¶
An so leanaidh an Laoidh-Dhiann no an Athchuinge Choitchionn r’a
seinn no r’a ràdh an déigh Urnuigh Mhaidne air Di-dòmhnaichibh,
air Di-ciaduinibh, agus air Di-h-aoinibh, agus air àmaibh eile,
an uair a dh’ orduichear e leis an Ard-Fhear-ùghdarrais.
O ‘Dhé an t-Athair nèamhaidh: dean tròcair oirnn
peacaich thruagha.
O ’Dhéan t-Athair nèamhhaidh:
dean tròcair oirnn peacaich thruagha.
O ‘Dhé am Mac, Fear-saoradh an t-saoghail:
dean tròcair oirnn peacaich thruagha.
O ‘Dhé am Mac, Fear-saoradh an t-saoghail:
dean tròcair oirnn peacaich thruagha.
O ‘Dhé an Spiorad Naomh, a’ teachd
o ‘n Athair, agus o ‘n Mhac: dean tròcair oirnn peacaich
thruagha.
O ‘Dhé an Spiorad Naomh, a’ teachd
o’n Athair, agus o ’n Mhac: dean tròcair oirnn peacaich
thruagha.
O ‘Thrionaid naomh, bheannaichte agus ghlòrmhor,
tri pearsannan agus aon Dia: dean tròcair oirnn peacaich thruagha.
O ‘Thrionaid naomh, bheannaichte agus ghlòrmhor,
tri pearsannan agus aon Dia: dean tròcair oirnn peacaich thruagha.
Na cuimhnich a Thighearna ar cionta, no cionta ar sinnseanachd,
agus na dean dìoghaltas oirnn air son ar peacaidhean: caomhain sinn,
a dheadh Thighearna, caomhain do shluagh a shaor thu le d’ fhuil ro
phrìseil, agus na bi ‘an corruich ruinn gu bràth.
Caomhain sinn, a dheadh Thighearna.
O gach uile olc agus thubaist, o pheacadh, o innleachdaibh
agus o ionnsuidhibh an diabhuil, o d’ fheirg féin, agus o dhìteadh
sìorruidh,
Saor sinn, a dheadh Thighearna.
O gach uile dhoille cridhe; o àrdan, ghlôir
dhìomhain, agus fhuar-chràbhadh; o fhanmad, fhuath, agus mhi-run,
agus o gach uile mhi-iochd,
Saor sinn, a dheadh Thighearna.
O strìopachas, agus o gach uile pheacadh mairbhteach
eile; agus o uile cheahgaineachd an t-saoghail, na feola, agus an diabhuil,
Saor sinn, a dheadh Thighearna.
O dhealanach agus o stoirm; o phlaigh, o ghalar, agus
o ghoirt; o chath, agus o mhort, agus o bhàs obann.
Saor sinn, a dheadh Thighearna.
O gach uile aimhreit, choimh-cheilg uaignich, agus cheannairc;
o gach uihe theagasg meallta, shaobh-chreidimh, agus easaonachd; o chruas
cridhe, agus o thàir a thoirt do d’ Fhocal agus do d’
Aithne,
Saor sinn, a dheadh Thighearna.
Le dìomhaireachd do Theachd naoimh ‘s an
fheòil; le d’Bhreith naoimh agus he d’Thimchiollghearradh;
le d’ Bhaisteadh, le d’ Thrasgadh, agus le d’ Bhuaireadh,
Saor sinn, a dheadh Thighearna.
Le d’ Chràdh agus le d’ Fhallus fola;
le d’ Chrann-ceusaidh agus le d’ Fhulangas; le d’ Bhàs
luachmhor agus le d’ Adhlacadh; le d’ Aiseirigh agus le d’
Dhol suas glòrmhor; agus le teachd an Spioraid Naoimh,
Saor sinn a dheadh Thighearna.
Ann an uile àm ar n-an-shocair; ann an uile àm
ar soirbheachaidh; ann an uair a’ bhàis, agus ann an là
a’ bhreitheanais,
Saor sinn, a dheadh Thighearna.
Tha sinne peacaich a’ guidhe ort éisdeachd
ruinn, O ‘Thighearna Dhé, agus gu ma deònach leat d’
Eaglais naomh choitchionn a riaghladh agus a stiuradh ‘s an t-slighe
cheirt;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat do sheirbhiseach BHICTORIA
ar Ban-righinn agus an Riaghladair ro sheirceil, a ghleidheadh agus a neartachadh
ann an aoradh fìor dhuit féin, ann am fìreantachd agus
an naomhachd beatha;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat a cridhe riaghladh ann ad chreidimh,
ann ad eagal, agus ann ad ghràdh, agus gu sìorruidh tuilleadh
gu’m bi earbsa aice annad, agus gu’n iarr i do ghnàth
d’ onoir agus do ghlòir;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat a bhi a’ d’ fhear-dìon
agus a’ d’ fhear-gleidhidh aice, a’ toirt na buaidh’
dhi air a naimhdibh uile;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deônach leat Albert Imhear Prionnsa Uilse,
agus Ban-phrionnsa Uilse, agus an Teaghlach Rìoghail uile, a bheannachadh
agus a ghleidheadh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat na h-uihe Easbuigean, Shagartan
agus Dheaconan a shoillseachadh le fìon eòhas agus tuigse
air d’ Fhocal, agus araon le ‘n teagasg agus le ‘n caithe-beatha
gu’n nochd iad e agus gu’n taisbein iad e d’ a rèir;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat Mòr-fhearan na Comhairle,
agus na Maithean uile a sgeadachadh, le gràs, gliocas, agus tuigse;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat Luchd-frithealadh a’
cheartais a bheannachadh agus a ghleidheadh, a’ toirt gràis
dhoibh a chur ‘an gnìomh ceartais, agus a sheasamh na fìrinn;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat do shluagh uile a bheannachadh
agus a ghleidheadh;
Tha sinn a’ quidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat aonachd, sìth, agus
réite a thoirt do na h-uile chinnich;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat cridhe ‘thoirt dhuinn
anns am bi do ghràdh agus d’ eagal, a chaitheamh an beatha
gu dùrachdach a réir d’ àitheantan;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat meudachadh gràis a thoirt
do d’ shluagh uile, a dh’éisdeachd gu sèimh d’
Fhocail, agus g’ a ghabhail le aigne fhìorghlan, agus a thoirt
a mach toraidh an Spioraid;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat iadsan nile a chaidh air seacharan
agus a tha air am mealladh' a threòrachadh gu slighe na fìrinn;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat iadsan a tha ‘n an seasamh
a neartachadh, comhfhurtachd, agus còmhnadh a thoirt dhoibhsan a
tha lag-chridheach, agus iadsan a tha air tuiteam a thogail a suas, agus
fadheoidh Satan a bhualadh sìos fo ‘r cosaibh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat cabhair, còmhnadh, agus
comhfhurtachd a thoirt dhoibhsan uile a tha ‘n cunnart, ‘an
éiginn, agus ‘an an-shocair;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat gach neach a theasairginn a
tha air astar air muir no air tìr, na h-uihe mhnathan a tha ‘n
saothair chloinne, gach uile neach easlainteach agus clann òg, agus
d’ iochd a nochdadh do na h-uile phrìosonaich agus bhraighdibh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat na dìlleachdain agus
na bantraichean a dhìon, agus na h-uile a tha aonarach agus fo ainneart,
agus deanamh air an son;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat tròcair a dheanamh air
na h-uile dhaoinibh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat maitheanas a thoirt d’ar
naimhdibh, d’ar luchd-geur-leanmhuinn agus cul-chainidh, agus an cridheachan
a thionndadh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat gach gnè thoraidh na
talmhainn a thoirt agus a théasairginn gu ‘r feum, air chor
‘s gu meal sinn iad ann an àm iomchuidh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
Gu ma deònach leat aithneachas fìreannach
a thoirt dhuinn, ar peacaidhean, an dearmaid, agus an n-aineolais uile a
mhaitheadh dhuinn, agus an sgeadachadh le gràs do Spioraid naoimh,
a leasachadh ar caithe-beatha a réir d’ fhocail naoimh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn,
a dheadh Thighearna.
A Mhic Dhé: tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd
ruinn.
A Mhic Dhé: tha sinn a’ guidhe ort
éisdeachd ruinn.
O Uain Dhé: a tha ‘toirt air falbh peacaidhean
an t-saoghail;
Deànaich dhuinn do shìth.
O Uain Dhé: a tha ‘toirt air falbh peacaidhean
an t-saoghail;
Dean tràcair oirnn.
O ‘Chriosd, éisd ruinn.
O ‘Chriosd, éisd ruinn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn.
A Chriosd, dean tròcair oirnn.
A Chriosd, dean tròcair oirnn.
A Thigheanna, dean tròcair oirnn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn.
|
|
O
‘Dhé, chuala sinn le ‘r cluasaibh, agus dh’ innis
an n-aithrichean dhuinn na h-oibmean òirdheirc a ninn thu ri ‘n
lìnn-san, agus anns an t-seann aimsir rompa.
O ‘Thighearna, éirich, cuidich sinn,
agus saor sinn air sgàth d’ onoir.
Glòir do ‘n Athair, agus do ‘n Mhac:
agus do ‘n Spiorad naomh;
Freagairt.
Mar a bha air tùs, a tha nis, agus a bhitheas
gu bràth: saoghal gun chrìoch. Amen.
O n naimhdibh dìon sinn, O ‘Chriosd.
Gu gràsail amhairc air an n-àmhghairibh.
Gu truacanta sealh air bròin an cridheachan.
Gu trò caireach maith peacaidhean do shluaigh.
Gu caomh le tròcair éisd ar n-urnuighean.
O ‘Mhic Dhaibhidh, dean tròcair oirnn.
Araon a nis agus gu bràth deònaich éisdeachd
ruinn, O ‘Chriosd.
Gu gràsail éisd ruinn, O ‘Chriosd
; gu gràsail éisd ruinn, O ‘Thighearna chriosd.
Sagart.
O ‘Thighearna, bitheadh do thròcair air
a nochdadh dhuinn.
Freagairt.
Mar a tha sinn a’ cur ar n-earbsa annad.
Deanamaid urnuigh.
GU h-ùmhal tha sinn a’
guidhe ort, O Athair, gu tròcaireach amhairc air ar n-anmhunnachdaibh;
agus air son glòire d’ Ainme, tionndaidh uainn na h-uilc sin
uile gu ro cheart a thoill sinn; agus deònaich, ‘n ar n-uile àmhghairibh
gu ‘n cuin sinn an n-earbsa agus an muinghin iomhan ann ad thròcair-sa,
agus gu’n dean sinn gu sìorruidh tuilleadh seirbhis dhuit ann
an naomhachd agus am fìorghloine caithe-beatha, chum d’ onoir
agus do ghlòire, trìd an n-aon Eadar-mheadhonair agus an Fir-tagraidh,
Iosa Criosd an Tighearna. Amen. ¶
Urnuigh le Naomh Crisostom.
A
Dhé Uile-chumhachdaich, a thug dhuinn gràs anns an àm
so ar n-athchuingean choitchionn a dheanamh riut le aon rùm, agus
a tha ‘gealltuinn, an uain a chruinnicheas dithis no triuir ‘an
ceann a chéile ann ad Ainm, gu’n toir thu dhoibh an iarrtuis;
Coimhlion a nis, O ‘Thighearna, miannan agus iarrtuis do sheirbhiseach,
man is ro fheumail e dhoibh, a’ deònachadh dhninn anns an
t-saoghal so eòlas air d’ fhìrinn, agus anns an t-saoghal
a tha ri teachd a’ bheatha mhaireannach. Amen.
2 Corintianach, 13.
GRàs
ar Tighearna Iosa Criosd, agus gràdh Dhé, agus comh-chomunn
an Spioraid naoimh gu’n robh maille ruinn uile gu sìorruidh.
Amen.
An
so tha ‘n Laoidh-Dhiann a’ crìochnachadh.
|
|