig an àm so fo ar Ban-righinn ro chreidmheich agus ro sheirceil: Gu'm bu deònach leat an comhairlean uile a stiuradh agus a shoirbheachadh, a chur air adhart do ghlòire, maith d' Eaglais, sàbhaltachd, onoir, agus tairbhe ar n-Uachdarain, agus a Rìoghachdan; gu'm bi na h-uile nithean air an orduchadh agus air an socrachadh le 'n dìchioll air na stéidhibh is fearr agus is diongmhalta, a chum gu'm bi sìth agus sonas, firinn agus ceartas, creidimh agus diadhachd air an daingneachadh 'n ar measg rè nan uile lìnntean. Na nithe so agus gach ni feumail eile air an son-san, air ar son-ne, agus air son d' Eaglais gu h-iomlan tha sinn gu h-ùmhal a' guidhe 'an Ainm agus 'an eadar-ghuidhe Iosa Criosd ar Tighearn' agus ar Slànuidhir ro bheannaichte.   Amen.

 

 

Prayer for the High Court of Parlaiment

Guidhe no Urnuigh air son uile inbhean dhaoine, ri 'gnàthachadh aig na h-àmaibh sin anns nach 'eil an Laoidh-Dhiann air a h-orduchadh ri 'ràdh.

O 'Dhé a chruithfhir agus fhir-theasairginn a' chinnedaoine uile, tha sinn gu h-ùmhal a' guidhe ort air son uile sheòrsachan agus inbhean dhaoine, gu'm bu deònach leat do shlighean a dheanamh aithnichte dhoibh; agus eòlas do shlàinte a thoirt do na h-uile chinnich. Gu ro àraid tha sinn a' guidhe air son deadh staid na h-Eaglais Choitchionn; a chum gu'm bi i mar sin air a stiuradh agus air a riaghladh le d' dheadh Spiorad, a's gu'm bi na h-uile a tha 'g an aideachadh agus 'g an gairm féin 'n an Criosdaidhibh, air an treòrachadh 'an slighe na fìrinn, agus gu'n gleidh iad an creidimh ann an aonachd an spioraid, ann an ceangal na sìthe, agus ann an ionracas caithe-beatha. Fadheoidh tha sinn a' cur fo churam do mhaitheis athaireil iadsan uile a tha air dhòigh air bith fo àmhghar, no buaireadh inntinn, cuirp, no maoine Tha so ri a ràdh an uair ...[*gu sònraichte iadsan air son am bheil ar n-urnuighean air an iarraidh] gu ma deònach leat comhfhurtachd agus fuasgladh a thoirt dhoibh a réir an uireasbhuidhean fa leth, a' toirt foighidin dhoibh fo an fulangasaibh, agus fuasglaidh sona as an àmhghairibh uile. Agus so tha sinn a' guidhe air sgàth Iosa Criosd.   Amen.


 

 

Prayer for all Conditions of Men


B R E I T H - B U I D H E A C H A I S.

Breith-buidheachais choitchionn.

A Dhé Uile chumhachdaich, Athair nan uile thròcairean, tha sinne do sheirbhisich neo-airidh a' toirt buidheachais ro ùmhail agus o'r n-uile chridhe dhuit air son d' uile mhaitheis agus do chaoimhneis ghradhaich dhuinne, agus do na h-uile dhaoinibh Tha so ri a ràdh an uair ...[*gu sònraichte dhoibhsan a tha 'g iarraidh a nis am moladh agus arn breith-buidheachais a thairgse suas air son nan tròcairean a bhuilich thu orra os ceann ghoirid]. Tha sinn ga d' mholadh air son ar cruthachaidh, ar teasairginn, agus air son uile bheannachaidh na beatha so, ach os ceann na h-uile air son do ghràidh gun choimeas ann an saoradh an t-saoghail le ar Tighearn Iosa Criosd; air son meadhonan nan gràs, agus dòchais na glòire. Agus tha sinn a' guidhe ort thoir dhuinn am mothachadh iomchuidh sin air d' uile thròcairibh, a chum gu'm bi ar cridheachan gu fìrinneach taingeil, agus gu'n nochd sinn do mholadh, cha-n ann a mhàin le 'r bilibh, ach 'n ar caithe-beatha, le sinn féin a thoirt a suas gu d' sheirbhis, agus le gluasad ann ad làthair 'an naomhachd agus 'an ionracas rè ar n-uile làithean, trìd Iosa Criosd ar Tighearna d'an robh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh gach uil' onoir agus ghlòir, saoghal gun chrìoch.   Amen.
 

 

Air son Uisge.

O 'Dhé ar n-Athair nèamhaidh, a tha le d' fhreasdal gràsail a' toirt air a' cheud uisge agus air an uisge dheireannach teachd a nuas air an talamh, chum gu'n toir e mach toradh air son feum' an duine, tha sinn a' toirt buidheachais ùmhail dhuit gu'n do dheònaich thu 'n ar n-éiginn mhòir uisge aoibhneach a chur a nuas dhuinn fadheoidh air d' oighreachd féin, g' a h-ath-ùrachadh an uair a bha i tioram a chum comhfhurtachd mhòir' dhuinne do sheirbhisich neo-airidh, agus glòire d' Ainme naoimh féin, tre do thròcairibh ann an Iosa Criosd ar Tighearn.   Amen.
 

 

For Rain.

Air son turaidh.

O 'Thighearna Dhé, le fìor cheartas a dh' ùmhlaich sinn os ceann ghoirid le d' phlàigh de dh' uisge agus de thuiltibh thar tomhas, agus ann ad thròcair thug fuasgladh agus cornhfhurtachd d' ar n-anamaibh leis a' mhùthadh fhreagarrach agus bheannaichte so anns an aimsir; Tha sinn a' toirt molaidh agus glòire do d' Ainm naomh air son do thròcair so, agus nochdaidh sinn do ghnàth do chaoimhneas gràdhach o lìnn gu lìnn, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.
 

 

For Fair Weather

Air son Pailteis.

O Athair ro thròcairich, o d' mhaitheas gràsail a dh' éisd urnuighean cràbhach d' Eaglais, agus a thionndaidh ar daorsainn agus goinne gu saorsainn agus pailteas; Tha sinn a' toirt buidheachais ùmhail dhuit air son d'fhialaidheachd shònraichte so, a' guidhe ort thu 'bhuanachadh do chaoimhneis ghràdhaich dhuinn, air chor 's gu'n toir ar tìr a mach dhuinn toradh a fàis, chum do ghlòire féin agus ar comhfhurtachd-ne, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.
 

 

For Plenty

Air son sìth' agus saorsainn o ar naimhdibh.

O 'Dhé Uile-chumachdaich, a tha a' d' dhaingneach làidir do d' sheirbhisìch 'an aghaidh gnùise an naimhdean; Tha sinn a' toirt molaidh agus breith-buidheachais dhuit air son ar sàorsainn o na cunnartaibh mòra agus soilleir sin leis an robh sinn air ar cuartachadh. Tha sinn ag aidmheil gur h-ann tre do mhaitheas-sa nach robh sinn air ar toirt thairis mar chobhartach dhoibh; a' guidhe ort thu 'bhuanachadh fathast an leithid so de thròcairibh d' ar taobh chum gu'n aithnich an saoghal uile gur tusa ar Slànuidhear agus ar fear-saoraidh cumhachdach, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.
 

 

For Peace & Deliverance from our Enemies

Air son sìth fhollaiseach a thoirt air a h-ais 's an tìr.

O 'Dhé shìorruidh ar n-Athair nèamhaidh, a' d' aonar a tha 'toirt air daoinibh a bhi dh'aon inntinn ann an tigh, agus a tha 'ceannsachadh ár-amach sluaigh ainneartaich agus mhi-riaghailtich; Tha sinn a' beannachadh d' Ainme naoimh gu'n do dheònaich thu an aimhreit iorghuilleach a cheannsachadh a chaidh 'thogail a suas os ceann ghoirid 'n ar measg; gu ro ùmhal a' guidhe ort gràs a dheònachadh dhuinn uile, chum 's gu'n gluais sinn gu h-ùmhal o 'n àm so mach ann ad àitheantaibh naomha, agus air dhuinn beatha shàmhach agus shìothchail a chaitheamh anns an uile dhiadhachd agus ionracas, gu'n tairg sinn do ghnàth dhuitse ar n-iobairt mholaidh agus bhreith-buidheachais air son do thròcairean so g' ar taobh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.
 

 

For restoring Public Peace at Home

Air son saorsainn o'n Phlàigh, no o thinneas coitchionn eile.

O 'Thighearna Dhé, a lot sinn air son ar peacaidhean, agus a chaith sinn as air son ar cionta le d' fhiosrachadh trom agus uamhasach os ceann ghoirid, agus a nis ann am meadhon breitheanais a' cuimhneachadh tròcair, a shaor ar n-anaman o ghialaibh a bhàis; Tha sinn a' tairgse do d' mhaitheas athaireil sinn féin, ar nanaman agus ar cuirp, a theasairg thu, gu 'bhi 'n an iobairt bheòthail dhuit, do ghnàth a' moladh agus a' mòrachadh do thròcairean ann am meadhon d' Eaglais, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

No i so.

GU h-ùmhal tha sinn ag aideachadh ann ad làthair, O Athair ro thròcairich, gu feudadh le fìor-cheartas na h-uile pheanais a tha air am bagradh ann ad lagh, tuiteam oirnn air son lìonmhoireachd ar n-aingidheachd agus ar cruais cridhe. Gidheadh do bhrìgh gu'm bu deònach leatsa o d' thròcair chaoimh an déigh ar n-ùmhlachd anmhuinn agus neo-airidh, casg a chur air an tinneas ghabhaltach, leis an robh sinn os ceann ghoirid air ar smachdachadh gu goirt, agus guth aoibhneis agus slàinte a thoirt air ais gu 'r n-àitibh-còmhnuidh; tha sinn a' tairgse do d' Mhòrachd dhiadhaidh iobairt mholaidh agus bhreith-buidheachais, a' toirt urraim agus àrd-chliu do d' Ainm glòrmhor air son do thearnaidh agus do fhreasdail os ar ceann, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.    Amen.

 

For Deliverance frim the Plague, or other Common Sickness

Return to the Scots Gaelic Book of Common Prayer

Web author: Charles Wohlers U. S. EnglandScotlandIrelandWalesCanadaWorld