The Book of Common Prayer | |||||||
|
|
AN T - O R D U G H AIR SON U R N U I G H F H E A S G A I R , Gach là rè na bliadhna. ¶ Aig toiseach na h-Urnuigh-Fheasgair leughaidh am Ministeir le guth àrd aon, no tuilleadh de na h-Earrannaibh so de na Sgriobtuiribh, a leanas. Agus an sin their e an ni sin a tha sgrìobhta an déigh nan Earrannan ceudna. AN
uair a philleas an t-aingidh air falbh o aingidheachd, a chuir
e n guìomh, agus a ni e an ni a tha dligheach agus ceart,
gleidhidh e anam beò. Esec. 18. 27. A
Bhràithrean ro ionmhuinn, tha n Sgriobtuir g ar brosnuchadh
ann an iomad àite a dh aithneachadh agus a dh aideachadh
ar peacaidhean agus ar n-aingidheachd lìonmhor, agus nach bu chòir
dhuinn a bhi g an ceiltinn no g an sgàileadh ann
an làthair Dhé Uilechumhachdaich ar n-Athair nèamhaidh,
ach an aideachadh le cridhe ùmhal, iosal, aithreach, agus iriosal,
a chum gum faigh sinn maitheanas annta tre a mhaitheas agus a thròcair
shìorruidh. Agus ged bu chòir dhuinn anns gach uile àm
ar peacaidhean gu h-ùmhal aideachadh ann an làthair Dhé,
gidheadh is còir dhuinn gu ro àraid sin a dheanamh, an uair
a chruinnicheas agus a thig sinn an ceann a chéile, a thoirt
buidheachais dha air son nan sochairean mòra a fhuair sinn o làimh,
a chur suas a mholaidh ro òirdheirc, a dh éisdeachd
fhocail ro naoimh, agus a dh iarraidh nan nithe sin a tha
iomchuidh agus feumail, air son a chuirp cho maith agus air son
an anama. Air an aobhar sin tha mi g iarraidh agus a guidhe
oirbhse uile, a tha n so a làthair, mise chomhimeachd le
cridhe glan agus le guth ùmhal gu cathair aghràis
nèamhaidh, ag ràdh am dhéigh. |
|
¶ Aidmheil choitchionn ri ràdh leis a Choimhthional gu h-iomlan an déigh a Mhinisteir, na h-uile air an glùinibh. A
Thair Uile-chumhachdaich agus ro thròcairich; Chaidh sinn a
mearachd, agus air seacharan o d shlighibh mar chaoirich chaillte.
Lean sinn tuilleadh s fada innleachdan, agus miannan ar cridheachan
féin. Chiontaich sinn an aghaidh do laghannan naomha. Dh
fhàg sinn gun deanamh na nithe sin, a bu chòir dhuinn a
dheanamh; Agus rinn sinn na nithe sin, nach bu chòir dhuinn a dheanamh;
Agus cha-n eil siàinte annainn. Ach dean thusa, O Thighearna,
tròcair oirnne, ciontaich thruagha. Caomhain iadsan, O Dhé,
a tha g aideachadh an lochdan. Gabh air an ais a mhuinntir,
a tha aithreach; A réir do ghealiaidhean air an nochdadh do n
chinne-daoine ann an Iosa Criosd ar Tighearn. Agus deònaich, O
Athair ro thròcairich, air a sgàth-san ; Gun caith
sinn a so suas beatha dhiadhaidh, ionraic, agus mheasarra, Chum giòire
d Ainme naoimh. Amen. |
Confession |
¶ Am Fuasgiadh no Maitheanas pheacaidhean ri chur an céill leis an t-Sagart n a aonar, n a sheasamh; an sluagh fathast air an glùinibh. DIa
Uile-chumhachdach, Athair ar Tighearna Iosa Criosd, leis nach miann bàs
peacaich, ach leis an fhearr e philleadh o aingidheachd,
agus a bhi beò, agus a thug cumhachd agus àithne da
Mhinisteiribh fuasgladh agus maitheanas am peacaidhean a nochdadh agus
a chur an céill da shluagh, air dhoibh a bhi fìor
aithreach: Tha esan a toirt maitheanais agus fuasglaidh dhoibhsan
uile a tha fìor aithreach, agus gun cheilg a creidsinn a
Shoisgeil naoimh. Air an aobhar sin guidheamaid air gun deònaich
e dhuinn fìor aithreachas, agus a Spiorad naomh; chum gum
bi na nithe sin a tha sinn a deanamh anns an àm so taitneach
dha, agus gum bi a chuid cue dar beatha an déigh
so fìor-ghlan agus naomh, chum fadheoidh gun tig sinn d
a aoibhneas sìorruidh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. |
Absolution |
¶ An sin théid am Ministeir air a ghlùinibh, agus their e Urnuigh an Tighearna; an Sluagh cuideachd air am glùinibh, agus g a h-aithris maille ris. AR n-Athair, a tha air Nèamh, Naomhaichear d Ainm. Thigeadh do Rìoghachd. Deanar do thou air an Talamh, Mar thatar a deanamh air Nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith dhuinn ar cionta, Mar a mhaitheas sinne dhoibhsan, a tha ciontachadh n ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn; Ach saor sinn o olc: Oir is leatsa an Rìoghachd, an Cumhachd, Agus a Ghlòir, Gu sìorruidh agus gu sìorruidh. Amen. ¶ Am sin their e mar am ceudna,
O Thighearna, fosgail thusa ar bilean ¶ An so air do na h-uile bhi n an seasamh, their an Sagart.
Glòir do n Athair, agus do n Mhac, agus do n
Spiorad Naomh; ¶
An sin theirear no seinnear na Sailm anns an ordugh s am bheil
iad air an suidheachadh. An sin Leasan as an t-Seann Tiomnadh, mar a tha
e air a shuidheachadh. Agus an déigh sin Magnificat (no
Dan na h-Oighe bheannaichte Muire) anns a [chànain
chumanta] mar a leanas. |
Lords
Prayer |
Magnificat. N. Lucas 1. THa
m anam ag àrd-nihoiadh an Tighearna : agus tha mo spiorad
a deanamh gairdeachais ann an Dia mo Shlànuidhear. ¶ No an t-Salm so; Ach air an naothamh là deug de n mhìos, an uair a leughar i ann am riaghailt ghnàthaichte nan Salm. Cantate Domino. Salm 98. O
Seinnibh do n Tighearn laoidh nuadh : oir rinn e nithean iongantach. |
|
¶ An sin Leasan as am Tiomnadh Nuadh, mar a tha e air orduchadh: Agus an déigh sin Nunc dimittis (no Dàn Shimeoin) anns a [chànain chumanta] mar a leanas. Nunc dimittis. N. Luc. 2. 29. A
Nis, a Thighearna, tha thu leigeadh do d sheirbhiseach siubhal
an sith : a réir d fhocail. ¶ No an t-Salm so; Ach air an Dara là deug den mhìos. Deus misereatur. Salm 67. GUn
deanadh Dia tròcair oirnn, agus gun beannaicheadh e sinn
: agus gun tugadh e air a ghnùis deairachadh oirnn. |
|
¶ An sim seinnear no theirear Creud nan Abstol leis a Mhinisteir agus leis an t-sluagh n am seasamh. THa
mi creidsinn ann an Dia an t-Athair Uile-chumhachdach, Cruithfhear
nèimh agus talmhainn: Agus ann an Iosa Criosd aon Mhac-san
ar Tighearn, A ghabhadh leis an Spiorad naomh, A rugadh leis an Oigh Muire,
A dh fhuiling fo Phontius Pilat, A cheusadh, a fhuair bàs,
agus a dh adhlaiceadh; Chaidh e sìos do dh ifrinn,*
Air an treas là dh éirich e rìs o na mairbh,
Chaidh e suas gu Nèamh, Agus tha e n a shuidhe air deas
làimh Dhé an t-Athair Uile-chumhachdach ; As an sin
thig e thoirt breth air na beòthaibh agus air na mairbh. ¶ Agus an déigh sin, na h-Urnuighean so a leanas, na h-uile gu cràbhach air am glùinibh, am Ministeir am toiseach ag ràdh le guth àrd,
Gun robh an Tighearn maille ribh. |
Apostles Creed
* Staid spiorad nam marbh.
† Air neo Chatholach. |
¶ Am sin their am Ministeir, na Cléirich, agus an sluagh Urnuigh am Tighearna le guth àrd. AR
n-Athair, a tha air nèamh, Naomhaichear d Ainm. Thigeadh
do Rìoghachd. Deanar do thoil air an talamh, Mar thatar a deanamh
air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith
dhuinn ar cionta, Mar a mhaitheas sinne dhoibhsan, a tha ciontachadh
n ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn: Ach saor
sinn o olc. Amen. |
Lords
Prayer |
¶ An sin air don t-Sagart seasamh, their e,
O Thighearna, taisbein dhuinn do thròcair. ¶
An sin leanaidh tri Guidhean; Am ceud h-aon diubh air son an là;
Am dara h-aon air son Sìthe; An treas h-aon air son còmhnaidh
an aghaidh nan uile chumnartan, mar a leanas an déigh so: Theirear
am dà Ghuidhe dheireannach so aig Urnuigh Fheasgair gach là
gun atharrachadh. |
Suffrages |
¶ An clara Guidhe aig Urnuigh Fheasgair. O
Dhé, om bheil gach nile rùn naomh, gach uile
dheadh chomhairle, agus gach uile oibre cheart a sruthadh; Thoir
do d sheirbhisich an t-sìth sin nach urrainn an saoghal
a thoirt seachad, a chum gum bi araon ar eridheachan air an suidheachadh
gu géill a thoirt do d àitheantaibh, agus cuideachd
air dhuinn a bhi air ar dìon leatsa o eagal ar naimhdean, gun
caith sinn ar n-aimsir ann an fois agus ann an sàmhchair, tre dheadhthoillteanais
Iosa Criosd ar Slànuidhir. Amen. |
Second Collect |
¶ An treas Guidhe, air son còmhnaidh an aghaidh nan uile chunnartan. SOillsich ar dorchadas, tha sinn a guidhe ort, O Thighearna, agus le d mhòr thròcair dìon sinn o gach uile ghàbhaidhibh agus chunnartaibh na h-oidhche-nochd, air son gràidh daon-ghin Mhic, ar Slànuidhir Iosa Criosd. Amen.
¶ Far am bheil cuideachd de luchd-seinn agus anns na h-Ionadaibh
s an seinn iad, an so beanaidh an Laoidh. |
Third
Collect, for Aid against all Perils |
¶ Urnuigh air son na Ban-righinn. O
Thighearna, ar n-Athair nèamhaidh, àird agus chumhachdaich,
a Righ nan rìghrean, a Thighearna nan tighearnan, aon Fhear-riaghladh
phrionnsan, a tha o d chathair rioghail a coimhead nan uile
a tha n còmhnuidh air talamh; or n-uile chridhe tha
sinn a guidhe ort thu choimhead le d dheadh-ghean
air ar n-Ard-Uachdaran ro sheirceil Ban-righinn BHICTORIA, agus mar so
lìon i le gràs do Spioraid naoimh, chum gun lùb
i do ghnàth gu d thou, agus gun gluais i ann ad shlighe:
Sgeadaich i gu pailt le tiodhlacaibh nèamhaidh, deònaich
dhi beatha bhuan ann an slàinte agus ann an soirbheachadh, neartaich
i a dh fhaotainn buaidh agus làmh n uachdar air a
naimhdibh uile; agus fadheoidh an déigh na beatha so, gum
faigh i aoibhneas agus sonas sìorruidh, trìd Iosa Criosd
ar Tighearna. Amen. |
Prayer
for the Queens Majesty |
¶ Urnuigh air son an Teaghiaich Rìoghail. A
Dhé Uile-chumhachdaich, a thobair an uile mhaitheis, tha sinn gu
h-ùmhal a guidhe ort thu bheannachadh Albert Imhear
Prionnsa Uilse, agus Ban-phrionnsa Uilse, agus an Teaghiach Rìoghail
uile: Sgeadaich iad le d Spiorad naomh; dean saoibhir iad le d
ghràs nèamhaidh; soirbhich leo leis gach uile shonas; agus
thoir iad gu d rìoghachd mhaireannaich, trìd Iosa
Criosd ar Tighearna. Amen. |
Prayer
for the Royal Family |
¶ Urnuigh air son na Clére agus an t-Sluaigh. A
Dhé Uile-chumhachdaich agus mhaireannaich, a tha d
aonar ag oibreachadh mhiorbhuilean mòra; cuir Spiorad slàinteil
do ghràis a nuas air ar n-Easbuigibh, agus air ar Buachailibh spioradail,
agus air gach uile Choimhthional a tha fo n curam; agus a chum
s gum fìor thoilich iad thu, doirt a nuas orra sìor
dhrùchd do bheannachaidh. Deònaich so, O Thighearna,
air son onoir ar Fear-tagraidh agus ar n-Eadar-mheadhonair, Iosa Criosd.
Amen. |
Prayer
for the Clergy & People |
¶ Urnuigh he Naomh Crisostom. A Dhé Uile-chumhachdaich, a thug dhuinn gràs anns an àm so ar n-athchuingean choitchionn a dheanamh riut le aon rùn, agus a tha gealltuinn, an uair a chruinnicheas dithis no triuir an ceann a chéile ann ad Ainm, gun toir thu dhoibh an iarrtuis; Coimhlion a nis, 0 Thighearna, miannan agus iarrtuis do sheirbhiseach, mar is ro fheumail e dhoibh; a deònachadh dhuinn anns an t-saoghal so eòlas air d fhìrinn, agus anns an t-saoghal a tha ri teachd a bheatha mhaireannach. Amen. 2 Cor. xiii. GRàs ar Tighearna Iosa Criosd, agus gràdh Dhé, agus comh-chomunn an Spioraid Naoimh gun robh maille ruinn uile gu sìorruidh. Amen. An so tha Ordugh Unnuigh Fheasgair a crìochnachadh rè na bliadhna. |
Prayer
of St. Chrysostom |
¶ Air na Féillibh so; Là Nodhlaic, am Foillseachadh, Naomh Matias, Là Càisge, Là n Dol suas, Dòmhnach na Cuingeis, Naomh Eoin Baistidh, Naomh Seumas, Naomh Bartolomeus, Naomh Mata, Naomh Simon agus Naomh Judas, Naomh Aindreas, agus air Dòmhnach na Trionaid, seinnear no theirear aig Urnuigh Mhaidne, an àite Creuda nan Abstol, an Aidmheil so air ar Creidimh Criosdail, d an goirear gu cumanta Creud Naomh Atanasius, leis a Mhinisteir agus leis an t-Sluagh n an seasamh. Quicunque
vult. |
Athanasian Creed |
CO
air bith leis an àill a bhi air a shàbhaladh : roimh gach
ni tha e feumail gun cum e gu daingean an Creidimh Coitchionn. * Mur gleidh gach neach an Creidimh so gu h-iomlan agus gun truailleadh : gun teagamh théid e mugha gu sìorruidh. Agus is e so an Creidimh Coitchionn*: gun toir sinn aoradh do dh aon Dia ann an Trionaid, agus Trionaid ann an Aonachd; Gun a bhi coimh-mheasgadh nam pearsannan ; no roinn an naduir. Oir tha aon phearsa ann de n Athair, pearsa eile de n Mhac : agus pearsa eile de n Spiorad Naomh. Ach Diadhachd an Athar, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh is aon i uile ; tha a Ghlòir co-iounan, a Mhòrachd co-shìorruidh. Mar a tha n t-Athair, mar sin tha am Mac : agus mar sin tha an Spiorad Naomh. An t-Athair neo-chruthaichte, am Mac neo-chruthaichte : agus an Spiorad Naomh neo-chruthaiclite. An t-Athair neo-chrìochnach, am Mac neo-chrìochnach : agus an Spiorad Naomh neo-chrìochnach. An t-Athair sìorruidh, am Mac sìorruidh : agus an Spiorad Naomh sìorruidh. Agus gidheadh cha tri sìorruidh iad : ach aon sìorruidh. Mar an ceudna cha-n eil tri neo-chrìochnach, no tri neo-chruthaichte ann : ach aon neochruthaichte, agus aon neo-chrìochnach. Mar an ceudna tha an t-Athair Uile-chumhachdach, am Mac Uile-chumhachdach : agus an Spiorad Naomh Uile-chumhachdach. Agus gidheadh cha tri Uile-chumhachdach iad : ach aon Uile-chumhachdach. Mar so is Dia an t-Athair, is Dia am Mac : agus is Dia an Spiorad Naomh. Agus gidheadh cha tri Dée iad : ach aon Dia. Mar an ceudna is Tighearn an t-Athair, is Tighearn am Mac : agus is Tighearn an Spiorad Naomh; Agus gidheadh cha tri Tighearnan iad : ach aon Tighearn. Oir amhuil mar a tha sinn air ar coimhéigneachadh leis an fhìrinn Chriosdail : a dh aideachadh gur Dia agus Tighearn gach pearsa fa leth; Mar sin tha e air a thoirmeasg dhuinn leis a Chreidimh Choitchionn : a ràdh, Gu bheil tri Dée, no tri Tighearnan ann. Cha-n eil an t-Athair deanta le neach air bith : no cruthaichte, no ginte. Tha am Mac on Athair a mhàin : cha n ann deanta, no cruthaichte, ach ginte. Tha an Spiorad Naomh on Athair agus on Mhac : cha-n ann deanta, no cruthaichte, no ginte, ach a teachd. Mar sin tha aon Athair ann, ni h-e tri Aithrichean; aon Mhac, ni h-e tri Mic : aon Spiorad Naomh, ni h-e tri Spioraid Naomha. Agus anns an Tnionaid so cha-n eil aon roimh, no an déigh a chéile : cha-n eil aon na s mò, no na s lugha na chéile. Ach tha na tri pearsannan uile co-shìorruidh le chéile : agus co-ionnan. Mar sin anns na h-uile nithibh, mar a thubhairteadh roimhe : is còir aoradh a thoirt do n Aonachd ann an Trionaid, agus do n Trionaid ann an Aonachd. Uime sin an ti, leis an àill a bhi air a shàbhaladh : feumaidh e smuainteachadh mar so air an Trionaid. Os barr, tha e feumail chum slàinte shìorruidh : gun creideadh e gu ceart mar an ceudna ann an Teachd ar Tighearna Iosa Criosd s an fheòil. Oir is e an Creidimh ceart, gun creid agus gun aidich sinn : gur Dia, agus Duine, an Tighearn Iosa Criosd, Mac Dhé; Dia de nadur an Athar, ginte roimh na saoghail : agus Duine de nadur a Mhathar, a rugadh auns an t-saoghal; Dia iomlan, agus Duine iomlan : aig am bheii anam reusanta agus feòil dhaoine; Co-ionnan ris an Athair, a thaobh a Dhiadhachd : agus is ìsle na n t-Athair, a thaobh a Dhaonnachd. An ti ged is Dia, agus is Duine e : gidheadh cha dà Chriosd, ach a h-aon e: Is aon e; cia-n ann le tionndadh na Diadhachd gu feòil : ach le gabhail na Daonnachd gu Dia; Is aon e gu h-iomlan; cha-n ann le coimhmheasgadh naduir : ach le aonachd pearsa. Oir mar is aon duine an t-anam reusanta agus an fheòil : mar sin an ti is e Dia agus Duine, is aon Chriosd e. A dh fhuiling air son an sàbhalaidh : a chaidh sìos do dh ifrinn, a dh éirich a rìs air an treas là o na mairbh. Chaidh e suas gu nèamh, tha e n a shuidhe air deas làimh an Athar, Dia Uile-chumhachdach : as an sin thig e thoirt breith air na beòthaibh agus air na mairbh. Aig a theachd, éinidh na h-uile dhaoine rìs le n corpaibh : agus bheir iad cunntas air son an oibre féin. Agus iadsan a rinn maith, théid iad gu beatha shìorruidh: agus iadsan a rinn olc gu teine sìorruidh. S e so an Creidimh Coitchionn : mur a creid duine e gu fìrinneach, cha n-urrainn da bhi air a shàbhaladh. Glòir do n Athair, agus do n Mhac : agus do n Spiorad Naomh; Mar a bha air tùs, a tha nis, agus a bhitheas gu bràth : saoghal gun chrìoch. Amen. |
* Air neo Catholach. |
Return to the Scots Gaelic Book of Common Prayer
Web author: Charles Wohlers | U. S. England Scotland Ireland Wales Canada World |