The Book of Common Prayer | |||||||
|
|
AN T-ORDUGH AIR SON URNUIGH MHAIDNE AGUS URNUIGH FHEASGAIR gu bhi air an ràdh agus air an gnàthachadh gach là rè na bliadhna. THa
Urnuigh Mhaidne agus Urnuigh Fheasgair ri bhi air an cleachdadh
ann an ionad gnàthaichte na h-Eaglais, Tigh-Urnuigh, no Cùirte
na h-Altarach; Mur bi e air orduchadh air mhodh eile le Ard-fhearùghdarrais
an àite sin. Agus fanaidh Cùirtean nan Altairean mar a bha
iad anns na h-àmaibh a chaidh seachad.
|
|
AN T - O R D U G H AIR SON
Gach là rè na bliadhna. ¶ Aig toiseach na h-Urnuigh-Mhaidne leughaidh am Ministeir le guth àrd aon, no tuilleadh de na h-Earrannaibh so de na Sgriobtuiribh, a leanas. Agus an sin their e an ni sin a tha sgrìobhta an déigh nan Earrannan ceudna. AN
uair a philleas an t-aingidh air falbh o aingidheachd, a chuir e n
gnìomh, agus a ni e an ni a tha dligheach agus ceart, gleidhidh
e anam beò. Esec. 18. 27. A
Bhràthrean ro-ionmhuinn, tha n Sgriobtuir g ar brosnuchadh
ann an iomad àite a dh aithneachadh, agus a dh aideachadh
ar peacaidhean agus ar n-aingidheachd lìonmhor, agus nach bu chòir
dhuinn a bhi g an ceiltinn no g an sgàileadh ann an
làthair Dhé Uile-chumhachdaich ar n-Athair nèamhaidh,
ach an aideachadh le cridhe ùmhal, iosal, aithreach, agus iriosal,
a chum gum faigh sinn maitheanas annta tre a mhaitheas agus a thròcair
shìorruidh. Agus ged bu chòir dhuinn anns gach uile àm
ar peacaidhean gu h-ùmhal aideachadh ann an lathair Dhé,
gidheadh is còir dhuinn gu ro àraid sin a dheanamh, an uair
a chruinnicheas, agus a thig sinn an ceann a chéile, a thoirt
buidheachais dha air son nan sochairean mòra, a fhuair sinn o làimh,
a chur suas a mholaidh ro òirdheirc, a dh éisdeachd
fhocail ro naoimh, agus a dh iarraidh nan nithe sin, a tha
iomchuidh, agus feumail, air son a chuirp cho maith agus air son
an anama. Air an aobhar sin tha mi g iarraidh, agus a guidhe
oirbhse uile a tha n so a làthair, mise chomhimeachd le cridhe
glan, agus le guth ùmhal gu cathair a ghràis nèamhaidh,
ag ràdh a m dhéigh. |
|
¶ Aidmheil choitchionn ri ràdh leis a Choimhthional gu h-iomlan an déigh a Mhinisteir, na h-uiie air an glùinibh. AThair
Uile-chumhachdaich agus no thròcairich; Chaidh sinn a
mearachd, agus air seacharan o d shlighibh mar chaoirich chaillte.
Lean sinn tuilleadh s fada innleachdan, agus miannan ar cridheachan
féin. Chiontaich sinn an aghaidh do laghannan naomha. Dh
fhàg sinn gun deanadh na nithe sin, a bu chòir dhuinn a
dheanamh; Agus rinn sinn na nithe sin, nach bu chòir dhuinn a dheanamh;
Agus cha-n eil slàinte annainn. Ach dean thusa, O Thighearna,
tròcair oirnne, ciontaich thruagha. Caomhain iadsan, 0 Dhé,
a tha g aideachadh an lochdan. Gabh air an ais a mhuinntir,
a tha aithreach; A réir do gheallaidhean air an nochdadh do n
chinne-daoine ann an Iosa Criosd ar Tighearn. Agus deònaich, 0
Athair no thròcairich, air a sgàth-san; Gun caith
sinn a so suas beatha dhiadhaidh, ionraic, agus mheasarra, Chum glòire
dAinme naoimh. Amen. |
Confession |
¶ Am Fuasgladh no Maitheanas pheacaidhean ri chur an céill leis an t-Sagart n a aonar, n a sheasamh; an sluagh fathast air an glùinibh. DIa Uile-chumhachdach Athair ar Tighearna Iosa Criosd, leis nach miann bàs peacaich, ach leis an fhearr e philleadh o aingidheachd, agus a bhi beò; agus a thug cumhachd, agus àithne da Mhinisteiribh fuasgladh agus maitheanas am peacaidhean a nochdadh, agus a chur an céill d a shluagh, air dhoibh a bhi fìor aithreach: Tha esan a toirt maitheanais, agus fuasglaidh dhoibhsan uile, a tha fìor aithreach, agus gun cheilg a creidsinn a Shoisgeil naoimh. Air an aobhar sin guidheamaid air gun deònaich e dhuinn fìor aithreachas, agus a Spiorad naomh, chum gum bi na nithe sin a tha sinn a deanamh anns an àm so, taitneach dha, agus gum bi a chuid eile d ar beatha an déigh so fìor-ghlan agus naomh, chum fadheoidh gun tig sinn d a aoibhneas sìorruidh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna. ¶
Freagraidh an sluagh an so, agus an déigh gach urnuigh eile, ¶
An sin théid am Ministeir air a ghlùinibh, agus their e
Urnuigh an Tighearna le guth a chluinnear; an Sluagh cuideachd air an
glùinibh, agus g a h-aithris maille ris, araon an so, agus
anns gach àite eile s am bheil i air a gnàthachadh
anns an t-Seirbhis Dhiadhaidh. |
Absolution |
AR n-Athair, a tha air Nèamh, Naomhaichear d Ainm. Thigeadh do Rìoghachd. Deanar do thoil air an Talamh, Mar thatar a deanamh air Nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith dhuinn ar cionta, Mar a mhaitheas sinne dhoibhsan, a tha ciontachadh n an n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn; Ach saor sinn o ole: Oir is leatsa an Rìoghachd, an Cumhachd, Agus a Ghlòir, Gu sìorruidh agus gu sìorruidh. Amen. ¶ An sin their e mar an ceudna,
O Thighearna, fosgail thusa an bilean. ¶ An so air do na h-nile bhi n an seasamh, their an Sagart,
Glòir do n Atbair, agus do n Mhac: agus do n Spiorad
Naomh; ¶
An sin theirear, no seinnear an t-Salm so a leanas: Ach air là
Càisge, air am bheil Laoidh eile air a h-orduchadh: agus air an
Naothamh là deug de gach mìos cha leughar an so i, ach ann
an riaghailt ghnàthaichte nan Salm |
Lords
Prayer |
Venite, exultemus Domino. Salm 95. O
Thigibh, seinneamaid do n Tighearn : togamaid iolach do charraig
an slàinte.
¶ An sin leanaidh na Sailm anns an ordugh s am bheil iad air an suidheachadh. Agus aig deireadh gach Sailme rè na bliadhna, agus cuideachd aig deireadh Benedicite, Benedictus, Magnificat, agus Nunc Dimittis, aithrisear, Glòir don Athair, agus don Mhac:
agus don Spiorad Naomh;
Freagairt.
Mar a bha air tùs, a tha nis, agus a bhitheas gu bràth: saoghal gun chrìoch. Amen. ¶ An sin leughar gu soilleir is guth a chluinnear an Ceud Leasan, as an t-Seann Tiomnadh, mar a tha e suidhichte anns a Mhìosachan, (mur eil Leasain shònraichte air an cur air leth air son an là sin:) Am fearleughaidh n a sheasamh, agus g a thionndadh féin, air an dòigh s an fhearr a chluinnear e leis a mhuinntir a tha làthair. Agus an déigh sin, theirear, no seinnear anns a [chànain chumanta] an Laoidh, ris an goirear Te Deum Laudamus, gach là rè na bliadhna.
¶ Thoir fainear, roimh gach Leasan gun abair am Ministeir,
An so tha leithid so de Chaibideil a tòiseachadh, no
Rann de leithid so de Chaibideil de leithid so de Leabhar: Agus an
déigh gach Leasain, An so tha n Ceud, no an Dara Leasan
a crìochnachadh. |
|
Te Deum Laudamus. THa
sinn a toirt molaidh dhuit, O Dhé : tha sinn ag aideachadh
gun tu an Tighearn. |
|
¶ No an Laoidh so, Benedicite, omnia Opera. O
Sibhse uile oibre an Tighearna, beannaichibh an Tighearn : molaibh e,
agus àrdaichibh e gu sìorruidh. ¶
An sin leughar air an dòigh cheudna an Dara Leasan, as an Tiomnadh
Nuadh. Agus an déigh sin, an Laoidh a leanus ach an uair a thuiteas
d i bhi air a leughadh anns a Chaibideil air son an
là, no air son an t-Soisgeil air là N. Eoin Baistidh. |
|
Benedictus. N. Luc. 1. 68. GU
ma beannaichte an Tighearn Dia Israeil : air son gun d fhiosraich
e, agus gun d thug e saorsa d a phobull; ¶ No an t-Salm so, Jubilate Deo. TOgaibh
iolach ait don Tighearn, a thìrean uile : deanaibh seirbhis
don Tighearn le h-aoibhneas, thigibh n a fhianuis le luathghaire. ¶
An sin seinnear, no theirear Creud nan Abstol leis a Mhinisteir,
agus leis an t-sluagh n an seasamh. Ach a mhàin air na làithibh
air am bheil Creud N. Atanasius air a h-orduchadh a bhi air a
leughadh. |
|
THa
mi creidsinn ann an Dia an t-Athair Uile-chumhachdach, Cruithfhear
nèimh agus talmhainn: ¶ Agus an déigh sin, na h-Urnuighean so a leanas, na h-uile gu cràbhaeh air an glùinibh, am Ministeir an toiseach ag ràdh le guth àrd,
Gun robh an Tighearn maille ribh. ¶
An sin their am Ministeir, na Cléirich, agus an sluagh Urnuigh
an Tighearna le guth àrd. |
Apostles' Creed
* Staid spiorad nam marbh.
† Air neo Chatholach. |
AR n-Athair, a tha air nèamh, Naomhaichear d Ainm. Thigeadh do Rìoghachd. Deanar do thoil air an talamh, Mar thatar a deanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil Agus maith dhuinn ar cionta, Mar a mhaitheas sinne dhoibhsan, a tha ciontachadh n ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn: Ach saor sinn o olc. Amen. ¶ An sin air do n t-Sagart seasamh, their e, O Thighearna, taisbein dhuinn do thròcair |
Lord's
Prayer |
¶ An sin leanaidh tri Guidhean; An ceud h-aon
diubh air son an là; a tha cuideachd air orduchadh aig a
Chomanachadh; An dara h-aon air son Sìthe; An treas h-aon air son
gràis gu beatha a chaitheamh gu maith. Agus cha-n atharraichear
aig àm sam bith an dà Ghuidhe mu dheireadh, ach tha iad
rin ràdh aig Urnuigh Mhaidne gach là rè na
bliadhna uile, mar a leanas; na h-uile air an glùinibh. |
Suffrages |
¶ An dara Guidhe, air son Sìthe. O
Dhé, is tu ùghdar na sìthe agus an ti aig a
bheil gràdh do réite, tha ar beatha shìorruidh a
seasamh ann an eòlas bhi againn ort, is saorsainn iomlan
do sheirbhis; dìon sinne do sheirbhisich ùmhal ann an uile
ionnsuidhibh ar naimhdean, chum nach bi eagal neart eascairdean air bith
oirnne, a tha g earbsadh gu cinnteach ann ad dhìdean, tre
chumhachd Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. |
Second
Collect, for Peace. |
¶ An treas Guidhe, air son Gràis. O Thighearna ar n-Athair nèamhaidh, a Dhé Uile-chumhachdaich agus mhaireannaich, a thug sinn gu sàbhailte gu toiseach an là an diugh; dìon sinn ann le d mhòr chumhachd, agus deònaich nach tuit sinn ann am peacadh air bith air an là so, agus nach ruith sinn ann an gnè air bith de chunnart; ach gum bi ar n-uile dheanadais air an stiuradh le d riaghailtsa, chum gun dean sinn do ghnàth an ni sin a tha firinneach ann ad shealladh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Far am bheil cuideachd de luchd-seinn agus anns na h-Ionadaibh s an seinn iad, an so leanaidh an Laoidh. ¶
An sin tha na cùig Urnuighean so a leanas ri n leughadh
an so, ach an uair a leughar an Laoidhdhiann; agus an sin cha-n eil
ri n leughadh dhiubh ach an dithis dheireanach, mar a tha iad air
an suidheachadh an sin. |
Third
Collect, for Grace |
¶ Urnuigh air son na Ban-righinn. O
Thighearna ar n-Athair nOamhaidh, àird agus chumhachdaich,
a Rìgh nan rìghrean, a Thighearna nan tighearnan, aon Fhearriaghladh
phrionnsan, a tha o d chathair rìoghail a coimhead
nan uile a tha n còmhnuidh air talamh; or n-uile chridhe
tha sinn a guidhe ort thu choimhead le d dheadh-ghean
air ar n-Ard-Uachdaran ro sheirceil Ban-righinn BHICTORIA, agus mar so
lìon i le gràs do Spioraid naoimh, chum gun lùb
i do ghnàth gu d thou, agus gun gluais i ann ad shlighe:
Sgeadaich i gu pailt le tiodhlacaibh nèamhaidh, deònaich
dhi beatha bhuan ann an slàinte agus ann an soirbheachadh, neartaich
i a dh fhaotainn buaidh agus làmh n uachdar air a naimhdibh
uile; agus fadheoidh an déigh na beatha so, gum faigh i aoibhneas
agus sonas sìorruidh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. |
Prayer
for the Queen |
¶ Urnuigh air son an Teaghlaich Rìoghail. A
Dhé Uile-chumhachdaich, a thobair an uile mhaitheis, tha sinn gu
h-ùmhal a guidhe ort thu bheannachadh Albert Imhear
Prionnsa Uilse, agus Ban-phrionnsa Uilse, agus an Teaghiach Rìoghail
uile: Sgeadaich iad le d Spiorad naomh; dean saoibhir iad le d
ghràs nèamhaidh; soirbhich leo leis gach uile shonas; agus
thoir iad gu d rioghachd mhaireannaich, trìd Iosa Criosd
ar Tighearna. Amen. |
Prayer
for the Royal Family |
¶ Urnuigh air son na Cléire agus an t-Sluaigh. A
Dhé Uile-chumhachdaich agus mhaireannaich, a tha d
aonar ag oibreachadh mhiorbhuilean mòra; cuir Spiorad slàinteil
do ghràis a nuas air ar n-Easbuigibh, agus air ar Buachailibh spioradail,
agus air gach uile Choimhthional a tha fo n curam; agus a chum s
gum flor thoilich iad thu, doirt a nuas orra sìor dhrùchd
do bheannachaidh. Deònaich so, O Thighearna, air son onoir
ar Feartagraidh agus ar n-Eadar-mheadhonair, Iosa Criosd. Amen. |
Prayer
for the Clergy & People |
¶ Urnuiqh le Naomh Crisostom. A Dhé Uile-chumhachdaich, a thug dhuinn gràs anns an àm so ar n-athchuingean choitchionn a dheanamh riut le aon rùn, agus a tha gealltuinn, an uair a chruinnicheas dithis no triuir an ceann a chéile ann ad Ainm, gun toir thu dhoibh an iarrtuis; Coimhlion a nis, O Thighearna, miannnan agus iarrtuis do sheirbhiseach, mar is ro fheumail e dhoibh; a deònachadh dhuinn anns an t-saoghal so eòlas air d fhìrinn, agus anns an t-saoghal a tha ri teachd a bheatha mhaireannach. Amen. 2 Cor. xiii. GRàs ar Tighearna Iosa Criosd, agus gràdh Dhé, agus comh-chomunn an Spioraid Naoimh gun robb maille ruinn uile gu sìorruidh. Amen. An so tha Ordugh Urnuigh Mhaidne a crìochnachadh rè na bliadhna. |
Prayer
of St. Chrysostom |
Return to the Scots Gaelic Book of Common Prayer
Web author: Charles Wohlers | U. S. England Scotland Ireland Wales Canada World |