Scottish flag The Book of Common Prayer
United States England Scotland Ireland Wales Canada World

    An Aifrionn: Holy Communion in Scots Gaelic

 

 

AN LIOTUIRGE 1970

ùghdaraichte airson a’ chleachdaidh cheadachail fo Chanan XXIII-8, as leth Colaisde nan Easbaig de’n Eaglais Easbaigich ann an Albainn.

† Frangan,
Easbaig Ghlaschu agus
    Ghallghallaibh, Prìomhair

An Lùnasdal 1970

ùghdaraichte fo Chanan XXII-7, as leth Colaisde nan Easbaig de’n Eaglais Easbaigich ann an Albainn.

† Ruiseart,
Easbaig Earraghaidheal agus nan
    Eilean, Prìomhair

An Lùnasdal 1974


Thug Urras NicCaoig cuideachdadh le cosgais clò-bhualadh an leabhair seo.

 

 

Air fhoillseachadh le:
COMUNN GAIDHLIG NA h-EAGLAIS EASBAIGICH
Inbhirnis 1974


 

Cover of Communion booklet

1970 edition published by the Scottish Episcopal Church.

The English version of this service may be found on the Scottish Episcopal Church's website.

Certification - Note that this online version is not certified.

Thanks to the Scottish Episcopal Church for permission to publish this text.

 

 

NOTAICHEAN

1. Faodar na facail eadar na h-ealachainnean fhàgail a mach.
2. An àite foirm ghoirid an Aideachaidh agus an Fhuasglaidh faodar an fhoirm fhada air taobh-duilleig 16 anns an fhath-sgrìobhadh a chleachdadh, agus faodaidh na Briathran Comhfhurtachail a leantainn. Faodar na facail a leanas a ràdh roimh gach foirm an Aideachaidh: "Aidicheamaid gu h-ìriosal ar peacannan do Dhia uile-chumhachdach."
3. An àite an Kyrie faodar geàrr-chunntas an Lagha a chleachdadh, mar a tha e air a sgrìobhadh air taobh-duilleig 17 anns an fhath-sgrìobhadh, air neo na deich àitheantan anns an fhoirm ghoirid no fhada.
4. Nuair a tha an Leadan air a ràdh no air a sheinn mar phàirt de’n t-seirbhis gu dìreach roimh ’n Liotuirge, bu chòir do’n eadarghuidhe a bhith air a fàgail a mach.

5: An àite na h-ùrnuigh airson na h-Eaglais faodar na h-eadar-ghuidhean a thairgse a réir nam foirmean anns an fhath-sgrìobhadh, taobh-duilleig 19.
6. Aig na Coisrigidhean agus air Di-ceudaoin na Luaithre, air Féill Moire nan Coinneal agus air Di-dòmhnaich na Pailme, nuair a tha deasghnàthan nan làithean sin a’ tighinn gu dìreach roimh ’n Liotuirge mar phàirt de’n t-seirbhis, faodar a h-uile nìa tha ri ràdh roimh Chomhùrnuigh an Latha fhàgail a mach.
7. Aig an Tairgse, an àite "Beannaichte gu robh thu", faodar cràbhadh na Tairgse air taobh-duilleig 20 anns an fhath-sgrìobhadh a chleachdadh.
8. Faodar a’ Ghloria a chleachdadh aig deireadh na seirbhis.


 

Notes
LIOTUIRGE AN FHACAIL

(S. ù Sagart.   P. ù Pobull)

Faodar salm no laoidh a sheinn no a ràdh.

S. Ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic agus an Spioraid Naoimh.

P. Amen.

[S. Théid mi stigh gu altair Dhé.

P. Eadhon gu Dia m’aoibhneis agus m’aighir.

S. Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna.

P. A rinn nèamh agus talamh.]
 

Liturgy of the Word.

Na h-uile   Tha sinn ag aideachadh do Dhia uile-chumhachadach, an t-Athair, am Mac agus an Spiorad Naomh, gun do pheacaich sinn le’r smuaintean, le’r briathran agus le’r gnìomhannan; le’r mór choire fhéin. Air an adhbhar sin tha sinn a’ guidhe air Dia tròcair a dhèanamh oirnn.

    A Dhia uile-chumhachdaich, dèan tròcair oirnn, maith dhuinn ar n-uile pheacannan agus saor sinn bho’n olc, daingnich agus neartaich sinn anns gach uile maitheas agus thoir chun na beatha maireannaich sinn. Amen.

S. Gun deònaich an Tighearna uile-chumhachdach agus tròcaireach dhuibh maitheanas agus fuasgladh bho ur peacannan gu léir, ùine airson fior-aithreachais, atharrachadh na beatha, agus gràs agus comhfhurtachd an Spioraid Naoimh. Amen.

[Nach tilI thu a rithist agus nach beòthaich thu sinn, a Thighearna.

P. Los gun dèan do shluagh subhachas annad?

S. A Thighearna, dèan tròcair oirnn.

P. Agus deonaich dhuinn do shlàinte.

S. A Thighearna, éisd ri ar n-ùrnuigh.

P. Agus ’gad ionnsaidh thigeadh ar n-achanaich.]
 

Confession & Absolution

S. Deanamaid ùrnuigh:

A Dhia uile-chumhachdaich, dh’am bheil gach cridhe fosgailte, gach miann aithnichte, agus roimh nach eil rùn-dìomhair sam bith falaichte; glan smuaintean ar cridheachan le beòthachadh do Spioraid Naoimh, los gun toir sinn gràdh iomlan dhut, agus gun àrd-mhol sinn gu h-iomchaidh d’Ainm naomh; troimh Chrìosd ar Tighearna. Amen.

An sin canar no seinnear an dara cuid an Kyrie no a’ Ghloria, no an dà chuid.

S. A Thighearnn, dèan tròcair oirnn.

P. A Chrìosda, dèan tròcair oirnn.

S. A Thighearna, dèan tròcair oirnn.

Na h-uile   Gloir do Dhia anns na h-àrdaibh, agus air talamh sith, deagh-thoil do dhaoine. Tha sinn ’gad mholadh, tha sinn ’gad bheannachadh, tha sinn ’gad adhradh, tha sinn a’ toirt glòir dhut, tha sinn a’ toirt buidheachas dhut airson do mhór ghlòire, a Thighearna Dia, a Rìgh nèamhaidh, a Dhia an t-Athair uile-chumhachdach; [agus dhut-sa a Dhia, an t-aonghin Mhic, Iose Crìosd; agus dhut-sa a Dhia, an Spiorad Naomh.]

    A Thighearna, an t-aonghin Mhic, Iose Crìosd; a Thighearna Dia, Uan Dhé, Mac an Athar, thusa a tha toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dèan tròcair oirnn. Thusa a tha toirt air falbh peacannan an t-saoghail, gabh ri ar n-ùrnuigh. Thusa a tha ’nad shuidhe air deas làimh Dhè, an t-Athair, dèan tròcair oirnn.

    Oir is tusa a mhàin a tha naomh, is tusa a mhàin as Tighearna; is tusa a mhàin as àirde, a Chrìosda, maille ris an Spiorad Naomh, ann an glòir Dhé an t-Athair.
Amen.

S. Gu robh an Tighearna maille ribh.

P. Agus ri do spiorad-sa.

S. Dèanamaid ùrnuigh.

 

Collect for Purity

A’ Chomhùrnuigh

[LEASAN AN T-SEANN TIOMNAIDH

Tha leasan an t-Seann Tiomnaidh sgrìobhte ann an Leabhar ..., anns a’ ... chaibideil, a’ tòiseachadh aig a’ ... rann.
    Faodar salm, laoidh no cainnteag a sheinn no a ràdh.]

AN LITIR

Tha an Litir sgrìobhte ann an Leabhar ... anns a’ ... chaibideil, a’ tòiseachadh aig a’ ... rann.
    Faodar salm, laoidh no cainnteag a sheinn no a ràdh.

AN SOISGEUL

Tha an Soisgeul Naomh sgrìobhte anns an t-Soisgeul a réir ... , anns a’ ... caibideil, a’ tòiseachadh aig a’ ... rann.

P. Glòir dhut-sa, a Thighearna.

An déidh an t-Soisgeil:

P. Buidheachas dhut-sa, a Thighearna, airson do Shoisgeil ghlòrmhoir seo.

 

Collect & readings

AN SEARMON

Leanaidh A’ CHREUD Di-dòmhnaich agus air làithean nam Féilltean móra.

Na h-uile    Tha mi creidsinn ann an aon Dia, an t-Athair uile-chumhachdach, Cruthadair nèimh agus talmhainn, Cruthadair gach nì fhollaisich agus neo-fhollaisich.

    Tha mi creidsinn ann an aon Tighearna Iosa Crìosd, Aonghin Mhic Dhé, a rugadh bho’n Athair roimh gach linn. Dia bho Dhia, Solus bho Sholus, fior Dhia bho fhìor Dhia; ginte chan ann dèanta, de’n aon shusbaint ris an Athair; leis an do rinneadh a h-uile nì. Thàinig e nuas as na flaitheas air ar son-ne clann daoine, agus gus ar sàbhaladh. Ghabh e colann daonda de’n Oigh Moire leis an Spiorad Naomh, agus rinneadh e ’na dhuine. Air ar son-ne cuideachd, fo Phontius Pilat cheusadh e, dh’fhuiling e bàs agus thìodhlaiceadh e. Dh’éirich e an treas latha bho na mairbh mar a dh’innseadh anns na sgriobhtuirean roimh làimh, agus chaidh e suas do nèamh. Tha e ’na shuidhe air deas làimh an Athar. Agus thig e a rithist le glòir a thoirt breith air bheòtha agus air mhairbh. Air a rìoghachd cha bhi crìoch.

Tha mi creidsinn anns an Spiorad Naomh, an Tighearna, Tabhartair na beatha, a tha a’ tighinn bho’n Athair agus bho’n Mhac; a thathas ag adhradh is a’ glòrachadh maille ris an Athair agus ris a’ Mhac; a labhair troimh na Fàidhean.
    Tha mi creidsinn ann an aon Eaglais Naoimh Chaitligich agus Abstolaich. Tha mi ag aideachadh aon bhaisteadh gu maitheanas pheacannan. Agus tha mo dhùil ri aiseirigh nam marbh agus ri beatha an t-saoghail a tha ri tighinn. Amen.

 

Sermon

Nicene Creed

AN EADAR-GHUIDHE

S. Dèanamaid ùrnuigh airson staid Eaglais Chrìosda gu léir.

A Dhia uile-chumhachdaich agus shìorraidh, a tha air ar teagasg le d’Abstol naomh eadar-ghuidhe a dhèanamh agus taing a thoirt airson nan daoine gu léir; tha sinn a’ guidhe gu h-ìriosal ort thu gu ro thròcaireach a ghabhail ri ar n-achanaichean seo a tha sinn a’ tairgse do do Mhórachd Dhiadhaidh; a’ guidhe ort thu an Eaglais dhomhanda a bheòthachadh an còmhnaidh le spiorad na firinne, na n-aonachd agus na réite; agus deònaich dhaibh-san uile a tha ’g aideachadh d’Ainm naoimh comhchòrdadh ann am firinn d’fhacail naoimh, agus am beatha a chaitheamh ann an aonachd agus ann an gràdh diadhaidh.

P. Tha sinn a’ guidhe ort thu éisdeachd ruinn, a dheagh Thighearna.

S. Tha sinn a’ guidhe ort cuideachd thu na Rìghrean, na Prionnsachan agus na Riaghladairean gu léir a shàbhaladh agus a dhìon, agus gu h-àraid do bhanseirbhiseach Ealasaid ar Banrìgh, agus na h-uile aig a bheil ùghdarras foidhpe, los gum bi sinn air ar riaghladh gu diadhaidh sàmhach.

P. Tha sinn a’ guidhe ort thu éisdeachd ruinn, a dheagh Thighearna.

S. Thoir gràs, ’Athair nèamhaidh, do na h-Eàsbaigean, do na Sagartan agus do na Diacoin gu léir agus gu h-àraid do do sheirbhiseach N . . . ar n-Easbaig-ne, los gun nochd iad a mach d’fhacal fior. agus beò, araon le’m beatha agus le’n teagasg, agus gum fritheil iad gu ceart agus gu h-iomchaidh do Shàcramaidean naomha.

P. Tha sinn a’ guidhe ort thu éisdeachd ruinn, a dheagh Thighearna.

S. Agus thoir do ghràs nèamhaidh do do shluagh air fad, agus gu h-àraid do’n Choirnhthional seo a tha ’n làthair, los gun cluinn iad agus gun gabh iad ri d’fhacal naomh, gu fireannach a’ dèanamh seirbhis dhut ann an naomhachd agus ann an ionracas fad làithean am beatha.

P. Tha sinn a’ guidhe ort thu éisdcachd runn, a dheagh Thighearna.

S. Tha sinn gu h-ìriosal a’ guidhe ort, a Thighearna, thu bho do mhaitheas, comhfhurtachd agus cobhair a thoirt dhaibh-san uile a tha fo thrioblaid, fo bhròn, fo uireasbhaidh, fo thinneas no fo àmhghar sam bith eile anns a’ bheatha dhiombuan seo.

P. Tha sinn a’ guidhe ort ùthu èisdcachd ruinn, a dheagh Thighearna.

S. Tha sinn a’ toirt suas do do chùram tròcaireach, a Thighearna, do sheirbhisich uile a dh’imich bho’n bheatha seo ’nad chreideamh agus ann am fathamas dhut, a’ guidhe ort thu soillse agus sìth maireannach a bhuilcachadh orra.

P. Tha sinn a’ guidhe ort thu éisdeachd ruinn, a dheagh Thighearna.

S. Agus tha sinn a’ toirt suas dhut moladh ro àrd agus taing dùrachdach airson a’ ghràis mhìorbhailich agus airson an fhearta a dh’fhoillsicheadh ’nad Naoimh uile, [agus gu h-àraid anns an Oigh bheannaichte Moire, Màthair do Mhic Iose Crìosd ar Tighearna agus ar Dia, agus anns na Prìomh-athraichean naomha, anns na Fàidhean, anns na h-Abstoil agus anns na Martairean,] a’ guidhe ort thu gràs a thoirt dhuinne, los gun lean sinn eisimpleir am bunaiteachd-san ’nad chreideamh, agus ’nan ùmhlachd-san do d’àitheantan naomha.

    Deonaich seo, ’Athair, air sgath Iose Crìosd, ar n-aon Eadar-mheadhonair agus Fear-tagraidh.

Amen.


 

Intercessions
LIOTUIRGE NA SACRAMAID

AN TABHARTAS

S. Tairgeamaid ar tabhartas do’n Tighearna le urram agus le fathamas diadhaidh.

FACAL AN TABHARTAIS

An seo canaidh an Sagart facal an Tabhartais, mar a tha e ùghdaraichte.

Tha an t-Aran agus am Fìon air an cur air an altair agus faodar tabhartasan an t-sluaigh a thoirt suas.

Faodar Iaoidh a sheinn.

Beannaichte gu robh thu a Thighearna Dia, fad shaoghal nan saoghal. Is leat-sa, a Thighearna, a’ mhórachd agus a’ ghloir agus a’ bhuaidh agus a’ mhóralachd; oir is ann leat-sa a h-uile nì a tha air nèamh agus air talamh; is leat-sa an Rìoghachd, a Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh os cionn nan uile; tha a h-uile nì a’ tighinn bhuat, agus is ann a tha sinn a’ toirt dhut de do chuid fhéin. Amen.

 

Liturgy of the Sacrament
AN COISRIGEADH

S. Gu robh an Tighearna maille ribh.

P. Agus ri do spiorad-sa.

S. Togaibh ur cridheachan.

P. Tha iad togte ris an Tighearna.

S. Thoireamaid buidheachas do’n Tighearna ar Dia.

P. Tha sin iomchaidh agus ceart.

S. Gu fìreannach tha e iomchaidh agus ceart agus mar dhleasdanas oirnn, gun toireamaid anns gach àm, agus anns gach àite taing dhut-sa, a Thighearna, ’Athair naoimh, a Dhia uile-chumhachdaich agus shìorraidh.

(roimh-ràdh iomchaidh)

Air an adhbhar sin, còmhla ris na h-Ainglean agus ris na h-Ard-ainglean agus còmhla ri cuideachd fhlathanais gu léir, tha sinn a’ cliùthachadh agus ag urramachadh d’Ainm ghlòrmhoir. Agus tha sinn ’gad mholadh gu bràth, ag ràdh:

Na h-uile   Is Naomh, Naomh, Naomh, Tighearna.. Dia nam Feachd, tha nèamh agus talamh làn de do ghlòir. Glòir dhut-sa, a Thighearna ro àrd. Is beannaichte esan a tha tighinn ann an ainm an Tighearna. Hosanna anns na h-àrdaibh.

S. Gach uile glòir agus taingealachd gu robh dhut-sa, a Thighearna uile-chumhachdaich, ar n-Athair nèamhaidh, oir airson ar saorsa-ne thug thu suas gu ro thròcaireach d’aonghin Mhic Iosa Crìosd gus bàs fhulang air a’ chrann-cheusaidh; agus le tabhartas dheth fhéin a thairgse, rinn esan ìobairt, tabhartas agus éirig a bha iomlan, foirfe agus éifeachdach airson peacannan an t-saoghail gu léir. Agus shuidhich e cuimhneachan maireannach air a bhàs-san agus air ’ìobairt-san luachmhoir, a dh’òrdaich e dhuinn a leantainn gus an till e a rithist.

    Oir anns an oidhche anns an deach a bhràthadh, ghabh e aran; agus an déidh dha buidheachas a thoirt, bhris e e, agus thug e dh’a dheisciobail e, ag ràdh: Gabhaibh agus ithibh, oir is e seo mo chorp-sa, a théid a liubhairt air ur son. Dèanaibh seo mar chuimhneachan orm-sa. Air an doigh cheudna, an déidh na suipearach ghlac e a’ chailis, agus an déidh dha buidheachas a thoirt, thug e dhaibh i, ag ràdh: òlaibh uile dheth seo, oir is e seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhoirtear air ur son-ne agus airson móran gu maitheanas pheacannan. Cho tric is a nì sibh seo, dèanaibh e mar chuimhneachan orm-sa.

    Air an adhbhar sin, a Thighearna agus ’Athair nèamhaidh, a réir òrdugh do Mhic ro ionmhainn, ar Slànaighear Iosa Crìosd, tha sinne Ä do sheirbhisich ùmhal Ä le do thìodhlacan naomha a tha sinn a’ tairgse dhut a nis, a’ cliùthachadh agus a’ dèanamh an seo, an làthair do Mhórachd Diadhaidh, a’ chuimhneachain a dh’ordaich do Mhac dhuinn. Agus tha sinn a’ cuimhneachadh air a phàis bheannaichte agus air a bhàs ionmhainn, air ’aiseirigh cumhachdach agus air a dheasgabhail ghlòrmhoir do nèamh. Agus gu dùrachdach tha sinn a’ toirt taing dhut airson nan sochairean gun àireamh a chaidh a chosnadh dhuinn leotha-san, agus tha ar dùil ri a theachd-san a rithist le cumhachd agus le mór ghlòir.

    Agus tha sinn, do sheirbhisich neo-airidh, a’ guidhe ort, ’Athair ro thròcairich, thu éisdeachd ruinn, agus do Spiorad Naomh a bhuileachadh oirnne agus air do thìodhlacan-sa agus air do chreutairean de dh’aran agus de dh’fhìon, los le bhith beannaichte agus naomhaichte troimh a chumhachd-san a tha toirt beatha, gun tig iad gu bith ’nan corp agus ’nam fuil de do Mhac ro ionmhainn, a chum agus gun naomhaichear na h-uile a gheibh na nithean seo araon anns a’ cholann agus anns an anam, agus gun gléidhear iad chun na beatha sìorraidh.

    Agus tha sinn gu dùrachdach ag iarraidh bho do mhaitheas àthaireil, gun gabh thu gu tròcaireach ri ar n-ìobairt-ne de mholadh agus de thaingealachd. [Agus tha sinn gu h-ìriosal a’ guidhe ort, gun deonaich thu, troimh òirdheirceas agus bàs do Mhic Iosa Crìosd, agus troimh chreideamh ’na fhuil-san, gum faigh sinne agus d’Eaglais gu léir maitheanas ar peacannan agus gach uile sochair eile de phàis-san.]

Agus tha sinn gu h-ìriosal ’gar tairgse fhéin an seo agus a’ toirt dhut-sa, a Thighearna, ar n-anmannan agus ar colain-nean, gu bhith ’nan ìobairt reusanta, naoimh agus bheò dhut. Agus tha sinn a’ guidhe ort [gum bi sinn uile a tha gabhail comhphàirt anns a’ Chomanachadh Naomh seo airidh air Corp agus Full ro ionmhainn do Mhic Iosa Crìosd fhaighinn, agus gum bi sinn air ar Fionadh le do ghràs agus le do bheannachd nèamhaidh. Tha sinn a’ guidhe ort gun dèanar sinn ’nar n-aon chorp ris-san, los gun gabh e còmhnaidh annainn, agus sinne ann-san.

Agus ged nach bitheamaid airidh, troimh ar peacannan lìonmhor, air ìobairt sam bith a thairgse dhut; gidheadh tha sinn a’ guidhe ort] gun gabh thu ri ar dleasdan-asan agus ri ar seirbhis, agus tha sinn a’ guidhe ort, gun ar toilltinn a thomhas, gum maith thu ar ciontan, troimh Iosa Criosd ar Tighearna; oir is ann troimh-san agus leis-san, ann an aonachd an Spioraid Naoimh, a tha gach uile onoir agus glòir dhut-sa, ’Athair Uile-chumhachdaich, fad shaoghal nan saoghal.

Na h-uile    Amen.
 

Prayer of Consecration

S. Mar a dh’òrdaich agus mar a theagaisg ar Slànaighear Iosa Crìosd dhuinn, tha an dànadas againn a ràdh:

Na h-uile    Ar n-Athair, a tha air nèamh, gum bu naomh a bhios d’Ainm; gun tigeadh do rìoghachd, gun dèanar do thoil air talamh mar a thathas a’ dèanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran làitheil; agus maith dhuinn ar fiachan, mar a mhaitheas sinne do luchd-ar-fiach; agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn bho’n olc. Oir is leat-sa an rìoghachd, an cumhachd agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

 

Lord's Prayer

BRISEADH AN ARAIN

An seo brisidh an Sagart an t-Aran.

S. Sìth an Tighearna gu robh daonnan maille ribh.

P. Agus ri do spiorad-sa.

S. A Mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chéile, oir is ann bho Dhia a tha gràdh.

Na h-uile     Chan eil an dànadas againn a thighinn a dh’ionnsaidh d’Altarach naoimhe, a Thighearna thròcairich, agus sinn a’ cur earbsa ’nar fireantachd fhéin, ach ’nad thròcairean lìonmhor móra. Chan airidh sinn air na criomagan fo do Bhòrd a chruinneachadh suas; ach is tusa an Tighearna ceudna a tha ’na bhrìgh daonnan tròcaireach. Air an adhbhar sin deònaich dhuinn, a Thighearna ghràsmhoir, gun ith sinn feòil do Mhic ionmhainn Iosa Crìosd, agus gun òl sinn ’fhuil, los gun glanar ar colainnean peacach le a chorp ro naomh, agus los gun nighear ar n-anmannan le ’fhuil ro luachmhor, agus los gun gabh sinn còmhnaidh ann-san gu bràth, agus esan annainn. Amen.

’Uain Dhé, a tha toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dèan tròcair oirnn.
’Uain Dhé, a tha toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dèan tròcair oirnn.
’Uain Dhé, a tha toirt air falbh peacannan an t-saoghail, thoir sìth dhuinn.

 

Breaking of the bread

and

Prayer of Humble Access

AN COMANACHADH

Nuair a bheir an Sagart an t-Aran do neach sam bith, their e:

Gun gléidh corp ar Tighearna Iosa Crìosd, a chaidh a liubhairt air do shon-sa, d’anam agus do chorp chun na beatha sìorraidh.

Freagairt    Amen.

Nuair a bheir an Sagart a’ Chailis do neach sam bith, their e:

Gun gléidh fuil ar Tighearna Iosa Crìosd, a chaidh a dhòrtadh air do shon-sa, d’anam agus do chorp chun na beatha sìorraidh.

Freagairt    Amen.

 

Communion (Words of administration)

BUIDHEACHAS AN DEIDH A’ CHOMANACHAIDH

S. O thoiribh taing do’n Tighearna, oir tha e gràsmhor.

P. Agus mairidh a thròcair gu bràth.

S. Dèanamaid ùrnuigh.

 
A’ BHREITH-BUIDHEACHAIS

Air neo faodar an ùrnuigh ’a 1eanas no ùrnuigh eile a ràdh.

S. A Thighearna, ar Dia, a Shlànaighir an t-saoghail, tha sinn air na rùintean-dìomhair seo a chliùthachadh tromhad; gabh ri ar buidheachas ìriosal; agus bho do thròcair mhóir, geall gun naomhaich thu gu bràth ’nar corp agus ’nar n-anam sinn; Thusa a tha beò agus a tha riaghladh còmhla ris an Athair agus ris an Spiorad Naomh, aon Dia, fad shaoghal nan saoghal.
Amen.

S. Gun gléidh sìth Dhé a tha os cionn gach uile tuigse, urù cridheachan agus ur n-inntinnean ann an eòlas agus ann an gràdh Dhé, agus a Mhic Iosa Crìosd, ar Tighearna; Agus gu robh beannachd Dhé uile-chumhachdaich, an t-Athair agus am Mac agus an Spiorad Naomh maille ribh a nis agus gu sìorraidh.

P. Amen.

[S. Bithibh a’ falbh ann an sìth.

P. Taing do Dhia.]


Thanksgiving after Communion

FATH-SGRIOBHADH

FOIRMEAN EILE

AN T-AIDEACHADH AGUS AM FUASGLADH

S. A Dhia uile-chumhachdaich, Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Cruthadair gach uile nì, Britheamh dhaoine air fad; tha sinn ag aideachadh agus a’ caoidh ar peacannan lìonmhor agus ar n-aingidheachd, a tha sinn air a dhèanamh bho ám gu  ám gu ro chràidhteach an aghaidh do Mhórachd Diadhaidh le’r smuaintean, le’r briatliran agus le’r gnìomhannan; agus gu brosnachadh gu ceart corraich agus fearg ’nar n-aghaidh. Tha sinn gu firinneach a’ gabhail aithreachas, agus gu dùrachdach tha sinn duilich airson ar ciontan seo. Tha sinn a’ cuimhneachadh orra le cràidhteachd. Chan urrainn dhuinn an t-uallach a ghiùlan. Dèan tròcair oirnn, Dèan tròcair oirnn, ’Athair ro thròcairich; air sgàth do Mhic, ar Tighearna Iosa Crìosd. Maith dhuinn a h-uile nì a tha seachad; Agus deònaich gun dèan sinn seirbhis agus toilcachadh dhut bho seo a mach ann an ùrachd na beatha, gu onoir agus glòir d’Ainm; troimh Iosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.

    Gun dèan Dia uile-chumhachdacli tròcair oirbh, ar n-Athair nèamhaidh a gheall bho a mhór thròcair maitheanas pheacannan do na h-uile a thionndaidheadh d’a ionnsaidh le aithreachas ’nan cridhe agus le fior chreideamh; gum maith e dhuibh ur peacannan uile agus gun saor e bhuapa sibh; gun daingnich agus gun neartaich e anns a h-uile maitheas sibh, agus gun toir e chun na beatha sìorraidh sibh; troimh Iosa Crìosd ar Tighearna. Amen.
 

Appendix

Alternative Forms

Confession & Absolution

    Thuirt ar Tighearna Iosa Crìosd: éisd o Israeil, an Tighearna ar Dia, is aon Dia e. Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia le d’uile chridhe, le d’uile anam, le d’uile inntinn agus le d’uile neart. Is i seo a’ cheud àithne. Agus is cosmhail an dara rithe: Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhéin. Chan eil àithne eile ann a tha nas motha na na h-àitheantan seo.

Tha an Lagh uile agus na Fàidhean an crochadh air an dà àithne seo.

P. A Thighearna, dèan tròcair oirnn, agus sgrìobh do laghan seo ’nar cridheachan, tha sinn a’ guidhe ort.

 

Summary of the Law

AN EADAR-GHUIDHE

An dara Leadan goirid

Guidheamaid air an Trianaid uile-naoimh agus uile-bheannaichte gum builich i tròcair agus gràs oirnn agus air na daoine uile.

[A Dhia, an t-Athair, dèan tròcair oirnn.
A Dhia, am Mac, dèan tròcair oirnn.
A Dhia, an Spiorad Naomh, dèan tròcair oirnn.]

    Sìn a mach do làmh oirnn, a Thighearna, agus sàbhail sinn, tog sinn agus dìon sinn.

    A Thighearna, dèan tròcair.

    Guidheamaid airson na sìthe a tha tighinn a nuas, agus airson slàinte ar n-anmannan.

    Guidheamaid airson sìth an t-saoghail gu léir, agus airson sonas agus aonachd Eaglais Dhé.

    Guidlieamaid airson iompachadh an fheadhainn sin a tha anns a’ mhi-chreideamh agus anns a’ mhearachd.

    Guidheamaid airson ar dùthcha, airson an àite (no: airson a’ bhaile) seo, airson na Sgìreachd seo, agus airson nan uile a tha gabhail còmhnaidh ann.

    Guidheamaid airson an t-sluaigh Chrìoslaidh gu léir air feadh an t-saoghail.

    Guidheamaid airson nam Prionnsachan agus nan Riaghladairean Crìosdaidh uile, agus gu h-àraid airson ar Bantighearna rìoghail, a’ Bhanrìgh Ealasaid.

    Guidheamaid airson nan uile aig a bheil ùghdarras anns an dùthaich seo agus gu h-àraid anns an t-siorrachd (no: anns a’ bhaile, no: anns an àite) seo.

    Guidheamaid airson Easbaigean agus cléir Eaglais Chrìosda, agus gu h-àraid airson N . . . ar n-Easbaìg-ne.

    Guidheamaid airson luchd-turais agus airson luchd-cuairt gu léir.

    Guidheamaid airson seasmhachd anns a’ chreideamh agus airson ar bràithrean thar chuan.

    Guidheamaid airson nan uile a tha tinn no a’ fulang ’nan inntinn, ’nan corp no ’nan staid.

    Guidheamaid airson bàis naoimh shona, airson fois ann am Pàrras, agus airson sealladh foirfe glòir Dhé.

    Guidheamaid gum faod sinne na naoimh agus na martairean beannaichte a leantainn ann a bhith a’ giùlan ar crois roimh ’n t-saoghal.

    Guidheamaid airson nam marbh creidmheach.

 

Intercessions

Shorter Litany

  Faodar a Leadan a dhùnadh le ùrnuigh.
No faodar
AN EADAR-GHUIDHE a dhèanamh anns an fhoirm seo a leanas no ann am foirm chosmhail:

    Guidheamaid airson Eaglais Dhé gu léir, ann an Iosa Crìosd, agus airson nan uile dhaoine a réir an éiginn.

    A Dhia uile-chumhachdaich, a tha air gealltainn éisdeachd ris na h-ùrnuighean aca-san a tha ag iarraidh ann an creideamh:

An seo faodar ùrnuigh a dhèanamh airson na h-Eaglais air feadh an t-saoghail, agus gu h-àraid airson na Sgìreachd agus airson a h-Easbaig; airson dìth shònraichte sam bith na h-Eaglais; agus faodaidh greiseag tosd a bhith ann; an déidh seo faodar a ràdh:

Eisd, a Thighearna, ’nad thròcair ri ar n-ùrnuigh.
Deònaich gun aonaichear sinn a tha ’g aideachadh d’Ainm ’nad fhìrinn; gum bi sinn beò còmhla ri chéile ’nad ghràdh, agus gun nochd sinn a mach do ghlòir anns an t-saoghai.

An seo faodar ùrnuigh a dhèanamh airson dùthchannan an t-saoghail, agus gu h-àraid airson na rìoghachd seo agus airson Ealasaid, a’ Bhan-righ; airson nan uile dhaoine ’nan dreuchdan fa leth; agus a rithist faodaidh greiseag tosd a bith ann; an déidh seo faodar a radh:

Eisd, a Thighearna, ’nad thròcair ri ar n-ùrnuigh.
Treòraich an dùthaich seo agus na dùthchannan uile ann an slighean a’ cheartais agus na sìthe, los gun urramaich sinn daoine uile agus gun sir sinn am math coitcheann.

An seo faodar ùrnuigh a dhèanamh air an sonsan a tha tinn, bochd agus fo thrioblaid; airson na h-éiginn phearsannan sònraichte; agus a rithist faodaidh greiseag tosd a bhith ann; agus an déìdh seo faodar a ràdh:

Eisd, a Thighearna, ’nad thròcair ri ar n-ùrnuigh.
Sàbhail agus cobhair iadsan a tha fulang, los gun cum iad riut-sa troimh mhath agus troimh olc; agus gun cuir iad earbsa ’nad ghràdh cinnteach.

An seo faodar cuimhneachadh a dhèanamh air na mairbh, faodar luaidh a dhèanamh orra lè’n ainm-san; agus a rithist faodaidh greiseag tosd a bhith ann: an déidh seo faodar a ràdh:

Eisd, a Thighearna, ’nad thròcair ri ar n-ùrnuigh.
Eisd ruinn mar a chuimhnicheas sinn orra-san a chaochail anns a’ chreideamh, agus deònaich dhuinn roinn ’nad rìoghachd shìorraidh maille riutha-san.

Aig crìoch nan ùrnuighean, canar:

Deònaich ar n-ùrnuighean seo, ’Athair thròcairich, air sgàth do Mhic, ar Slànaighear Iosa Crìosd. Amen.

  

Alternative Intercessions

AIG AN TAIRGSE

Aig Tairgse an Arain agus an Fhìona faodar na h-ùrnuighean a leanas a ràdh:

S. Is beannaichte a tha thu, a Thighearna, Dia na cruitheachd gu léir; troimh do mhaitheas tha an t-aran seo againn ri thairgse, a thug an talamh suas agus a rinneadh le làmhan daonda; Bidh e air ar son-ne ’na aran na beatha.

P. Beannaichte gu robh Dia gu bràth.

S. Is beannaichte a tha thu, a Thighearna, Dia na cruitheachd gu léir; troimh do mhaitheas tha am fion seo againn ri thairgse, toradh na croinn-fhìona agus obair nan làmhan daonda; Bidh e ’na dheoch spioradail dhuinn.

P. Beannaichte gu robh Dia gu bràth.

At the Offertory

 

Web author: Charles Wohlers U. S. EnglandScotlandIrelandWalesCanadaWorld