Scottish flag The Book of Common Prayer
United States England Scotland Ireland Wales Canada World

    Litirdi Albannach 1982: Holy Communion in Scots Gaelic (1982)

 

Litirdi Albannach 1982
ann an Gàidhlig agus am Beurla

The Scottish Liturgy 1982
in Gaelic and English

 

 

 

The English text is an authorised service of the Scottish Episcopal Church as defined in Canon XXII, 2. The Gaelic text has been authorised for use under Canon XXIII, 6, by the College of Bishops of the Scottish Episcopal Church.

small cross  Richard Edinburgh: Primus

May 1993


Clàr-innse
Contents

Deasachadh Preparation
    Fàilte Welcome
    Sìth Peace
    Urnaigh airson Fìor-ghloine Collect for Purity
    Gèarr-chuntas an Lagha Summary of the law
    Aideachadh agus Saoradh Confession & Absolution
    Kyrie
    Gloria
    Urnaigh an Latha Collect of the Day
Litirdi an Fhacail Liturgy of the Word
    Leughadh as an t-Seann Tiomnadh, Litir agus Soisgeul Old Testament Reading, Epistle & Gospel
    Searmon agus Creud Nicene Sermon & Nicene Creed
    Eadar-ghuidheachan Intercessions
    Aideachadh agus Saoradh Confession & Absolution
    Sìth Peace
Litirdi na Sàcramaid Liturgy of the Sacrament
    Tabhartas Offering
    Urnaigh a' Chomanachaidh Eucharistic Prayer
    Bristeadh an Arain Breaking of the Bread
    Urnaigh an Tighearna Lord's Prayer
    Comanachadh Communion
    Laoidh a' Chomanachaidh Communion Song
Buidheachas agus Leigeil air Falbh Thanksgiving & Sending Out
    Sreath Sentence
    Urnaighean Prayers
    Beannachadh Blessing
    An Dol a-mach Dismissal
Ath-sgrìobhadh Appendix
    Riochdan Eadar-ghuidhe Forms of Intercession
    Riochd 1 Form 1
    Riochd 2 Form 2
    Riochd 3 Form 3
    Cleachdadh Eile aig an Tabhartas Alternative Use at Offering
    Urnaighean Tabhartais Prayers at Offering


 

 

Cover of the 1982 Liturgy in Scots Gaelic & English

This text of the Communion Service of the Scottish Episcopal Church was originally published in booklet form in both English and Scots Gaelic, with the English on the left-hand (even-numbered) pages, and the Gaelic on the right. Only the Gaelic is reproduced here; the English text is available on the Scottish Episcopal Church website.

Certification: Note that this online text has not been certified.

Thanks to the Scottish Episcopal Church for permission to publish this text online.

 

 

LITIRDI ALBANNACH 1982

DEASACHADH

 
Fàilte
Gràs agus sìth dhuibh o Dhia ar n-athair agus ar Tighearna Iosa Crìosd.
Amen

 

Welcome

Sìth
Tha sinn a' coinneachadh ann an ainm Chriosda.
Gabhamaid co-phàirt anns an t-sìth aige.

 

Peace

Urnaigh airson fìor-ghloine
A Dhia uile-chumhachdaich, dom bheil gach cridhe fosgailte, gach miann aithnichte, agus o nach eil rùn-diomhair falaichte: glan smaointean ar cridheachan le deachdadh do Spioraid Naoimh, chum gun toir sinn gràdh iomlan dhut, agus gun àrd-mhol sinn t'ainm gu h-iomchaidh; tro Iosa Crìosd ar Tighearna. Amen.

 

Collect for Purity

Gèarr-chunntas an Lagha
Thubhairt an Tighearna Iosa Crìosd: Is e seo a' chiad àithne:

"Eisd, O Israel, 's e an Tighearna ar Dia is Dia a-mhàin. Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led chridhe gu leir, led anam gu leir, led inntinn gu leir, led neart gu leir."

Is e seo an dara àithne;
"Gràdhaich do choimhearsnach mar thu-fhein."
Chan eil àithne eile ann nas motha na iad seo.

Amen. A Thighearna, dean tròcair oirnn.

 

Summary of the Law

Aideachadh agus Saoradh
Is e Dia gràdh agus sinne a' chlann. Chan eil àite aig eagal ann an gràdh: Tha gràdh againn oir ghràdhaich e-san sinn an toiseach.

Aideachamaid ar peacannan ann an aithreachas agus ann an creideamh.

Sàmhchair

A Dhia ar n-Athair, tha sinn ag aideachadh dhut agus do ar co-bhuill ann an Corp Chrìosda gun do pheacaich sinn ann an smaoin,facal is gniomh, agus anns na dh'fhàilnich sinn a dheanamh. Tha sinn gu dearbh duilich.

Maith dhuinn ar peacannan, agus liubhar sinn o chumhachd uilc, air sgàth do Mhic a fhuair bàs air ar son, Iosa Crìosd, ar Tighearna.

A Dhia, a tha na chumhachd agus na ghràdh, thoir maitheanas dhuinn agus saor sinn o ar peacannan, slànaich agus neartaich sinn le do Spiorad agus tog sinn gu beatha nuadh ann an Criosd ar Tighearna.

Amen.

Kyrie

A Thighearna, dean tròcair oirnn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn.
A Chrìosd, dean tròcair oirnn.
A Chriosd, dean tròcair oirnn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn.

Gloria

Glòir do Dhia anns na h-àrdaibh, agus sìth do a dhaoine air thalamh. A Thighearna Dia, a Righ nèamhaidh, a Dhia agus 'Athair uile-chumhachdaich, (le Dia am Mac, Iosa Crìosd, agus Dia an Spiorad Naomh,) tha sinngad adhradh, a' toirt buidheachais dhut, tha sinn gad mholadh airson do ghlòir.

A Thighearna Iosa Crìosd, aon-ghin Mhic an Athar, a Thighearna Dia, 'Uain Dhe, a tha a' toirt air falbh peacannan an t-saoghail; dean tròcair oirnn; tha thu nad shuidhe air deas-laimh an Athar; gabh ri ar n-ùrnaigh.

Oir is tusa a-mhàin a tha Naomh, is tusa a-mhàin is Tighearna, is tusa a-mhàin as Airde, Iosa Crìosd leis an Spiorad Naomh. ann an glòirDhe, an t-Athair. Amen.

 

Confession & Absolution

Urnaigh an latha

 

Collect of the Day

LITIRDl AN FHACAIL

Leughadh as an t-Seann Tiomnadh

Litir

Soisgeul

A-nis ron leughadh:
Glòir do Chrìosd ar Slànaighear.

An deidh an leughaidh:
Buidheachasdon Tighearna airson a Shoisgeil ghlòrmhoir.
Cliù do Chrìosd ar Tigheama.

 

Liturgy of the Word

Searmon

Creud Nicene

Tha sinn a' creidsinn ann an aon Dia, an t-Athair, an uile-chumhachdach, cruithear nèimh agus talmhainn, de na h-uile a tha faicsinneach is neo-fhaicsinneach.

Tha sinn a' creidsinn ann an aon Tighearna, Iosa Crìosd, aon mhac Dhe, gu siorraidh ginte den Athair, Dia o Dhia, Solas o Sholas, fìor Dhia o fhìor Dhia, ginte, chan ann deante, den aon susbaintris anAthair. Leis an do rinneadh a h-uile nì. Air ar son-ne agus airson ar saoraidh thàinig e a-nuas o nèamh; le cumhachd an Spioraid Naoimh ghabh e colann daonna den Oigh Moire agus rinneadh na dhuine e. Air ar son-ne cheusadh e fo Phointius Pìlat; dh'fhulaing e bàs agus dh'adhlaiceadh e. Air an treas latha dh'eirich e a-rithist a-reir nan Sgriobtairean; chaidh e suas gu nèamh agus tha e na shuidhe aig deas-laimh an Athar. Thig e a-rithist ann anglòira thoirt breith air na beothaibh agus air na mairbh, agus air a rìoghachd cha bhi crìoch.

Tha sinn a'creidsinn anns an Spiorad Naomh, an Tighearna, tabhartair beatha, a tha a' tighinn on Athair agus on Mhac. Leis an Athair agus leis a' Mhac, tha e air adhradh agus air a ghlòrachadh, a labhair tro na Fàidhean. Tha sinn a creidsinn ann an aon Eaglais naomh chaitligeach agus abstolach. Tha sinn ag aideachadh aon bhaistidh gu maitheanas pheacannan. Tha dùil againn ri aiseirigh nam marbh, agus ri beatha an t-saoghail a tha ri teachd. Amen

 

Sermon

Nicene Creed

Eadar-ghuidheachan

Tha ùrnaigh aira tairgsinn airson an t-saoghail agus a shluaigh, dhaibh-san a tha a' fulang agus dhaibh-sana tha an dìth, airson na h-Eaglais agus a ballrachd.

 

Intercessions

Aideachadh agus Saoradh

mur robh aig an Deasachadh

Is e Dia gràdh agus sinne a' chlann.
Chan eil àite aig eagal ann an gràdh.
Tha gràdh againn oir ghràdhaich e-san sinn an toiseach.

Aideachamaid ar peacannan ann an aithreachas agus ann an creideamh.

Sàmhchair

A Dhia ar n-Athair, tha sinn ag aideachadh dhut agus do ar co-bhuill ann an Corp Chrìosda gun do pheacaich sinn ann an smaoin, facal is gnìomh, agus anns a dh'fhàilnich sinn a dheanamh. Tha sinn gu dearbh duilich.

Maith dhuinn arpeacannan, agus liubharsinn o chumhachd uilc, air sgàth do Mhic a fhuair bàs air ar son, Iosa Crìosd, ar Tighearna.

A Dhia, a tha na chumhachd agus na ghràdh, thoir maitheanas dhuinn agus saor sinn o ar peacannan, slànaich agus neartaich sinn le do Spiorad agus tog sinn gu beatha nuadh ann an Crìosd ar Tighearna.

Amen.

 

Confession & Absolution

Sìth

mur robh aig toiseach na Serbhis

Tha sinn a' coinneachadh ann an ainm Chrìosda. Gabhamaid co-phàirt anns an t-sìth aige.

 

Peace

LITIRDI NA SACRAMAID

Tha an t-aran agus am fìon air an toirt suas thun an Altair.

Tabhartas

Sàmhchair
no
Thoireamaid ar tabhartais don Tighearna.
Is leatsa, a Thighearna, a tha a' mhorachd, an cumhachd, a' ghlòir, an òirdheirceas, agus an rìoghalachd; oir 'sann leatsa a tha a h-uile nì air nèamh agus air thalamh. Bhuatsa a tha a h-uile nì a' tighinn agus is leatsa na tha sinn a' toirt dhut.

Faic ath-sgrìobhadh air cleachdadh eile

 

Liturgy of the Sacrament

 

Offering

Am Buidheachas Mor

Urnaigh a' Chomanachaidh

Gum biodh an Tighearna maille ruibh
Agus leatsa cuideachd.

Togaibh a-suas bhur cridheachan.
Tha sinn gan togail ris an Tighearna.
Thoireamaid buidheachas don Tighearna ar Dia.
Tha e ceart buidheachas agus cliù a thoirt dhà.

'Sann dhutsa 'Athaira bhuineas adhradh is cliù, anns gach àite agus aig gach am.

'S ann leatsa a tha cumhachd gu leir. Chruthaich thu na nèamhan agus steidhich thu an talamh; tha thu a' cumail ann am bith gach nì a tha ann.

Ann an Crìosd do Mhac tha ar beatha agus do bheatha-sa air an toirt còmhla ann an iomlaid sònraichte. Rinn e-san a dhachaidh nar measg a chum gum faodamaid tàmh annad gu sìorraidh.

Tro do Spiorad Naomh tha thu gar gairm gu breith nuadh ann an cruthachadh air aisig le gràdh.

Mar chloinn ded dheoin saoraidh tha sinn a' tairgsinn dhut ar cliù, le aingil is àrd-aingil agus uile-chuideachd nèimh, a' seinn an laoidh ded ghlòir neo-chriochnach.

Is Naomh, Naomh, Naomh Tighearna, Dia a' chumhachd agus an neirt. Tha nèamh is talamh lan ded ghlòir. Hosanna anns na h-àrdaibh.

Beannaicht' e-san a tha a' tighinn an ainm an Tighearna. Hosanna anns na h-àrdaibh.

Glòir is buidheachas gun robh agad, 'Athair ro-ghràdhach, airson tiodhlaic do Mhic a rugadh le colann daonna. 'S e-san am Facal a' mairsinn seach ùine, an dà chuid tùs is deoin deireannach, a' toirt gu iomlanachd na tha deante. Umhal rid thoil fhuair e bàs air a' Chrois. Led chumhachd thog thu e o na mairbh Bhrist e banntan an uilc agus thug e saorsa dod shluagh a bhith eadhon mar a Chorp anns an t-saoghal.

Air an oidhche a thugadh suas gu bàs e, agus fios aige gun robh 'uair air tighinn, air dha gràdha thoirt do a chuideachd fhein, Ghràdhaich e iad gus an deireadh. Aig suipeir leis a dheisciobail ghabh e aran agus thairg e buidheachas dhut. Bhrist e an t-aran, agus thug e dhaibh e, ag ràdh: 'Gabhaibh, ithibh. Is e seo mo Chorp; tha e briste air ur son.' An deidh na suipeire, ghlac e a' chailis, thairg e buidheachas dhut, agus thug e dhaibh i, ag ràdh: 'Olaibh seo, a h-uile duine. Is e seo m'Fhuil den chùmhnant nuadh; tha i aira dòirteadh dhuibh-se agus do na h-uile duine, gum bi peacannan air am maitheadh. Deanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.'

Tha sinn a-nis ùmhal do dh'ordugh do Mhic. Tha sinn a' cuimhneachadh air a phàis bheannaichte agus air a bhàs, air aiseirigh ghlòrmhoir agus air a dhol suas; agus tha sinn a' coimhead ri teachd a Rioghachd. Air ar deanamh mar aon leis, tha sinn a' tairgsinn nan tiodhlac seo dhut agus leotha-san sinn-fhìn, aon ìobairt naomh, bheo.

Eisd ruinn, 'Athair ro-thròcaireach, agus builich oirnn do Spiorad Naomh agus air an aran agus air an fhìon seo, agus sgàilichte le a chumhachd a tha a' toirt beatha gum bi iad nan Corp agus nam Fuil ded Mhac, agus gum bi sinn air ar lasadh le teine do ghràidh agus air ar ath-nuadhachadh airson seirbhis do Rioghachd.

 

Great Thanksgiving

Cuidich sinn a tha baiste ann an co-chomann Corp Chrìosda a bhith beo agus ag obair dod chliù agus dod ghlòir; gum fàs sinn còmhla ann an aonachd agus gràdh gus mu dheireadh, nad chruthachadh nuadh, gun inntrinn sinn do ar n-oighreachd ann an cuideachd an Oighe Moire, nan abstoil agus nam faidhean* agus ar n-uile bhràithrean is pheathraichean a tha beo agus iadsan nach maireann.
 

* Faodar cuimhneachadh freagarrach air Naomh àraidh a dheanamh an seo

Tro Iosa Criosd arTighearna, leis-san agus ann-san ann an aonachd an Spioraid Naoimh, gum biodh dhut onair agus glòir guh-iomlan, Tighearna gach aois, saoghal gun chrìoch.

Amen.

 

 

Co-phàirteachadh an Arain agus an Fhìon

Bristeadh an Arain

Sàmhchair
no

Tha an t-aran beo air a bhristeadh airson beatha an t-saoghail.

A Thighearna, aonaich sinn anns a' chomharradh seo.

 

 

Breaking of the Bread

Urnaigh an Tighearna

Mar a theagaisg ar Slànaighear sinn, mar sin tha sinn ag ùrnaigh:

Ar n-Athair ann an nèamh, naomhaichte biodh t'ainm, thigeadh do rìoghachd, deanar do thoil, air thalamh mar ann an nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran làitheil. Math dhuinn ar peacaidhean mara mhathas sinne dhaibh-san a tha a' peacachadh nar n-aghaidh. Na toir sinn gu am deuchainn ach saor sinn o olc. Oir is leatsa an rìoghachd, an cumhachd agus a' ghlòir, a-nis agus gu sìorraidh. Amen.

No am modh seo
 

Lord's Prayer (contemporary)

Mar a dh'òrdaich agus a theagaisg ar Slànaighear Crìosd dhuinn, tha dànadas againn a ràdh:

Ar n-Athair, a tha air nèamh, naomhaichear t'ainm; thigeadh do rìoghachd; deanar do thoil air an talamh mar thatar a' deanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil; agus maith dhuinn ar ciontan mar a mhaitheas sinne dhaibh-san a tha 'ciontachadh nar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Oir is leatsa an rìoghachd, an cumhachd agus a' ghlòir, gu sìorraidh agus gu sìorraidh. Amen

 

Lord's Prayer (traditional)

Comanachadh

Aig tabhartas an arain:
Corp Chriosda a thugadh air do shon.

Aig tabhartas na cailis:
Fuil Chrìosda a dhòirteadh air do shon.

Freagraidh an Comanaiche:
Amen.

 

Communion (words of administration)

Laoidh a' Chomanachaidh

'Uain Dhe, tha thu toirt air falbh peacannan an t-saoghail: dean tròcair oirnn.
'Uain Dhe, tha thu toirtair falbh peacannan an t-saoghail: dean tròcair oirnn.
'Uain Dhe, tha thu toirt air falbh peacannan an t-saoghail: deonaich dhuinn sìth.

no

Iosa, 'Uain Dhe: dean tròcair oirnn.
Iosa, giulanair ar peacannan: dean tròcair oirnn.
Iosa, fear-saoraidh an t-saoghail: Thoir dhuinn do shìth.

 

Communion Song

BUIDHEACHAS AGUS LEIGEIL AIR FALBH

Sreath

Faodar sreath tràthail freagarrach a chleachdadh

Thoiribh buidheachas don Tighearna oir tha e gràsmhor.
Agus mairidh a thròcair gu sìorraidh.

 

Thanksgiving & sending out

Urnaighean

Abrar a h-aon de na leanas

(a) 'Athair, bhrist sinn an t-aran, corp Chriosda, bhlas sinn fion a bheatha nuadh. Tha sinn a' toirt taing dhut airson nan tiodhlac seo leis an deanar sinn nar n-aon ann agus air ar tarraing a-staigh don chruthachadh nuadh sin, do thoil airson cinne-dhaonna gu leir; troimh-san a fhuair bàs air ar son-ne agus a dh'eirich a-rithist, do Mhac, ar Slànaighear Iosa Crìosd.
Amen.

(b) 'Athair na h-uile, tha sinn a' toirt taing agus cliù dhut gun do thachair thu oirnn nad Mhac, nuair a bha sinn fhathast fad as agus gun tug thu dhachaidh sinn. Na chaochladh agus cuideachd agus e beo, chuir e an ceill do ghràdh, thug e dhuinn gràs agus dh'fhosgail e geata na glòire. Sinne aig a bheil co-phàirt ann an corp Chrìosda caitheamaid ar beatha mar a bheatha-san ath-bheothaichte; sinne a tha ag òl as a chupa, gun toireamaid beatha do fheadhainn eile; sinne a tha an Spiorad a' lasadh, gun toireamaid solas don t-saoghal. Cum daingeann sinn anns an dòchas a chuir thu mu ar coinneamh a chum gum bi sinn agus do chlann uile saor, agus gum mol an saoghal air fad t'ainm; tro Iosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.

(c) 'Athair, ise do dheoin seasmhach gum bi a h-uile nì air a choilionadh nad Mhac. Sinne a fhuair gealltainnean na rìoghachd, caitheamaid ar beatha le creideamh, coisicheamaid ann an dòchas agus bitheamaid air ar ath-nuadhachadh ann an gràdh, gus an sgàthanaich an saoghal do ghlòir agus gum bi thu nad uile anns a h-uile nì, tro Iosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.

 

Prayers

Beannachadh

Gun cumadh sìth Dhe, a tha toirt bàrr air tuigse gu leir, ur cridheachan agus ur n-inntinnean ann an eolas agus gràdh Dhe, agus a' Mhic, Iosa Criosd ar Tighearna: Agus beannachadh Dhe uile-chumhachdaich, an t-Athair, am Mac agus an Spiorad Naomh a bhith nar measg agus a' fantainn maille ruibh daonnan.
Amen.

Faodar beannachadh eile a chleachdadh a-reir an tràtha.

 

Blessing

An dol a-mach

Imichibh ann an sìth, gu gràdh is seirbhis a thoirt don Thighearna.
Ann an ainm Chrìosda. Amen



Dismissal
Ath-sgrìobhadh

RIOCHDAN EADAR-GHUIDHE

Riochd 1

Tro Iosa, a tha sinn ag aideachadh mar Thighearna, tha sinn a' toirt taing agus cliù don Athair, a' gairm air-san a tha na bhreitheamh air na h-uile:
'Athair, thigeadh do rìoghachd.

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Airson pobaill an t-saoghail gu leir; gun aithnich iad thu mar Dhia na sìthe,
tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna:

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Airson dhùthchannan, airson cheannardan agus riaghaltasan; gun comharraich ionracas an uile chùisean,
tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna:

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Airson na h-uile a tha ag obair airson fireantachd; gun toir do làthaireachd agus do chobhair misneach dhaibh,
tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna:

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Airson co-chomannan, claoidhte le aimhreit agus strì; gun tugadh do mhaitheanas dhaibh leigheas,
tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna:

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Air an son-san a tha iomagaineach no aonaranach no dealaichte le bàs; gum faigh iad furtachd agus sìth,
tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna:

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Airson na h-Eaglaise agus airson do theaghlaich; gum bi i seasmhach ann an aideachadh a dòchais,
tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna:

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Airson ....................... ar n-Easbaig, agus na h-uile a tha giulan ainm Chrìosda; gun gairm am beathannan do ghlòir, tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

Air an son-san a -tha dealaichte uainn le bàs; gum bi aca-san an rìoghachd a tha neo-ghluasadach,
tha sinn a' guidhe ort, a Thighearna:

'Athair, thigeadh do rìoghachd.

O Dhia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, Buachaille mor nan caorach: dean foirfe sinn anns gach mathas a chum do thoil a dheanamh agus a bhith mar a bu mhath leat sinn a bhith; troimh-san dom bi a' ghlòir gu sìorraidh, Iosa Criosd ar Tighearna.

Amen.

 

Appendix:

Forms of Intercession

Form 1

Riochd 2

O Dhia, Athair ar Tighearna Iosa Criosd, anns an do thagh thu sinn, ro steidh an t-saoghail, agus a shuidhich ann an gràdh sinn a bhith leat-sa: cuidich sinn ri ùrnaigh airson do chloinne air fad.

Airson beatha an t-saoghail; gum bi eolas air do shìth agus gum buadhaich i:

Airson ... ...

A Thighearna, eisd ruinn.
A Thighearna, eisd ruinn gu gràsmhor.

Airson na h-uile a tha 'fulang dochainn, bàis no call; gum bi fios aca air an dòchas dom bheil thu gar gairm:

Airson ... ...

A Thighearna, eisd ruinn.
A Thighearna, eisd ruinn gu gràsmhor.

Airson na h-uile aig a bheil riaghailt is ùghdarras; gun aidich iad do chumhachd:

Airson ... ...

A Thighearna, eisd ruinn.
A Thighearna, eisd ruinn gu gràsmhor.

Airson na h-Eaglaise, corp Chrìosda; gum mair i airson cliù do ghlòire:

Airson ... ...

A Thighearna, eisd ruinn.
A Thighearna, eisd ruinn gu gràsmhor.

A Thighearna, sheall thu do neart agus do chumhachd nuair a thog thu Criosd o na mairbh, a' cur a h-uile nì fo smachd fo a chasan : gabh ri na h-ùrnaighean a tha sinn a' tairgsinn na ainm airson an t-saoghail a chruthaich agus a shaor thu; troimh-san anns an do chomharraich thu dìomhaireachd do thoil, a thoirt gu aonachd gach nì ann an nèamh agus air thalamh, do Mhac, ar Tighearna Iosa Crìosd.

Amen.

Form 2

Riochd 3

Dhà-san a tha na Dhia a-mhàin deanamaid ar n-iarrtasan le buidheachas, tron t-aon eadar-mheadhanair, an duine Iosa Criosd.

Tha mi ag iarraidh ur n-ùrnaighean airson sìth ann am beatha an t-saoghail ... ...
Guidhibh airson sìth Dhe.

Sàmhchair

Tha mi ag iarraidh ur n-ùrnaighean airson na h-uìle a tha a' fulang dochainn, tinneis agus call ... ...
Guidhibh airson na h-uile a tha sàraichte.

Sàmhchair

Tha mi ag iarraidh ur n-ùrnaighean airson na h-uile aig a bheil ùghdarras is treorachadh ... ...
Guidhibh airsongach neacha tha a' cleachdadh cumhachd.

Sàmhchair

Tha mi ag iarraidh ur n-ùrnaighean airson na h-uile air an d'rinn sinn eucairt ... ...
Guidhibh airson gach neach aig a bheil gràin dhinn.

Sàmhchair

Thami ag iarraidh urn-ùrnaighean airson arn-easbaig(ean) ... ... ... ... agus airson gach neach a shuidhich Crìosd do a sheirbhis ... ...
Guidhibh airson sluaigh Dhe.

Sàmhchair

Tha mi ag iarraidh ur n-ùrnaighean ... ...

Sàmhchair

Thoiribh taing do Dhia airson na h-uile anns an robh Crìosd air onorachadh, (gu sònraichte ... ...)

Sàmhchair

O Dhia, 's e do thoil e gum faigheadh na h-uile saoradh agus gun tigeadh iad gu firinn aithneachadh: gabh ri ar n-ùrnaighean agus ar guidheachan a tha sinn a' tairgsinn ann an creideamh agus ann an gràdh; troimh-san a thug dearbhadh air do dheoin, agus a dh'ìobair e-fhein gu saorsa a chosnadh don chinne-dhaonna gu leir,Iosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

 

Form 3

CLEACHDADH EILE AIG AN TABHARTAS

Urnaighean Tabhartais

Is beannaicht' a tha thu, a Thighearna Dia den chruthachd air fad; tro do mhathas tha an t-aran seo againn ri thairgsim, a thug an talamh dhuinn agus a rinn lamhan daonna: fàsaidh e dhuinne mar aran na beatha.

Beannaichte gun robh Dia gu sìorraidh.

Is beannaicht' a tha thu, a Thighearna Dia den chruthachd air fad; tro do mhathas tha am fion seo againn ri thairgsinn, toradh a' chroinn-fhìona agus obair làmh daonna : fàsaidh e mar chailis ar saoraidh.

Beannaichte gun robh Dia gu sìorraidh.


Alternative Prayers at the Offering
Tha teacsaichean Bheurla an Sanctus, Benedictus agus Agnus Dei agus a' chiad innse de dh'Urnaigh an Tighearna dlighe-sgrìobhaidh © Comhairle Eadar-nàiseanta airteacsaichean Bheurla (ICET). Thaan Gloria in Excelsis agus an Creud Nicene air an deanamh freagarrach o innseannan an ICET.

Tha an dàrna innse de dh'Urnaigh an Tighearna air ath-ghintinn le cead ann am modh dlighe-sgrìobhte don Comhairle Eadar-nàiseanta air Beurla anns an Litirdi (ICEL).

Tha teacs cànain ùir de Ghèarr-chunntas an Laghaagus an t-Urnaigh àirte (b) air duilleig 20 air an ath-ghintinn on Leabhar Seirbhis eile den Eaglais Shasannach le cead sealbhadairean an dlighe-sgrìobhaidh, Bòrd Prìomha Maoineachais na h-Eaglais Shasannaich.

As leth Comunn Gàidhlig na h-Eaglais Easbaigich rinneadh air fad, le Alasdair MacAonghais, an t-eadar-theangachadh Gàidhlig den teacs Beurla mar a dh'fhoillsicheadh leis a' Comhairle Eaglaiseach Riochdach den Eaglais Easbaigeach ann an Alba anns a' mhodh ainmichte "Litirdi Albannach 1982".

Acknowledgments

 

Web author: Charles Wohlers U. S. EnglandScotlandIrelandWalesCanadaWorld