Scottish flag The Book of Common Prayer
United States England Scotland Ireland Wales Canada World

    The Book of Common Prayer in Scots Gaelic:
Holy Communion (English Rite)

 

AN T-ORDUGH

CHUM FRITHEALADH SUIPEIR AN TIGHEARNA, NO AN COMANACHADH NAOMH.
 

A’ Mheud a’s leis an àill a bhi ’n an luchd-comhpairt de’n Chomanachadh naomh, bheir iad an ainmean. do’n Bhuachaille spioradail air a’ chuid a’s lugha uair-éigin air an là roimhe.

Agus ma bhitheas aon diubh sin a tha gu follaiseach agus gu h-ainmeil a’ leantuinn droch chaithe~beatha, no ’rinn coire air bith air a choimhearsnach le focal no gnìomh, leis am bheil e a’ toirt oilbheim do’n Choimh thional; air do’n Bhuachaille spioradail fios fhaotainn air, gairmjdh se e agus bheir e sanas da, gun e air chor air bith a ghabhail a dhànadas air féin teachd gu bòrd an Tighearna, gus an dearbh e gu follaiseach gu’n d’ rinn e fìor aithreachas agus gu’n do leasaich e an droch chaithe-beatha a bh’ aige roimhe, a chum mar sin gu’m bi an Coimhthional a fhuair oilbheum ann roimhe, air an ath-réiteachadh ris; agus gu’n d’ thug e dìoladh do’n mhuinntir air an d’ rinn e coire, air neo gu’n toir e co dhiu dearbhadh gu bheil e làn.-toileach so a dheanamh, cho luath a’s tha cothrom aige air.

Leanaidh am Buachaille spioradail an dòigh cheudna ma tha e ’toirt fainear gu bheil mì-run agus fuath a’ seasamh eadar muinntir air bith; gun cheadachadh dhoibh a bhi ’n an luchd-comhpairt de Bhòrd an Tighearna, gus am bi fios aige gu’n d’ rinn iad réite. Agus ma bhitheas aon de’n mhuinntir a tha mar 80 ann an diomb ri ’chéile toileach o ghrunnd a chridhe maitheanas a thoirt anns gach ni ’s an do chiontaich an neach eile ’n a aghaidh, agus dìoladh a dheanamh air son a choire féin,. agus mur a h-àill leis an neach eile ’bhi air a thoirt gu réite dhiadhaidh, ach ma sheasas e fhathast ’n a dhanarrachd agus ’mhì-run; an sin is còir do’n Mhinisteir an neach a tha aithreach a ghabhail a dh’ ionnsuidh a’ Chomanachaidh naoimh, agus cha ghabh e an neach a tha danarra. Ach gach Ministeir a chumas air ais neach air bith, mar a tha air ’ainmeachadh ann. a’ so, no anns an Earrainn a’s faisge air thoiseach de’n Ordugh so, feumaidh e cunntas a thoirt air an ni ceudna do’n Ard-fhear-ùghdarrais an taobh a stigh de cheithir là deug ’n a dhéigh air a’ chuid a’s faide. Agus buinidh an t-Ard-fhear-ùghdarrais ris an neach a tha ’ciontachadh a réir Lagha na h-Eaglais.

Aig àm a’ Chomanachaidh air do’n Bhòrd ’bhi air a chòmhdachdach le lìon-eudach. maiseach geal, seasaidh e ann am meadhon na h-Eaglais, no ann an Cuirt na h-Altarach, far am bheil Urnuigh Mhaidne agus Urnuigh Fheasgair air an orduchadh gu ’bhi air an ràdh. Agus air seasamh do’n t-Sagart aig taobh tuath a’ Bhùird, an stuagh air an glùinibh, their e Urnuigh an Tighearna, maille ris a’ Ghuidhe so a leanas.
 

 

AR n-Athair a tha air nèamh; Naomhaichear d’ Ainm. Thigeadh do rìoghachd. Deanar do thoil air an talamh, Mar thatar a deanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith dhuinn ar cionta, Mar a mhaitheas sinne dhoibhsan a tha ’ciontachadh ’n ar n-aghaidh. Agus na leig ’am buaireadh sinn; Ach saor siun o olc.   Amen.
 

Lord’s Prayer

An Guidhe.

A Dhé Uile-chumhachdaich, d’ am bheil gach cridhe fosgailte, gach miann aithnichte, agus o nach ’eil ni uaigneach air bith folaichte; Glan smuaintean ar cridheachan le deachdadh do Spioraid naoimh; a chum gu’n toir sinn gràdh iomlan dhuit, agus gu’n àrd-mhol sinn gu h-iomchuidh d’ Ainm naomh, tre Chriosd ar Tighearn.   Amen.

An sin their an Sagart, a’ tionndadh ris an t-sluagh, le guth soilleir na DEICH AITHEANTAN uile; agus an déigh gach Aithne iarraidh an sluagh, agus iad fathast air an glùinibh, tròcair air Dia air son au ciont ’n an aghaidh ’s an àm a chaidh seachad; agus gràs g’an gleidheadh ’s an àm. a tha ’teachd, mar a leanas.
 

 

Collect for Purity

Ministeir.

LAbhair Dia na briathra so agus thubhairt e, Is mise an Tighearn do Dhia: Na bitheadh Dée sam bith eihe agad a’m’ làthair-sa.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir

    Na dean dhuit féin dealbh snaidhte, no coslas sam bith a dh’aon ni a tha ’s na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no ’s na h-uisgeachaibh fo ’n talamh. Na crom thu féin sìos doibh, agus na dean seirbhis doibh: oir mise an Tighearn do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantuinn aingidheachd nan aithrichean air a’ chloinn air an treas agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi, agus a’ nochdadh tròcair do mhìltibh dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimhideas m’àitheantan.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir

    Na tabhair Ainm an Tighearna do Dhé ’an dìomhanas: oir cha mheas an Tighearn neòchiontach esan a bheir ’Ainm ’an dìomhanas,

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir.

    Cuimhnich là na Sàbaid a naomhachadh. Sè làithean saothraichidh tu, agus ni thu d’obair uile; ach air an t-seachdamh là tha Sàbaid an Tighearna do Dhé. Air an là sin na deau obair sam bith, thu féin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha ’n taobh a stigh de d’gheataibh. Oir ann an sè làithibh rinn an Tighearn na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach ni a tha annta, agus ghabh e fois air an t-seachdamh là: air an aobhar sin bheannaich an Tighearn là na sàbaid, agus naomhaich se e.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir.

    Tabhair onoir do d’athair agus do d’mhàthair, a chum gu’m bi do làithean buan air an fhearann a tha ’n Tighearn do Dhia a’ toirt dhuit.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir.

    Na dean mortadh.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir.

    Na dean adhaltranas

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir.

    Na dean gadachd.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir.

    Na tabhair fianuis bhréige an aghaidh do choimhearsnaich.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan a ghleidheadh an lagha so.

Ministeir.

    Na sanntaich tigh do choimhearsnaich, na sanntaich bean do choimhearsnaich, no ’òglach, no ’bhanoglach, no ’dhamh, no ’asal, no aon ni a’s le do choimhearsnach.

Sluagh.

    A Thighearna, dean tròcair oirnn, agus sgrìobh do laghan so uile ’n ar cridheachaibh, tha sinn a’ guidhe ort.

An sin leanaidh aon de’n dà Ghuidhe so air son na Ban-righinn, an Sagart a’ seasamh mar a bha e roimhe, agus ag ràdh,
 

 Ten Commandments

Deanamaid urnuigh.

A Dhé UiIe-chumachdaich, tha do rìoghachd sìor-mhaireannach, agus do chumhachd neo-chrìochnach; Dean tròcair air an Eaglais uile, agus mar so stiuir cridhe do sheirbhisich thaghta Bhictoria ar Ban-righinn agus ar Riaghladair, a chum (air do eòlas a bhi aice cò d’ am bheil i ’frithealadh) os ceann nan uile nithe gu’n iarr i d’onoir agus do ghlòir; agus gu’n toir sinne agus a h-ìochdarain uile (gu ceart a’ toirt fainear cò uaith tha ùghdarras aice) seirbhis dhìleas, onoir, agus géill gu h-ùmhal dhi, annadsa, agus air do shon-sa, a réir d’fhocail agus d’orduigh bheannaichte, trìd Iosa Criosd ar Tighearna, a tha maille riutsa agus ris an Spiorad naomh, beò agus a’ riaghladh sìor aon Dia, saoghal gun chrìoch.   Amen.

Air neo,

A Dhé Uile-chrimhachdaich agus shìormhaireannaich, tha sinn air ar teagasg le d’Fhocal naomh, gu bheil cridheachan rìghrean fo d’ riaghladh agus fo d’ stiuradh, agus gu bheil thu ’g an aomadh agus ’g an tionndadh mar a tha thu ’faicinn iomchuidh ann do ghliocas diadhaidh; Gu h-ùmhal tha sinn a’ guidhe ort cridhe do sheirbhisich BHICTORIA, ar Ban-righinn agus ar Riaghladair aomadh agus a stiuradh, a chum ’n a h-uile smuaintibh, bhriathraibh agus oibribh, gu’n sìor iarr i d’onoir agus do ghlòir, agus gu’m bi i dùrachdach a ghleidheadh do shluaigh a chuir thu fo a curam, ann an soirbheachadh, sìth agus diadhachd. Deònaich so, O Athair thròcairich, air sgàth do Mhic ionmhuinn Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

An sin theirear Guidhe an là. Agus dìreaeh an déigh a’ ghuidhe leughaidh an Sagart an Litir, ag ràdh, Tha ’n Litir [no, An Earrann de ’n Sgriobtuir a tha air a h-orduchadh air son na Litreach] sgrìobhta anns an——Caibideil de ——a’ tòiseachadh aig an——rann. Agus air do ’n Litir crìochnachadh, their e An so tha ’n Litir a’ crìochnachadh. An sin leughaidh e an Soisgeul (an sluagh uile a’ seasamh suas) ag ràdh, Tha ’n Soisgeul naomh sgrìobhta anns an——Caibideil de——a’ tòiseachadh aig an —— rann. Agus air do ’n t-soisgeul crìochnachadh, seinnear no theirear a’ Chreud a tha ’leantuinn, an sluagh a’ seasamh fathast, mar a bha iad roimhe.
 

 

Collects for the Queen

THa mi ’creidsinn ann an aon Dia an t-Athair Uile- chumhachdach, Cruithfhear nèimh agus talmhainn, Agus nan uile nithe faicsinneaeh agus neo-fhaicsinneach:
    Agus ann an aon Tighearn Iosa Criosd, aonghin Mhic Dhé, A ghineadh o ’Athair roimh na saoghail uile, Dia de Dhia, Solus de Sholus, Fìor Dhia de dh’ fhìor Dhia, Ginte, cha-n ann deanta, Air dha ’bhi de ’n aon nadur ris an Athaìr, Leis an d’ rinneadh na h-uile nithe:
A thàinig as ar leth-ne daoine, agus air son ar sàbhalaidh a nuas o nèamh, Agus a ghabh feòil air féin leis an Spiorad naomh de ’n Oigh Muire, Agus a rinneadh ’n a dhuine, Agus a cheusadh mar an ceudna air ar son-ne fo Phontius Pilat. Dh’ fhuiling e agus dh’ adhlaiceadh e, Agus air an treas là dh’ éirich e rìs a réir nan Sgriobtuirean, Agus chaidh e suas gu nèamh, Agus a tha e ’n a shuidhe air deas làimh an Athar. Agus thig e rìs le glòir a thoirt breth araon air na beòthaibh agus air na mairbh; Air a rìoghachd cha bhi crìoch.
    Agus tha mi ’creidsinn anns an Spiorad naomh, Àn Tighearn agus tabhartair beatha, A tha ’teachd o’n Athair agus o’n Mhac, A tha maille ris an Athair agus ris a’ Mhac maraon air ’aoradh agus air a ghlòrachadh, A labhair leis na fàidhibh. Agus tha mi ’creidsinn aon Eaglais Choitchionn * agus Abstolaich. Tha mi ’g aideachadh aon Bhaistidh a chum maitheanais pheacaidhean, Agus tha dùil agam ri Aiseirigh nam marbh, Agus ri beatha an t-saoghail a tha ri teachd.   Amen.

An sin cuiridh am Buachaille spioradail ’an céill do ’n t-sluagh na làithean naomha, agus làithean traisg a tha ri ’n gleidheadh air an t-seachduin a leanas. Agus an sin cuideachd (ma bhitheas aobhar air) bheirear fios mu ’n Chomanachadh; agus théid gairmeannan Pòsaidh a dheanamh follaiseach; agus leughar Litrichean ùghdarrais mu dhéirce, Gairmean gu cùirtibh agus Ascaoin-Eaglais. Agus cha téid ni air bith a ghairm no a dheanamh follaiseach anns an Eaglais aig àm na Seirbhis Dhiadhaidh, ach leis a’ Mhinisteir: No ni air bith leis-san, ach na nithe a tha orduichte ann an .Riaghailtibh an Leabhair, so, no air an orduchachadh leis a’ Bhan-righinn no le Ard-fhearùghdarrais an àite.

An sin leanaidh an t-Searmoin, no aon de na Searmoinibh orduichte a tha cheana air an cur a mach, no a théid a chur a mach le Ughdarras an déigh so.

An sin pillidh an Sagart gu Bòrd an Tighearna, agus
tòisichidh e air leughadh bhriathran an Tabhar tais, ag ràdh a h-aon no tuilleadh de na h-Earrannaibh so a leanas, mar a chi e iomchuidh.

 

Nicene Creed

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

* Air neo aon Eaglais Chatholaich.

N. Mata v.
GU ma h-ann mar sin a dhealraicheas ’ur solus an làthair dhaoine, chum gu faic iad ’ur deadh oibre, agus gu’n toir iad glòir do ’ur n-Athair a tha air nèamh.


 
N. Mata vi.
    Na taisgibh dhuibh féin ionmhais air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a stigh agus an goid iad: ach taisgibh ionmhais dhuibh féin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich.


 
N. Mata vii.
    Gach uile ni ’bu mhainn leibh daoine a dheanamh dhuibh-se, deanaibh-se a’ leithid dhoibhsan mar an ceudna; oir is e so an lagh agus na fàidhean.


 
N. Mata vii.
    Cha’n e gach uile neach a their riumsa, A Thighearn’, a Thighearn’, a théid a steach do rìoghachd nèimh, ach an ti a ni toil m’Athar-sa a tha air nèamh.


 
N. Lucas xix.
    Sheas Sacheus, agus thubhairt e ris an Tighearn, Feuch a Thighearna, tha mi ’toirt leth mo mhaoin do na bochdaibh, agus ma thug mi aon ni o neach air bith le casaid bhréige, tha mi ’toirt dha a’ cheithir uiread.


 
1 Cor. ix.
   Cò théid chum cogaidh uair air bith air a chosdus féin? Cò a shuidhicheas fìon-lios, agus nach’ ith d’a thoradh? No cò a bheathaicheas treud, agus nach blais de bhainne an treud?

1 Cor. ix.
    Ma chuir sinne nithe spioradail dhuibh-se, an ni mòr e ma bhuaineas sinn ’ur nithean feòlmhor-se?
1 Cor. ix.
    Nach’eil fhios agaibh gu’m bheil iadsan a tha ’saothrachadh mu thimchioll nithe naomha, air am beathachadh o’n teampull? agus iadsan a tha ’frithealadh do’n altair, gu’m bheil comhroinn aca ris an altair? Agus mar sin dh’orduich an Tighearn mar an ceudna dhoibh-san a tha ’searmonachadh an t-soisgeil, an teachd-an-tìr fhaotainn o’n t-Soisgeul.
2 Cor. ix.
    An ti a chuireas gu gann, buainidh e gu gann mar an ceudna: agus an ti a chuireas gu pailt, buainidh e gu pailt mar an ceudna. Thugadh gach duine seachad a réir rùin a chridhe, na b’ann ’an doilgheas, no le éigin; oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.
Gal. vi.
    Comh-roinneadh an neach a tha air a theagasg ’s an fhocal, ris an neach a tha ’g a theagasg anns na h-uile nithibh maithe. Na meallar sibh, cha deanar fanoid air Dia: oir ge b’e ni a shìol-chuireas duine an ni ceudna buainidh e.
Gal. vi.
    A réir mar tha cothrom againn, deanamaid maith do na h-uile dhaoinibh, ach gu h-àraidh dhoibh-san a tha de theaghlach a’ chreidimh.
1 Tim. vi.
    Is buannachd mhòr an diadhachd maille ri inntinn thoilichte : oir cha d’thug sinn ni air bith leinn do’n t-saoghal so, agus is soilleir nach urrainn sinn ni sam bith a thoirt as.
1 Tim. vi.
    Thoir àithne do na daoinibh a tha saoibhir ’s an t-saoghal so, iad a bhi ullamh gu roinn, comh-
pàirteach, a’ tasgadh suas doibh féin deadh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, chum gu’n dean iad greim air a’ bheatha mhaireann aich.
Eabh. vi.
    Cha-n’eil Dia mi-chothromach, gu’n dìchuimhnicheadh e obair agus saothair ’ur gràidh; a nochd sibh a thaobh ’Ainme-san, am feadh ’s gu’n d’rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.
Eabh. xiii.
    Na dì-chuimhnichibh maith a dheanamh, agus comh-roinn a thoirt uaibh; oir tha an leithidean sin a dh’ ìobairtibh taitneach do Dhia.
1 N. Eoin iii.
    Ge b’e neach aig am bheil maoin an t-saoghail so, agus a chi a bhràthair ann an uireasbhuidh agus a dhruideas a chridhe ’n a aghaidh, cionnus a tha gràdh Dhé a’ gabhail còmhnuidh ann-san?
Tobit iv.
    Thoir déirc de d’ mhaoin, agus na pill gu bràth d’ aghaidho dhuine bochd air bith, agus an sin cha bhi gnùis an Tighearna air a pilleadh air falbh uaitsa.
Tobit iv.
    Bi tròcaireach a réir do . chomais. Ma tha mòran agad thoir seachad gu pailt, Ma tha beagan agad, dean do dhìchioll gu suilbhir gu cuid de’n bheagan sin a thoirt seachad: oir mar SO cruinnichidh tu deadh dhuais dhuit féin ann an là na h-airce.
Gnàthf. xix.
    An ti a ghabhas truas de’n bhochd, bheir e air ìasachd do’n Tighearn: agus an ni a bheìr e uaith, ìocaidh e dha a rìs.
Salm xli.
    Is beannaichte esan a bheir an aire do’n duine bhochd: ann an là an uile saoraidh an Tighearn e.

¶ Am feadh a tha na h-Earrannan so ’g an leughadh, gabhaidh na Deaconan, na Foirfich, no pearsa iomchuidh eile a théid a shònrachadh a chum na cùise sin, an déirc air son nam bochd, agus tìodhlacan eile an t-sluaigh, ann am mèis fhreagaraich ri ’bhi air a faotainn leis an Sgìreachd chum an fheim sin, agus le urram bheir iad i a dh’ ionnsuidh an t-Sagairt, a thairgeas a suas agus a chuireas gu h-iriosal i air a Bhòrd naomh.

¶ Agus an uair a bhitheas Comanachadh ann, an sin cuiridh an Sagart air a’ Bhòrd uiread Arain agus Fhìona ’s a shaoileas e a dh’ fhoghnas. An déigh so a dheanamh, their an Sagart,

    Deanamaid urnuigh air son staid Eaglais Chriosd uile a tha ’cogadh an so air talamh.
 

 Offertory sentences
A Dhé Uile-chumhachdaich agus shìormhaireannaich, a theagaisg dhuinn le d’ Abstol naomh urnuighean agus athchuingean a dheanamh, agus buidheachas a thoirt air son nan uile dhaoine; Gu h-ùmhal tha sinn a’ guidhe ort, gu ro thròcaireach thu Mar bi déirc no tobhartais ...[*a ghabhail Mur bi déirc ar déircean agus ar tabhartas agus] a dh’ éisdeachd ar n-urnuighean so, a tha sinn a tairgse do d’ Mhòrachd dhiadhaidh, a guidhe ort do ghnàth an Eaglais choitchionn a bheothachadh le spiorad na fìrinn, na h-aonachd, agus na réite: agus deònaich dhoibhsan uile a tha ’g aideachadh d’ Ainme naoimh, comh-chòrdadh ann am fìrinn d’fhocail naoimh, agus am beatha ’chaitheamh ann an aonachd agus ann an gràdh diadhaidh. Tha sinn cuideachd a’ guidhe ort na h-uile rìghrean, phrionnsan agus riaghladairean Criosdail a shàbhaladh agus a dhìon; agus gu h-àraidh do sheirbhiseach BHICTORIA ar Ban-righinn, a chum fuidhpe gu’m bi sinn air ar riaghladh gu diadhaidh agus gu sàmhach: agus deònaich d’a Comhairle uile, agus do na h-uile aig am bheil ùghdarras fuidhpe, gu’m fritheil iad ceartas gu fìrinneach agus gun lethphairt, gu smachdachadh aingidheachd agus droch-bheairt, agus gu seasamh d’ fhìor chreidimh féin agus deadh-bheus’. Thoir gràs, O Athair nèamhaidh, do na h-uile Easbuigibh agus Bhuachaillibh spioradail, chum gu’n nochd iad a mach araon le ’n caithe-beatha agus le ’n teagasg d’fhocal fìor agus beòthail, agus gu ceart agus gu h-iomchuidh gu’m fritheil iad do Shàcramaidean naomha: Agus do d’ shluagh uile thoir do ghràs nèamhaidh. agus gu h-àraidh do’n choimhthional a tha ’n so a làthair, a chum le cridhe sèimh agus urram iomchuidh gu’n éisd agus gu’n gabh iad d’ fhocal naomh, gu fìrinneach a’ deanamh seirbhis dhuit ann an naomhachd agus ’an ionracas uile làithean am beatha. Agus gu ro ùmhal tha sinn a’ guidhe ort o d’mhaitheas, O Thighearna, comhfhurtachd agus cabhair a thoirt dhoibhsan uile, a tha ’s a’ bheatha dhiomain so ann an trioblaid, bròn, uireasbhuidh, tinneas, no an-shocair air bith eile. Agus tha sinn cuideachd a’ beannachadh d’ Ainme naoimh, air son do sheirbhiseach uile dh’fhàg a’ bheatha so ann ad chreidimh agus ann ad eagal; a’ guidhe ort gràs a thoirt dhuinne a leantuinn an deadh eisempleirean, a chum maille riusan gu’m bi sinn ’n ar luchdcomhpairt de d’ rìoghachd nèamhaidh. Deònaich so, O Athair, air sgàth Iosa Criosd ar n-aon Eadar-mheadhonair agus ar Fear-tagraidh.   Amen.
 
Offertory

An uair a bheir am Ministeir fios mu fhrithealadh a’ Chomanachaidh naoimh, (ni a bheir e seachad do ghnàth air an Dòmhnach no air là naomh air chor-éigin dìreach roimhe sin) An déigh na Searmoin no na searmoin orduichte, leughaidh e an earail so a leanas.

A Mhuinntir ro ionmhuinn, air —— so ’tighinn tha mi ’cur romham, le còmhnadh Dhé Sàcramaid ro shòlasach Cuirp agus Fola Chriosd a fhrithealadh dhoibhsan uile aig am bheil rùn creideach agus diadhaidh, gu ’bhi air a gabhail leo mar chuimhneachan air a chrann-cheusaidh agus ’fhulangas deadh-thoillteannach, leis am bheil sinn a mhàin a’ faotainn maitheanais ar peacaidhean, agus air ar deanamh ’n ar luchdcomhpairt de rìoghachd nèimh. Air an aobhar sin is e ar dleasnas buidheachas ro ùmhal agus o’r cridhe a thoirt do Dhia Uile-chumhachdach ar n-Athair nèamhaidh, a chionn gu’n d’thug e dhuinn a Mhac ar Slànuidhear Iosa Criosd, cha-n ann a mhàin gu bàs fhulang air ar son, ach cuideachd gu ’bhi ’n a lòn agus ’n a bheathachadh spioradail dhuinn anns an t-Sàcramaid naoimh sin. N i do bhrìgh gu bheil e cho diadhaidh agus cho sòlasach dhoibhsan a ghabhas gu h-iomchuidh e, agus cho cunnartach dhoibhsan a ghabhas a dhànadas orra féin a ghabhail gu mi-iomchuidh, is e mo dhleasnas-sa aig an àm so ’ur n-earalachadh sibh a thoirt fainearàrd-inbhe na dìomhaireachd naoimhe sin, agus am mòr chunnart a tha ’n a gabhail gu mi-iomchuidh, agus ’ur coguisean féin a cheasnachadh, (agus sin cha-n ann gu faoin, no mar luchd-sgàile ri Dia; ach air chor) gu’n tig sibh naomh agus glan a dh’ ionnsuidh féisd’ a tha cho nèamhaidh, ann an trusgan na bainnse a tha air ’iarraidh le Dia ’s an Sgriobtuir naomh, agus gu’m bi sibh air ’ur gabhail ’n ’ur luchd-comhpairt iomchuidh aig a’ Bhòrd naomh sin.
    Is e ’n rathad agus an dòigh air a’ so: Air tùs, ’ur caithe-beatha agus ’ur giùlan a cheasnachadh le riaghailt àitheantan Dhé; agus ge b’e air bith dòigh air an toir sibh fainear anns an do pheacaich sibh le toil, focal, no gnìomh, ann an sin gu’n caoidh sibh ’ur féin, agus gu’n dean sibh ’ur n-aidmheil ri Dia Uile-chumhachdach le làn rùn ’ur beatha leasachadh. Agus ma bheir sibh fainear gu’n do chiontaich sibh cha-n ann a mhàin an aghaidh Dhé, ach cuideachd an aghaidh ’ur coimhearsnach, an sin ni sibh réite riu, agus bithidh sibh ullamh gu comh-leasachadh agus dìoladh a thoirt dhoibh a réir ’ur làn chomais, air son nan uile lochdan agus eucoirean a rinn sibh air neach air bith eile; agus bithidh sibh mar an ceudna ullamh a thoirt maitheanais do gach neach a chuir corruich oirbh, niar is àill leibh maitheanas fhaotainn ’n ’ur ciontaibh féjn aig làimh Dhé: oir as eugmhais 80 cha-n ’eil gabhail a’ Chomanachaidh naoimh a’ deanamh ni air bith eile ach a’ meudachadh ’ur dìtidh. Air an aobhar sin ma tha neach air bith agaibh ’n a fhear-toibheim an aghaidh Dhé, a’ cumail air ais no a’ deanamh dìmeas air ’Fhocal, ’n a adhaltranach, no ’am mì-run, no farmad, no ciontach ann an droch-bheart thruim air bith eile; Deanaibh aithreachas ’n ’ur peacaidhibh, air neo na tigibh a dh’ionnsuidh a’ Bhùird naoimh sin: an t-eagal an déigh an t-Sàcramaid naomh sin a ghabhail, gu’n téid an diabhul a stigh annaibh, mar a chaidh e ann an Iudas, agus gu’n lìon e sibh làn de gach uile aingidheachd, agus gu’n toir e sibh gu léir-sgrios araon ann an corp agus ann an anam.
    Agus a chionn gu bheil e feumail, nach d’ thigeadh neach air bith a dh’ ionnsuidh a’ Chomanachaidh naoimh, ach le làn earbsa ann an tròcair Dhé, agus le coguis shocraich: air an aobhar sin ma tha aon air bith dhibh nach urrainn leis na meadhonaibh so a choguis a dheanamh socair, ach a tha ’g iarraidh tuilleadh comhfhurtachd no comhairle, thigeadh e a’ m’ ionnsuidh-sa, no gu neach tuigseach agus fòghluimte eile, a tha ’n a Mhinisteir focail Dé, agus fosgladh e aobhar a chraidh, a chum le frithealadh focail naoimh Dhé gu’m faigh e sochair fuasglaidh, maille ri comhairle agus seòladh spioradail, a thoirt sàmhchair d’a choguis, agus a sheachnadh gach uile mhiearbsa agus theagaimh.

No ma chi e gu’m bi an sluagh mi-chùramach a theachd a dh’ ionnsuidh a’ Chomanachaidh naoimh, ann an àite na h-earail roimhe, gnàthaichidh e an té so.

A Bhràithrean ro ionmhuinn, air —— tha mi ’cur romham, le gràs Dhé, Suipeir an Tighearna ’fhrithealadh: gus am bheil mi as leth Dhé ’g ’ur n-iarraidh uile a tha ’n so làthair, agus a’ guidhe oirbh air sgàth an Tighearna Iosa Criosd, nach diùlt sibh teachd d’a h-ionnsuidh, air dhuibh ’bhi air ’ur gairm agus air ’ur n-iarraidh cho gràdhach le Dia féin. Tha fios agaibh cho doilghiosach agus neo-chaoimhneil an ni e ma dh’ullaicheas duine féisd shaoibhir, agus ma chòmhdaicheas e a bhòrd leis gach seorsa bìdh, air chor as nach ’eil uireasbhuidh ann ach na h-aoidhean a shuidhe sìos, agus gidheadh (gun aobhar air bith) gu’m bi iadsan a ghairmeadh, gu ro mhi-thaingeil a’ diùltadh teachd. Cò agaibh-se air nach bitheadh fearg ann a’ leithid so de chùis? Cò nach smuainticheadh so ’n a choire agus ’n a eucoir mhòir deanta dha féin? Air an aobhar sin, a mhuinntir ro ionmhuiun ann an Criosd, thugaibh deadh aire, an t-eagal le sibh féin a tharruing o’n t-Suipeir naoimh so, gu’m brosnuich sibh corruich Dhé ’n ’ur n-aghaidh. Tha e ’n a ghnothach furasda do dhuine a ràdh, Cha ghabh mi an Comanachadh, a chionn gu bheil mi air mo bhacadh air dòigh eile le gnothaichibh saoghalta. Ach cha-n ’eil an leithidean so de leithsgeulaibh cho furasda ’ghabhail agus fhulang air beulthaobh Dhé. Ma their duine air bith, Is peacach ro mhòr mi, agus air an aobhar sin tha eagal orm teachd: c’arson ma ta nach ’eil sibh a’ deanamh aithreachais agus a’ leasachadh ’ur beatha? An uair a tha Dia ’g ’ur gairm, nach ’eil nàire oirbh a ràdh nach tig sibh? An uair bu chòir dhuibh tionndadh ri Dia, an gabh sibh ’ur leithsgeul féin, agus an abair sibh nach ’eil sibh ullamh? Thugaibh fainear gu dùrachdach annaibh féin, cia beag feum ’s a tha ’n an leithidibh so de leithsgeulaibh fhaoina air beulthaobh Dhé. Iadsan a dhiùlt an fhéisd ’s an t-Soisgeul, a chionn gu’n do cheannaich iad fearann, no gu’m b’ àill leo an cuingean dhamh a dhearbhadh, no a chionn gu’n robh iad pòsda, cha do ghabhadh mar so an leithsgeul, ach bha iad air an cunntas mi-iomchuidh air son na féisde nèamhaidh. Air mo thaobh-sa bithidh mi ullamh, agus a réir mo dhreuchd, tha mi ’toirt cuiridh dhuibh ann an ainm Dhé, tha mi ’g ’ur gairm as leth Chriosd, tha mi ’g ’ur n-earalachadh, mar a tha gràdh agaibh d’ ur sàbhaladh féin, gu’m bi sibh ’n ’ur luchd-comhpairt de ’n Chomanachadh naomh so. Agus mar a dheònaich Mac Dhé a bheatha a thoirt a suas le bàs air a’ Chranncheusaidh air son ’ur sàbhalaidh: mar so is e ’ur dleàsnas-se an Comanachadh a ghabhail, ann an cuimhneachan air ìobairt a bhàis, mar a dh’ àithn e féin: Ach ma ni sibh dearmad air so a dheanamh, smuaintichibh annaibh féin cia mòr a’ choire a tha sibh a’ deanamh do Dhia, agus cia goirt am peanas a tha ’an crochadh os ’ur ceann air a shon; an uair a tha sibh gu danarra fuireach air ’ur n-ais o Bhòrd an Tighearna, agus a’ dealachadh ri ’ur bràithribh, a tha ’teachd gu beathachadh air féisd an lòin ro nèamhaidh sin. Ma bheir sibh na nithe so gu dùrachdach fainear, pillidh sibh le gràs Dhé gu inntinn is fearr: agus a chum gu’m faigh sibh i cha sguir sinn a dheanamh ar guidhean ùmhal ri Dia Uile-chumhachdach ar n-Athair nèamhaidh.

Aig àm Frithealadh a’ Chomanachaidh air do ’n Luchdcomanachaidh ’bhi aír aiz suidheachadh gu h-iomch uidh chum an t-Sàcramaid naomh a ghabhail, their an Sagart an earail so.

A Mhuinntir ro ionmhuinn anns an Tighearn, sibhse leis an àill teachd a dh’ ionnsuidh Comanachaidh naoimh cuirp agus fola ar Slànuidhir Criosd, feumaidh sibh a thoirt fainear cionnus a tha Naomh Pòl ag earalachadh air na h-uile neach iad féin a rannsachadh agus a cheasnachadh gu dùrachdach, mu’n gabh iad de dhànadas itheadh de ’n Aran sin, agus ò1 de ’n Chupan sin. Oir mar a tha an t-sochair mòr, ma ghabhas sinn an t-Sàcramaid naomh sin le cridhe fìor aithreach agus le creidimh beòthail (oir an sin tha sinn ag itheadh feòla Chriosd, agus ag òl ’fhola air mhodh spioradail; an sin tha sinn a’ gabhail còmhnuidh ann an Criosd agus Criosd annainne, is aon sinn maille ri Criosd agus Criosd maille ruinne:) Mar sin tha ’n cunnart mòr, ma ghabhas sinn i gu neoiomchuidh. Oir an sin tha sinn ciontach de chorp agus de dh’ fhuil Chriosd ar Slànuidhir; tha sinn ag itheadh agus ag òl breitheanais dhuinn féin, gun a deanamh aithne air corp an Tighearna; tha sinn a’ lasadh corruich Dhé ’n ar n-aghaidh; tha sinn ’g a bhrosnachadh chum ar pianadh le caochladh euslaintibh agus le iomadh gnè bàis. Air an aobhar sin, a bhràithrean, thugaibh breth oirbh féin, a chum nach toir an Tighearn breth oirbh; deanaibh fìor aithreachas air son ’ur peacaidhean a rinn sibh; bitheadh creidimh beòthail agus daingean agaibh ann an Criosd ar Slànuidhear; athleasaichibh ’ur beatha, agus bithibh ann an gràdh foirfe ris na h-uile dhaoinibh, mar sin bithidh sibh ’n ’ur luehd-comhpairt iomchuidh de na dìomhaireachdaibh naomha sin. Agus os ceann nan uile nithe, feumaidh sibh buidheachas ro ùmhal agus bho ar n-uile chridhe a thoirt do Dhia an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad naomh, air son saoradh an t-saoghail le bàs agus le fulangas ar Slànuidhir Criosd, araon Dia agus duine, a dh’ irioslaich e féin eadhon do ’n bhàs air a’ Chrann-cheusaidh, air ar son-ne peacaich thruagh’, a bha ’n ar luidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a chum gu’n deanadh e sinn ’n ar cloinn do Dhia, agus gu’n àrdaicheadh e sinn gu beatha shìor-mhaireannaich. Agus a chum gu’n gnàth-chuimhnicheamaid gràdh anabarrach ar Maighistir, agus ar n-aon Slànuidhir, Iosa Criosd, mar so a’ bàsachadh air ar son, agus na sochairean gun àireamh a choisinn e dhuinn le dortadh ’fhola luachmhoir; shuidhich agus dh’ orduich e dìomhaireachdan naomha, mar dhearbhaidhean air a ghràdh, agus mar ghnàthchuimhneachan air a bhàs, a chum ar comhfhurtachd mhòir’ agus neo-chrìochnaich. Uime sin dhàsan maille ris an Athair, agus ris an Spiorad naomh, thugamaid (mar a tha gu ro shònraichte mar fhiachaibh oirnn) a ghnàth buidheachas, ’g ar strìochdadh féin gu h-iomlan d’a thoil agus d’a riar naomh, agus a’ deanamh dìchill air seirbhis a thoirt dha ann am fìor naomhachd agus ’an ionracas uile làithean ar beatha.   Amen.
 

Exhortations

An sin their an Sagart riusan a thig a ghabhail a’ Chomanachaidh naoimh.

SIbhse a tha gu fìrinneach agus gu dùrachdach a’ deanamh aithreachais air son ’ur peacaidhean, agus a tha ann an gràdh agus ann an deadh-rùn do ’ur coimhearsnaich, agus a’ cur romhaibh beatha nuadh a chaitheamh, àitheantan Dhe a leantuinn, agus imeachd o so suas ’n a shlighibh naomha-san; Thigibh ’am fagus le creidimh, agus gabhaibh an t-Sàcramaid naomh so chum ’ur comhfhurtachd; agus deanaibh ’ur n-aidmheil iriosal do Dhia Uile-chumhachdach, gu sèimh a’ lùbadh air ’ur glùinibh.
 

Invitation

An sin theirear an aidmheil choitchionn so, ann an ainm na muinntir sin uile aig am bheil rùn an Comanachadh naomh a ghabhail, le aon de na Ministeiribh, e féin agus an sluagh uile mar an ceudna a’ lùbadh gu h-iriosal air an glùnibh, agus ag ràdh,

A Dhé Uile-chumhachdaich, Athair ar Tighearna Iosa Criosd, A Chruithfhir nan uile nithe, A Bhreitheimh nan uile dhaoine; Tha sinn ag aideachadh agus a’ caoidh ar peacaidhean agus ar n-aingidheachd lìonmhoir, A chuir sinn bho àm gu àm gu màr-chiontach ’an gnìomh, Le smuain, le focal, agus le deanadas, An aghaidh do Mhòrachd dhiadhaidh, Gu ro cheart a’ brosnachadh d’ fheirg agus do chorruich ’n ar u-aghaidh. Tha sinn gu dùrachdach a’ gabhail aithreachais, Agus tha bròn o’r cridhe oirnn aim son ar droch ghnìomharan so, Tha ’bhi ’cuimhneachadh orra cràiteach dhuinn; Tha ’n eallach dhiubh do-iomchair. Dean tròcair oirnn, Dean tròcair oirnn, Athair ro thròcairich; Air sgàth do Mhic ar Tighearna Iosa Criosd, Maith dhuinn na h-uile a chaidh seachad, Agus deònaich gu bràth an déigh so Gu’n toir sinn seirbhis dhuit agus gu’n toilich sinn thu, Ann an nuadhachd beatha, Chum onoir agus glòire d’ Ainme, trìd Iosa Criosd ar Tighearna. Amen.
 

Confession

An sin éiridh an Sagart a suas (no an t-Easbuig ma bhitheas e ’làthair), agus ’g a thionndadh féin ris an t-sluagh, cuiridh e ’an céill am fuasgladh so.

DIa Uile-chumhachdach ar n-Athair nèamhaidh, o ’mhor thròcair a gheall maitheanas pheacaidhean dhoibhsan uile a philleas d’a ionnsuidh le aithreachas dùrachdach agus le fìor chreidimh; Gu’n deanadh e tròcair oirbh, gu’m maitheadh agus gu’n saoradh e sibh bho ’ur n-uile pheacaidhibh, gu’n daingnicheadh agus gu’n neartaicheadh e sibh anns gach uile mhaitheas, agus gu’n tugadh e sibh chum na beatha shìorruidh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.
 

 

An sin their an Sagart,

    Eisdibh ciod na briathran sòlasach a tha ar Slànuidhear Criosd a’ labhairt riusan uile a tha gu fìrinneach a’ pilleadh d’a ionnsuidh.
THigibh a’ m’ ionnsuidh-sa, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallach, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.    N. Mata xi. 28.

    Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu’n d’ thug e ’aon-ghin Mhic féin, chum as ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha shìorruidh aige.    N. Eoin. iii. 16.

    Eisdibh mar an ceudna ciod a tha N. Pòl ag ràdh.

    Is fìor an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu’n d’ thàinig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a thèarnadh pheacach.    l Tim. i. 15.

    Eisdibh cuideachd ciod a tha N. Eoin ag ràdh.

    Ma pheacaicheas neach air bith, tha Feartagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am fìrean, agus is esan an ìobairt-réitich air son ar peacaidhean.    1 N. Eoin ii. 1.

An déigh so théid an Sagart air aghaidh, ag ràdh,

    Togaibh a suas ’ur cridheachan.

Freagairt.
Tha sin ’g an togail a suas a dh’ ionnsuidh an Tighearna.
 
Sagart.
Thugamaid buidheachas do ’n Tighearn ar Dia.
 
Freagairt.
Tha e iomchuidh agus ceart sin a dheanamh.

An sin tionndaidh an Sagart gu Bòrd an Tighearna, agus their e,

THa e ro Cha n-abrar na focail so ...iomchuidh, ceart, agus ’n a dhleasannas a tha mar fhiachaibh oirnn, gu’n tugamaid aig gach àm, agus anns gach uile àite buidheachas dhuit-sa, O Thighearna, Athair naoinm, a Dhé Uile-chumhachdaich agus shìorruidh.

An so leanaidh an Roimh-ràdh sònraichte, a réir an àma, ma bhitheas aon àraidh air bith orduichte, no mur a h-’eil, leanaidh gun dàil,

UIme sin maille ri Ainglibh agus Ardainglibh, agus le cuideachd nèimh uile tha sinn a’ toirt àrd-mholaidh agus urraim do d’ Ainm glòrmhor, o so suas ’g ad chliùthachadh, agus ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, Tighearn Dia nan sluagh, Tha nèamh agus talamh làn de d’ ghlòir. Glòir gu’n robh dhuitsa, O ’Thighearn’, a Thi a’s ro àirde.   Amen.
 

Comfortable words

Roimh-ràdhan sònraichte.

Air là Nodhlaic, agus seachd làithibh ’n a dhéigh.

DO bhrìgh gu’n d’ thug thu Iosa Criosd d’ aon Mhac gu ’bhi air a bhreith mar aig an àm so air ar son-ne, a rinneadh ’n a fhìor dhuine le oibreachadh an Spioraid naoimh de uadur na h-Oighe Muire a mhàthar, agus sin gun smal peacaidh, chum sinne a ghlanadh o gach uile pheacadh. Uime sin maille ri Ainglibh, &c.

Air là na Càisge, agus seachd làithibh ’n a dhéigh.

ACh gu h-àraidh tha mar fhiachaibh oirnn thusa ’mholadh air son aiseirigh ghlòrmhoir do Mhic Iosa Criosd ar Tighearna: oir is esan am fìor Uan-Càisge a dh’ìobradh air ar son-ne, agus a thug air falbh peacadh an t-saoghail; a sgrios am bàs le ’bhàs féin, agus le ’éirigh a rìs gu beatha a dh’aisig dhuinne beatha shìorruidh. Uime sin maille ri Ainglibh, &c.

Air là an Dol-suas, agus seachd làithibh ’n a dhéigh.

TRìd do Mhic ro ionmhuinn Iosa Criosd ar Tighearna, a dh’ fhoillsich e féin gu follaiseach d’a Abstolaibh uile an déigh ’aiseirigh ro ghlòrmhoir, agus a chaidh ’n an sealladh a suas gu nèamh a dh’ ullachadh àite dhuinne; a chum far am bheil esan, gu’n rachamaide a suas an sin mar an ceudna agus gu’n riaghlamaid maille ris ann an glòir. Uime sin maille ri Ainglibh &c.

Air Dòmhnach na Cuingeis, agus sia làithibh ’n a dhéigh.

TRìd Iosa Criosd ar Tighearna; a réir a gheallaidh ro fhìrinnich-san thàinig an Spiorad naomh gu h-obann a nuas o nèamh mar aig an àm so le mòr fhuaim, mar ghaoth ro threun ann an coslas theangannan teine, a’ teachd air na h-Abstolaibh, a chum an teagasg, agus an treòrachadh a dh’ionnsuidh gach uile fhìrinn, a’ toirt dhoibh araon tìodhlaic iomadh cainnt, agus mar an ceudna dànachd maille ri eud dùrachdach, a shearmonachadh an t-Soisgeil gu bunailteach do na h-uile chinnich, leis am bheil sinn air ar toirt a mach dorchadas agus mearachd a chum an t-soluis shoilleir agus a chum fìor eòlais ortsa, agus air do Mhac Iosa Criosd. Uime sin maille ri Ainglibh &c.

Air féill na Trionaid a mhàin.

IS aon Dia thu, aon Tighearn; cha n-e aon phearsa a mhàin, ach tri pearsannan ann an aon nadur. Oir an ni sin a tha sinn a’ creidsinn mu ghlòir an Athar, an ni ceudna tha sinn a’ creidsinn mu’n Mhac, agus mu’n Spiorad naomh, gun mhuthadh sam bith no eadar-dhealachadh. Uime sin maille ri Ainglibh &c.

An déigh gach aon de na Roimh-ràdhaibh so gun dàil seinnear no theirear,

UIme sin maille ri Ainglibh agus Ardainglibh agus le cuideachd nèimh uile, tha sinn a’ toirt àrd-mholaidh agus urraim do d’Ainm glòrmhor, o so suas ’g ad chliùthachadh, agus ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, Tighearn Dia nan sluagh, tha nèamh agus talamh làn de d’ghlòir. Glòir gu’n robh dhuitsa, O ’Thighearn’, a Thi a’s ro àirde.    Amen.
 

 Proper Prefaces

An sin their an Sagart a’ lùbadh sìos air a ghlùinibh aig Bòrd an Tighearna ’an ainm na muinntir sin uile a ghabhas an Comanachadh, an urnuigh so a leanas.

CHa-n ’eil sinn a’ gabhail de dhànadas oirnn teachd an so a dh’ionnsuidh do Bhùird-sa, O ’Thighearna thròcairich, ag earbsadh ’n ar fìreantachd féin, ach ann an lìonmhoireachd agus ann am meud do thròcairean-sa. Cha-n airidh sinn urrad ’s an sbruileach fo d’ Bhòrdsa a chruinneachadh a suas. Ach is tusa an Tighearn ceudna, aig am bheil a’ bhuaidh a bhi do ghnàth tròcaireach; Deònaich dhuinn air an aobhar sin, a Thighearna ghràsail, mar so gu’n ith sinn feòil do Mhic ionmhuinn Iosa Criosd, agus gu’n òl sinn ’fhuil, air chor ’s gu’m bi ar cuirp pheacach air an deanamh glan le ’chorpsan, agus ar n-anaman air an ionnlaid tre ’fhuil ro luachmhoir, agus gu’n gabh sinn gu sìorruidh tuilleadh còmhnuidh ann-san, agus esan annainne.    Amen.
 

  

Prayer of Humble Access

An sin air do’n t-Sagart a bhi ’n a sheasamh aig beulaobh a’ Bhùird, uidheamaichidh e an t-Aran agus am Fìon air chor ’s gu’m bi e na ’s deise dha an t-Aran a bhriseadh gu h-iomchuidh ann an lathair an t-sluaigh, agus an Cupan a ghlacadh ’n a làmhan, agus their e an Urnuigh-Choisrigidh, mar a leanas.

A Dhé Uile-chumhachdaich, ar n-Athair nèamhaidh, o d’ chaomh thròcair a thug d’aon Mhac Iosa Criosd gu bàs fhulang air a’ chrann-cheusaidh air son ar saorsa-ne, a rinn an sin (le ’aon tabhartas dheth féin aon uair air a thairgse) ìobairt, tabhartas agus éiric iomlan, foirfe agus uile-éifeachdach air son pheacaidhean an t-saoghail uile, agus a shuidhich, agus ’n a Shoisgeul naomh a dh’àithn dhuinn gnàthchuimhneachan a chumail a suas air a sin a bhàs luachdmhor, gus a theachd a rìs; Eisd ruinn, O Athair thròcairich, tha sinn gu ro ùmhal a’ guidhe ort, agus deònaich air dhuinne do chreutairean so de dh’aran agus de dh’fhìon a ghabhail, a réir orduigh Priest's manual actsnaoimh do Mhic ar Slànuidhir Iosa Criosd, ann an cuimhneachan air a bhàs agus ’fhulangas, gu’m bi sinn ’n ar luchd-comhpairt d’a chorp agus d’a fhuil ro bheannaichte: Neach anns an oidhche cheudna anns an do bhrathadh e (a) a ghlac aran, agus an uair a thug e buidheachas, (b) bhris se e, agus thug e d’a dheisciobluibh e, ag ràdh, Gabhaibh, ithibh, (c) is e so mo chorp-sa a tha air a thoirt air ’ur son-se, deanaibh so mar chuimhneachan ormsa. Mar an ceudna an déigh na Suipeir (d) ghlac e au cupan, agus an uair a thug e buidheachas, thug e dhoibhsan e, ag ràdh, Olaibh uile dheth so, oir is i so (e) m’ fhuil-sa an Tiomnaidh Nuaidh, a dhòirtear air ’ur son-se agus air son mhòran chum maitheanais pheacaidhean. Deanaibh so, cia minic a ’s a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.   Amen.

An sin gabhaidh am Ministeir an toiseach an Comanachadh anns an dà sheòrsa e féin, agus an sin théid e air aghaidh g’ a thoirt do na h-Easbuigibh, Sagartaibh agus Deaconaibh anns an dòigh cheudna (ma bhitheas aon diubh a làthair) agus an déigh sin do ’n t-sluagh mar an ceudna ann an ordugh, ’n an làmhan, iad uile gu h-iriosal air an glùinibh. Agus an uair a bheir e an t-aran do neach air bith, their e,
 

Prayer of Consecration

COrp ar Tighearn’ Iosa Criosd, a chaidh a thoirt air do shon, gu’n gleidheadh e do chorp agus d’anam gu beatha shìorruidh. Gabh agus ith so mar chuimhneachan gu’n do bhàsaich Criosd air do shon, agus beathaich air-san ann ad chridhe le creidimh agus taingealachd.

Agus their am Ministeir a bheir an cupan do neach air bith,

FUil ar Tighearn’ Iosa Criosd, a dhòirteadh air do shon, gu’n gleidheadh i do chorp agus d’anam gu beatha shìorruidh. Ol so mar chuimhneachan gu’n do dhoirteadh fuil Chriosd air do shon, agus bi taingeil.

Ma theirgeas an t-aran no am fìon coisrigte mu’n gabh iad uile an Comanachadh; coisrigidh an Sagart tuilleadh a réir na riaghailt a tha roimhe air a h-orduchadh: A’ tòiseachadh aig na briathraibh [Ar Slànuidhear Criosd anns an oidhche cheudna, &c] air son beannachadh an arain; agus aig na briathraibh [Mar an ceudna an déigh na Suipeir, &c] air son beannachadh a’ chupain.

An déigh do na h-uile an Comanachadh a ghabhail, pillidh am Ministeir gu Bòrd an Tighearna, agus gu h-urramach cuiridh e air na dh’fhàgar de ’n Aran agus de ’n Fhìon choisrigte, ’g an còmhdachadh le lìon-eudach maiseach.

An sin their an Sagart Urnuigh an Tighearna, an sluagh ag ràdh gach Iarrtuis ’n a dhéigh.
 

Words of Administration
AR n-Athair a tha air nèamh; Naomhaichear d’ Ainm. Thigeadh do Rìoghachd. Deanar do thoil air an talamh, Mar thatar a deanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith dhuinn ar cionta, Mar a mhaitheas sinne dhoibhsan a tha ’ciontachadh ’n ar n-aghaidh. Agus na leig ’am buaireadh sinn; Ach saor sinn o olc. Oir is leatsa an rìoghachd, An cumhachd agus a’ ghlòir, Gu sìorruidh agus gu sìorruidh. Amen.
 
Lord’s Prayer

An déigh sin theirear mar a leanas.

O ’Thighearna agus Athair nèamhaidh, tha sinne do sheirbhisich ùmhal gu dùrachdach ag iarraidh o d’ mhaitheas Athaireil, thu a ghabhail gu tròcaireach ri ’r n-ìobairt so de mholadh agus de bhreith-buidheachais, gu ro ùmhal a’ guidhe ort thu a dheònachadh, le deadh-thoillteanais agus le bàs do Mhic Iosa Criosd, agus tre chreidimh ’n a fhuil, gu’m faigh sinne agus d’ Eaglais gu h-iomlan maitheanas ar peacaidhean, agus uile shochairean eile ’fhulangais-san. Agus an so, O ’Thighearna, tha sinn a’ tairgse agus a’ toirt a suas dhuit-sa, sinn féin, ar n-anaman agus ar cuirp gu ’bhi ’n am beò-ìobairt reusanta agus naoimh dhuit-sa gu h-ùmhal a’ guidhe ort, gu’m bi sinne uile a tha ’n ar luchd-comhpairt de ’n Chomanachadh naomh so, air ar lìonadh le d’ ghràs agus le d’ bheannachadh nèamhaidh. Agus ged tha sinn neo-airidh le lìonmhoireachd ar peacaidhean air ìobairt sam bith a thairgse dhuit; gidheadh tha sinn a’ guidhe ort thu a ghabhail ris an dleasannas so agus ris an t-seirbhis so a tha mar fhiachaibh oirnn a dheanamh; gun ar toillteannais a thomhas, ach ar ciontan a mhaitheadh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna; trìd-san, agus maille ris-san, ann an aonachd an Spioraid naoimh, gach uile urram agus ghlòir gu’n robh dhuitsa, O Athair Uile-chumhachdaich, saoghal gun chrìoch.   Amen.

No so.

A Dhé Uile-chumhachdaich agus shìormhaireannaich, tha sinne a ghabh mar a tha iomchuidh na dìomhaireachda naomha so, a’ toirt buidheachais o’r n-uile chridhe dhuit a chionn gu bheil thu a’ deònachadh sinne a bheathachadh le lòn spioradail de chorp agus de fhuil ro luachmhor do Mhic ar Slànuidhir Iosa Criosd; agus gu bheil thu leis a’ so a’ toirt cinnte dhuinn air do dheadh-ghean agus do mhaitheas d’ ar taobh; agus gu bheil sinn ’n ar fìor bhuill air ar n-aonachadh ann an corp dìomhair do Mhic, ni a’s e cuideachd bheannaichte nan uile shluagh creideach; agus gu bheil sinn mar an ceudna ’n ar n-oighreachaibh tre dhòchas air do rìoghachd mhaireannaich, le deadh-thoillteanais bàis agus fulangais ro luachmhoir do Mhic ionmhuinn. Agus tha sinn gu ro ùmhal a’ guidhe ort, O Athair nèamhaidh, mar so ar cuideachadh le d’ ghràs, chum gu’m buanaich sinn anns a’ chomhchomunn naomh sin, agus gu’n dean sinn na deadh oibre sin uile a dh’ ullaich thu a chum gu ’n gluaiseamaid annta, trìd Iosa Criosd ar Tighearna; dhàsan maille riutsa agus ris au Spiorad naomh gu’n robh gach uile onoir agus ghlòir, saoghal gun chrìoch.   Amen.
 

Prayers of Thanksgiving

An sin theirear no seinneir,

GLòir gu’n robh do Dhia anns na h-àrdaibh, agus air talamh sìth, deadh-ghean do dhaoinibh. Tha sinn a’ toirt molaidh dhuit, tha sinn ’g ad bheannachadh, tha sinn a’ toirt aoraidh dhuit, tha sinn a’ toirt glòire dhuit, tha sinn a’ toirt buidheachais dhuit air son do mhòr ghlòire, O ’Thighearna Dhé, a Rìgh nèamhaidh, a Dhé an t-Athair Uile-chumhachdach.
    O ’Thighearna, an t-aou-ghin Mhic Iosa Criosd, O ’Thighearna Dhé, Uain Dhé, ’Mhic an Athar, a tha ’toirt air falbh pheacaidhean an t-saoghail, deau tròcair oirnn. Thusa, a tha ’toirt air falbh pheacaidheau an t-saoghail, dean tròcair oirnn. Thusa a tha ’toirt air falbh pheacaidhean an t-saoghail, gabh ri ’r n-urnuigh. Thusa a tha a’d’ shuidhe air deas làimh Dhé an Athar, dean tròcair oirnn.
    Oir is tusa a mhàin a tha naomh, is tusa a mhàin an Tighearn; is tusa a mhàin, O ’Chriosd, maille ris an Spìorad naomh, a tha ro àrd ann an glòir Dhé an Athar. Amen
 

Gloria

An sin leigidh an Sagart (no an t-Easbuig ma bhitheas e ’làthair) air falbh iad leis a’ bheannachadh so.

GU’n gleidheadh sìth Dhé a tha os ceann gach uile thuigse, ’ur cridheachan agus ’ur n-inntinnean ann an eòlas agus ann an gràdh Dhé, agus a Mhic Iosa Criosd ar Tighearna: Agus gu’n robh beannachadh Dhé Uile-chumhachdaich, an Athar, a’ Mhic, agus an Spioraid naoimh, ’n ’ur measg, agus gu’n gabhadh e còmhnuidh maille ruibh do ghnàth.   Amen.
 

Blessing

Guidhean a tha ri’n ràdh an déigh an Tabhartais, an uair nach ’eil Comanachadh ann, air gach leithid sin de là aon, no tuilleadh; agus feudaidh iad a bhi air an ràdh cuideachd, cho tric ’s a bhitheas aobhar air, an déigh Ghuidhean Urnuigh Mhaidne no Urnuigh Fheasgair, a’ Chomanachaidh, no na Laoidh-dhiann, mar a chi am Ministeir iomchuidh.

O ’Thighearna, gu tròcaireach cuidich sinn annta so ar n-athchuingibh agus ar n-urnuighibh, agus stiuir slighe do sheirbhiseach, gu greim fhaighinn air sàbhaladh sìorruidh; a chum ’am measg gach uile mhuthaidh agus thuiteamais na beatha bhàsmhoir so, gu’m bi iad air an sìor dhìon le d’ chòmhnadh ro ghràsail agus ullamh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

O ’Thighearna Uile-chumhachdaich, agus a Dhé mhaireannaich, deònaich, tha sinn a’ guidhe ort, araon ar cridheachan agus ar cuirp a stiuradh, a naomhachadh, agus a riagh. ladh ann an slighibh do laghannan, agus ann an oibribh d’àitheantan, a chum tre do dhìdean ro chumhachdaich, araon an so agus gu sìorruidh, gu’m bi sinn air ar gleidheadh gu tèaruinte ann an corp agus ann an anam, trìd ar Tighearna agus ar Slànuidhir Iosa Criosd.   Amen.

A Dhé Uile-chumhachdaich, tha sinn a’ guidhe ort, deònaich gu’m bi na briathran a chuala sinn an diugh le ’r cluasaibh o’n taobh a muigh, le d’ ghràs air an suidheachadh ’an taobh a stigh ’n ar cridheachaibh, a chum gu’n toir iad a mach annainn toradh deadh chaithebeatha, gu onoir agus moladh d’Ainme, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

TReòraich sinn, O ’Thighearna, ’n ar n-uile dheanadais, le d’fhàbhar ro ghràsail, agus thoir air ar n-aghaidh sinn le d’shìor chòmhnadh, a chum ’n ar n-uile oibribh a thòisich, a bhuanaich agus a chrìochnaich sinn annad-sa, gu’n glòraich sinn d’Ainm naomh, agus fadheoidh le d’thròcair gu’m faigh sinn a’ bheatha mhaireannach, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

A Dhé Uile-chumhachdaich, tobar gach uile ghliocais, aig am bheil fios air ar n-uireasbhuidhibh mu’n iarr sinn, agus air ar n-aineolas ann an iarraidh; Tha sinn a’ guidhe ort truas a bhi agad ri ’r n-anmhuinneachdaibh; agus na nithe sin air son ar mi-fhiachalachd nach ’eil de dhànadas againn, agus air son ar doille nach urrainn sinn iarraidh, deònaich an toirt dhuinn air son fiachalachd do Mhic Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.

A Dhé Uile-chumhachdaich, a gheall éisdeachd ri guidhibh na muinntir a tha ’g iarraidh ann an Ainm do Mhic; Tha sinn a’ guidhe ort gu tròcaireach thu a dh’aomadh do chluasan d’ar n-ionnsuidh-ne a rinn a nis ar u-urnuighean agus ar n-athchuingean riut, agus
deònaich na nithe sin a dh’iarr sinn gu creìdeach a réir do thoile, gu’m faigh sinn iad gu h-éifeachdach, gu fuasgladh air ar n-uireasbhuidh, agus gu nochdadh a mach do ghlòire-sa, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.   Amen.
 

 

Air Dòmhnachaibh agus air làithibh naomh’ eile (mur bi Comanachadh ann) bithidh na h-uile nithean a tha air an orduchadh aig a’ Chomanachadh air an ràdh, gu deireadh na h-Urnuigh choitchionn [Air son staid Eaglais Chriosd uile a tha ’cogadh an so air talamh] maraon maille ri aon no tuilleadh de na Guidhibh so mu dheireadh a bha air an aithris dìreach roimh so, a comh-dhùnadh leis a’ Bheannachadh.

Agus cha bhi Suipeir an Tighearna air a frithealadh, mur bi àireamh iomchuidh air son an Comanachadh a ghabhail maille ris an t-Sagart, a réir mar a chi e iomchuidh.

Agus mur bi os ceamn fichead pearsa anns an Sgìreachd aig am bheil tuigse iomchuidh an Comanachadh a ghabhail; gidheadh cha bhi Comanachadh ann mur gabh ceathrar (no triuir air a’ chuid a ’s lugha) an Comanachadh maille ris an t-Sagart.

Agus anns na h-Eaglaisibh far am bheil Cathair an Easbuig agus anns na h-Eaglaisibh far am bheil comunn Ministeirean, agus ann an Oil-thighibh, ’s am bheil mòran Shagartan agus Dheaconan, gabhaidh iad uile an Comanachadh maille ris an t-Sagart gach Dòmhnach air a’ chuid a’s lugha, mur a h-eil iad air am bacadh le aobhar reusanta.

Agus a thoirt air falbh a h-uile aobhair easaonachd, agus saobh-chrabhaidh, a tha aig Neach air bith no dh’ fheudadh a bhi aige a thaobh an Arain agus an Fhìon, is leòir gu’m bi an t-Aran ’n a leithid ’s a tha air ’itheadh gu cumanta; ach gu’m bi e de’n Aran Chruithneachd is fearr agus is fìor-ghloine a dh’ fheudar gu goireasach fhaotainn.

Agus ma dh’ fhanas a’ bheag de’n Aran agus de’n Fhìon gun choisrigeadh, bithidh e aig a’ Bhuachaille Spioradail gu ’fheum féin: ach ma dh’ fhanas cuibhrionn air bith de na chaidh a choisrigeadh, cha toirear a mach e as an Eaglais, ach gun dàil an déigh a’ Bheannachaidh, ithear agus òlar e le h-urram leis an t-Sagart agus leis a’ chuid sin de’n Luchd-comanachaidh a ghairmeas e ’s an àm sin d’a ionnsuidh.

Gheibhear an t-Aran agus am Fìon air son a’ Chomanachaidh leis a’ Bhuachaille Spioradail agus leis na Foirfich, air cosd na Sgìreachd.

Agus thoir fainear, gu’n gabh gach Neach a tha anns an Sgìreachd air a’ chuid a’s lugha an Comanachadh tri uairean anns a’ bhliadhna, agus bithidh uair dhiubh sin aig a’ Chàisg. Agus gach bliadhna aig a’ Chàisg ni gach Neach a tha ’s an Sgìreachd cunntas ris an t-Sagart aiy am bheil curam na Sgìreachd, no ris-an, no riu-san a tha aige ’n a àite, agus paighidh iad dhoibhsan no dhàsan gach uile dhlighe Eaglais, a tha gu gnàthaichte dligheach, an sin agus aig an àm sin ri ’bhi air am paigheadh.

An déigh do’n t-Seirbhis Dhiadhaidh crìochnachadh, bithidh an t-airgiod a thugadh seachad aig an Tabhartas air a bhuileachadh air son a leithid de dh’ fheumaibh diadhaidh agus iochdmhor, ’s a chi am Ministeir agus na Foirfich iomchuidh. Agus mur còrd iad uime so, théid a bhuileachadh mar a dh’orduicheas an t-Ardfhear-ùghdarrais.


D O bhrìgh gu bheil e orduichte anns an Riaghailt so air son Frithealaidh Suipeir an Tighearna, gu’n gabhadh an Luchd-comanachaidh i air an Glùinibh; (tha ’n riaghailt so air a deadh-chiallachadh mar chomharadh air ar n-aidmheil ùmhail agus thaingeil air na sochairibh a thug Criosd seachad innte Dhoibhsan uile a ghabhas i gu h-iomchuidh, agus air son seachnadh a leithid sin de mhi-naomhachadh, agus de mhi-riaghailt anns a’ Chomanachadh naomh, ’s a dh’fheudadh tachairt air dhòigh eile) Gidheadh, an t-eagal tre aineolas agus anmhuinneachd, no tre mhì-run agus dhanarrachd, gu’n gabhadh neach air bith an Lùbadh-ghlùn so ann an seadh docharach no gu’n deanadh e droch fheum dheth; Tha e ann a’ so air a chur ’an céill, nach ’eil Aoradh sam bith air a chiallachadh, no nach bu chòir a thoirt, aon chuid do’n aran no do’n fhìon Shàcramaideach, an sin gu corporra air an gabhail, no do Làthaireachd Chorporra air bith de dh’ Fheòil agus de dh’ Fhuil nadurra Chriosd. Oir tha an t-aran agus am fiòn Sàcramaideach a’ mairsinn daonnan ’n am Brìgh Nadurra féin, agus air an aobhar sin cha-n fheudar aoradh a thoirt dhoibh, (oir b’ Iodhal-aoradh sin, gu bhi air a gheur-fhuathachadh leis na h-uile Chriosduidhibh creideach) Agus tha corp agus fuil Nadurra ar Slànuidhir Criosd air Nèamh, agus cha-n ann an so; air dha bhi an aghaidh fìrinn cuirp Nadurra Chriosd, gu bheil e aig an aon àm ann an tuilleadh na aon àite.
 

Closing Rubrics

Return to the Scots Gaelic Book of Common Prayer

Web author: Charles Wohlers U. S. EnglandScotlandIrelandWalesCanadaWorld